19.03.2018
Thig na trioblaidean leantainneach le Creideas Coitcheann, a bharrachd air tiomnadh chumhachdan air sochairean sòisealta, fon phrosbaig aig Comataidh Tèarainteachd Shòisealta ann am Pàrlamaid na h-Alba agus iad a’ cluinntinn bhon Fhìor Urr. Esther McVey, Rùnaire na Stàite airson Obair is Peinnseanan.
Bidh coinneamh na
Comataidh air Diluain 16 Giblean,
anns am bi Esther McVey a’ nochdadh aig Taigh an Ròid don chiad turas, a’
tachairt aig àm nuair a tha Pàrlamaid na h-Alba a’ beachdachadh air Bile
Tèarainteachd Shòisealta. Fon Bhile, bithear a’ dèiligeadh ri tiomnadh
chumachdan air 11 sochairean sòisealta agus caiteachas luach £2.9 billean gach
bliadhna.
Thuirt
Neach-gairm na Comataidh, Clare Adamson BPA:
“Tha a’
choinneamh seo a’ tighinn aig àm cudromach airson tèarainteachd shòisealta ann an
Alba. Chan ann a-mhàin gu bheil a’ Phàrlamaid an impis dreachd dheireannach a
chur air Bile Tèarainteachd Shòisealta, ach tha e soilleir gu bheil
duilgheadasan ann a thaobh cur air bhog a’ Chreideis Choitchinn a dh’fheumar
fuasgladh agus fuasgladh gu luath. ’S ann air an adhbhar sin a tha a’
Chomataidh againn toilichte gum bi Rùnaire na Stàite a’ nochdadh air ar
beulaibh.
“Bidh sinn a’
cleachdadh na coinneimh seo a bhruidhinn mu dheidhinn nan cuspairean seo agus a
dhèanamh cinnteach gum bi eadar-ghluasad nan cumhachdan a’ tachairt gu rèidh.
Ach nas cudromaiche, bidh sinn a’ cleachdadh a’ chothroim seo a dhèanamh
cinnteach nach bi duine dhinn a’ dèanamh dearmad orrasan air am bi na
h-atharrachaidhean a’ toirt buaidh agus gum faod earbsa a bhith aig a h-uile
duine ann an siostam na tèarainteachd sòisealta.”
Bidh a’
choinneamh a’ gabhail àite air Diluain 16 Giblean, agus thèid barrachd
fiosrachaidh, leithid fiosrachadh air àm na coinneimh, a sgaoileadh nas fhaisge
air an latha.
Cùl-fhiosrachadh
Thug a’ Chomataidh
cuireadh don Rùnaire na Stàite a bha ann an dreuchd roimhe, am Fìor Urr David
Gauke BP, a thighinn gu coinneamh anmoch ann an 2017. A’ leantainn air gluasad
buill a’ Chaibineit aig ìre na Rìoghachd Aonaichte, chaidh an cuireadh seo a
thoirt gu Esther McVey BP mar an neach a thàinig na àite.
Nochd Rùnaire na
Stàite a bha ann, am Fìor Urr. Damian Green BP, air beulaibh na Comataidh air 3
Samhain 2016. B’ e seo a’ chiad turas a bha Ministear bho Riaghaltas na
Rìoghachd Aonaichte air nochdadh air beulaibh na Comataidh. Gheibhear tuilleadh
fiosrachaidh air a’ choinneimh sin an seo.