05.04.2018
Thèid Seachdain na
h-Alba a chomharrachadh le Pàrlamaid na h-Alba a-rithist nuair a bhios
buidheann-riochdachaidh a’ tadhal air New York, Baile Québec agus Washington
DC.
Bidh an t-Oifigear Riaghlaidh aig ceann
buidhne-riochdachaidh sa bheil Johann NicLaomainn
BPA agus Clare Haughey
BPA, agus
bidh iad a’ gabhail pàirt ann an caismeachd Latha a’ Bhreacain còmhla ris an Àrd
Mharshall KT Tunstall – a’ chiad Àrd Mharshall boireann anns na fichead bliadhna
den chaismeachd. Bidh na BPA a’ tighinn còmhla ri pìobairean, còmhlain agus
dannsairean a’ dèanamh an slighe sìos an Siathamh Avenue ann an New York.
A bharrachd air a bhith a’
riochdachadh na Pàrlamaid aig a’ chaismeachd, bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh
ri buidhnean leithid Boireannaich nan Nàiseanan Aontaichte agus Oifis Maoir Chathair-bhaile
New York. Bruidhnidh iad mu innleachdan
ùra a’ gabhail a-steach iomairt Smart City New York, agus ceannardas boireann
ann an com-pàirteachadh poilitigeach.
An uair sin bidh a’ bhuidheann-riochdachaidh
a’ dol a Québec far an coinnich iad ris a’ Cheann-suidhe, Buill agus oifigearan
Sheanadh Nàiseanta Québec. Bidh iad a’ deasbad chuspairean mar ath-leasachadh
pàrlamaideach, mar a dhèilig Pàrlamaid na h-Alba ris na casaidean sàrachadh feise
a nochd an seo as t-fhoghar sa chaidh an dèidh gluasad #MeToo, ceangal taobh
a-muigh, agus foghlam.
Mu dheireadh, ann an
Washington DC, coinnichidh a’ bhuidheann-riochdachaidh ri diofar thaighean-meòrachaidh,
Oifis a’ Mhaoir agus Oifis Buidseit a’ Chongress. Is e fòcas nan còmhraidhean
obair ‘taigh-meòrachaidh’ Pàrlamaid na h-Alba, Fòram Alba san Àm ri Teachd.
Bithear a’ roinn fiosrachadh len com-pàirtichean sna Stàitean air oidhirpean an
Fhòraim gus beachdachadh air ceistean poileasaidh connspaideach, leithid robotaireachd
agus poileasaidh dhrugaichean, ann an dòigh fhad-ùine, neo-phàirteach, agus bidh
iad a’ sireadh fiosrachadh a chuireas ris an obair aca.
A’ bruidhinn ron turas,
thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Coinneach Mac an Tòisich BPA:
"Tha an turas seo na chothrom daingneachadh a dhèanamh air a’ chàirdeas
agus na ceanglaichean a tha air sgaoileadh thar a’ Chuan Siar airson iomadh
ginealach, agus dèanamh cinnteach gu bheil iad fhathast ann airson bliadhnaichean
ri thighinn.
"Tha Seachdain na h-Alba agus Latha a’ Bhreacain na chothrom do
mhilleanan de dhaoine an ceanglaichean ri Alba a chomharrachadh. Bidh ar
buidheann-riochdachaidh còmhla riutha a’ comharrachadh nan ceanglaichean sin,
chan ann a-mhàin air sràidean New York, ach ann an cuideachd cheannardan
timcheall Ameireaga a Tuath.
"A thuilleadh air a bhith a’ roinn na tha sinn a’ toirt gu buil gu
soirbheachail, agus far a bheil sinn ri innleachdas, bidh sinn cuideachd ag
èisteachd agus ag iarraidh leasanan ionnsachadh bho ar luchd-compàirt uair sam
bith as urrainn dhuinn".
Cùl-fhiosrachadh
Tha Johann
NicLaomainn BPA na Neach-gairm air Comataidh nan
Athchuingean Poblach agus na h-Iar Neach-gairm air a’ Chomataidh
Foghlaim agus Sgilean. Tha i cuideachd na ball de Bhuidheann
Comhairleachaidh An Oifigeir Riaghlaidh air ath-leasachadh pàrlamaideach.
Tha Clare Haughey BPA na
Neach-gairm air a’ Chomataidh
Inbhean, Dhòighean-obrach agus Cur-an-Dreuchd Phoblaich, agus na Ball Bùird de dh’Fòram Alba san Àm ri Teachd.
Am-bliadhna, bidh KT
Tunstall aig ceann Caismeachd Latha a’ Bhreacain, a’ chiad bhoireannach a fhuair
dreuchd an Àrd Mharshall ann am 20 bliadhna a’ chaismeachd.
Bhon Ghiblean an-uiridh,
tha an t-Oifigear Riaghlaidh air fàilte a chur air Luchd-labhairt Cholombia Bhreatannaich
(Darryl Plecas) agus Ontario (Dave Levac), agus inntearnaich bho Phàrlamaidean
Feadarail Chanada agus Pàrlamaid Québec, gu Taigh an Ròid.
Thug an t-Oifigear
Riaghlaidh cuideachd fianais seachad do Chomataidh Nuadhachaidh Seanadh Chanada,
tro cheangal bhidio, às deidh dha tadhal air a’ Phàrlamaid Fheadarail sa
Ghiblean an-uiridh.
Tha liosta iomlan gu
h-ìosal de na buidhnean ris a bheil a’ bhuidheann-riochdachaidh an dùil coinneachadh:
·
Boireannaich nan Nàiseanan Aonaichte
·
Malairt Stoc New York
·
Oifisean Maoir Chathair-bhaile New York agus Maoir
Washington DC
·
Cuirm Luchd-ceumna Oilthighean na h-Alba
·
Buill agus Oifigearan an Assemblée National du
Québec (a’ gabhail a-steach Ceann-suidhe an t-Seanaidh Nàiseanta agus
Cathraichean Comataidh)
·
Roinn Còmhdhail nan SA
·
Buidheann Eadar-nàiseanta an Luchd-obrach
·
Oifis Buidseit a’ Chongress
·
Ionad Poileasaidh Dà-phàirteach,
·
An t-Institiùd Deamocratach Nàiseanta,
·
Fòram Prìobhaideachd san Àm ri Teachd, agus
·
Pròiseact nam Mìle Bliadhna
Bho 1998, tha Latha a’ Bhreacain
air a bhith aithnichte le Taigh Riochdairean na SA mar chomharrachadh oifigeil
air na tha Albannaich Ameireaganach air cur ri cultar agus beatha nan SA.
Is e prògram seachdaine
de thachartasan ann an Canada agus New York a tha ann an Seachdain na h-Alba
2018, ag amas air a h-uile rud Albannach a bhrosnachadh. Tha caogad millean
neach air feadh an t-saoghail den bheachd gu bheil buntainneas aca ri Alba – a’
mhòr-chuid ann an Ameireagaidh agus Canada.
Tha tuilleadh
fiosrachaidh mu na tachartasan uile ann an Seachdain na h-Alba (làrach-lìn taobh
a-muigh) ri fhaighinn air-loidhne.