24.11.2017
Tha Comataidh na Co-ionannachd is Chòraichean Daonna aig Taigh an Ròid a’ sireadh beachdan a’ mhòr-shluaigh mu Bhile nan Eucoirean Feiseil Eachdraidheil (Mathanasan is Gan Cur an Dàrna Taobh) agus am Bile sin air tòiseachadh a’ dol tro Phàrlamaid na h-Alba.
Mus tèid am Bile na lagh, nì Buill na Comataidh sgrùdadh air. Tha am Bile a’ moladh mathanas a thoirt don a h-uile fireannach a chaidh a dhìteadh airson feise co-aontachail le fireannach eile fo na seann laghan leth-bhreitheach agus, ma thèid iarraidh, gun tèid dìtidhean a chur an dàrna taobh gu laghail. Le bhith a’ cur dìteadh an dàrna taobh, bhiodh sin a’ ciallachadh nach bithear a’ toirt fa-near don dìteadh nuair a bhite a’ sireadh dearbhadh air an fhiosrachadh phearsanta aig daoine.
A’ bruidhinn mun ghairm airson fianais, thuirt Neach-gairm na Comataidh Cairistìona NicShealbhaich BPA:
“Tha am Bile seo ag amas air cur às do dh’ana-ceartas le bhith a’ dèanamh cinnteach nach dèan dìtidhean an còrr cron air beatha fhireannach a chaidh a dhìteadh airson gnìomhan nach eil nan eucoir tuilleadh.
“Tha e glè chudromach gun ionnsaich sinn bhon bhuaidh a tha na laghan leth-bhreitheach seo air a thoirt air beatha dhaoine feuch nach tachair a leithid a-rithist.
“Mar Chomataidh, bidh sinn a’ cur seachad beagan mhìosan a’ coimhead gu mionaideach air susbaint a’ Bhile gus an urrainn dhuinn beachdachadh air pàirtean dheth a tha feumach air an leasachadh no an atharrachadh. Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith le beachdan air a’ Bhile.
“Tha sinn gu sònraichte airson cluinntinn bho fhireanaich a gheibh mathanas agus a tha ’s dòcha ag iarraidh tagradh a chur a-steach gus na dìtidhean aca a chur an dàrna taobh. Ma bheir am Bile buaidh ort, no air cuideigin as aithne dhut, tha sinn gu mòr airson gun gabh thu pàirt san obair againn. Dèiligidh sinn ri sgeulachdan pearsanta dhaoine gu tuigseach agus gu bàidheil.”
Tha a’ Chomataidh ag iarraidh beachdan a chluinntinn mun phròiseas gus dìteadh a chur an dàrna taobh, agus bidh iad a’ faighneachd a bheil am Bile a’ dèanamh gu leòr gus dèiligeadh ris a’ bhuaidh a bh’ aig na seann laghan leth-bhreitheach air fireannaich a chaidh a dhìteadh fòdhpa.
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear lethbhreac den Bhile air làrach-lìn na Pàrlamaid.
Gheibh daoine nach maireann mathanas cuideachd.
Gheibhear fios mun Ghairm airson Fianais air duilleagan-lìn na Comataidh.
A’ Cur Bheachdan A-steach
’S e an ceann-latha airson beachdan a chur a-steach, Dihaoine 19 Faoilleach 2018.
Faodaidh tu beachd a chur a-steach ann am post-d gu [email protected]
No faodaidh tu sgrìobhadh gu:
Clàrc Comataidh Co-ionannachd is Chòraichean Daonna
Seòmar T2.60
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann EH99 1SP