28.01.2019
Bu chòir dàil a chur air siostam ùr airson suidheachadh ionmhasail dhaoine ann am fiachan no bristeachas a thomhas gus an tèid ceistean sònraichte a fhreagairt, a rèir comataidh Thaigh an Ròid.
Às dèidh rannsachadh na Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd
agus Obair Chothromach air Riaghailtean an Inneil Ionmhasail Choitchinn (Alba),
tha a’ Chomataidh air moladh gum tèid
ath-bhreithneachadh nas farsainge a dhèanamh, agus gum bu chòir an siostam a
thathar a’ moladh a chur dheth rè bliadhna, gu Màrt 2020.
Is e seo an dàrna turas a tha a’ Chomataidh air diùltadh
aontachadh ris an t-siostam, rud a thug air Riaghaltas na h-Alba na
riaghailtean a tharraing air ais san t-Samhain 2018.
Rè an sgrùdaidh aice, chuala a’ Chomataidh fianais bho
luchd-comhairleachaidh ionmhasail nach eil, fon Bhun-aithris Ionmhasail (SFS),
na figearan measaidh, a tha a’ stèidheachadh ìre nan ath-phàighidhean gus
gabhail sùim air cosgaisean riatanach na dachaigh, cho sùbailte agus gu feum
iad barrachd fianais mus faigh iad aonta. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil e nas
coltaiche gum bi duilgheadas aig luchd-fiach a’ pàigheadh airgead air ais, agus
gum bi barrachd uallaich air luchd-comhairleachaidh.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Eaconamaidh,
Cumhachd agus Obair Chothromach, Gordon Lindhurst:
“An
dèidh beachdachadh farsaing air na riaghailtean, chan eil a’ Chomataidh cinnteach
mun Bhun-aithris Ionmhasail. Tha teagamhan mòra againn a thaobh na feallsanachd
airson gluasad chun SFS agus a’ bhuaidh a bhios aige air ìre bith-beò nan
daoine a tha a’ pàigheadh fhiachan air ais.
“Ged a b’ e adhbhar an SFS
a thoirt a-steach gum biodh dòigh-obrach chunbhalach ann air feadh na RA, tha a’
Chomataidh a’ moladh dàil gus an tèid sgrùdadh nas mionaidiche a dhèanamh le
Riaghaltas na h-Alba.”
Fon t-siostam làithreach,
tha an Aithris Ionmhasail Coitcheann (CFS) a’
cuideachadh a’ tomhas moladh pàighidh dhaibhsan a tha ann am fiachan gus
an luchd-creideis aca a phàigheadh. Ach bha dùil gun deigheadh am Bun-aithris
Ionmhasail (SFS) an àite an CFS sa Mhàrt 2019.
Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun cleachdar an CFS airson bliadhna
eile fhad ’s a nithear ath-sgrùdadh air na roghainnean. Bu chòir don sgrùdadh
sin beachdachadh air:
·
Ìre as lugha de theachd-a-steach do
luchd-fiach.
·
Lùghdachadh an uallach rianachd air
comhairlichean airgid.
·
Barrachd cothruim airson breithneachadh
proifeasanta.
·
Fianais bho luchd-fiach le eòlas air na
pròiseasan measaidh teachd-a-steach làithreach.
Cùl-fhiosrachadh
Rinn an Achd Banc-bhristeachais is Comhairle Fhiachain (Alba)
2014 reachdas a thaobh siostam coitcheann airson measadh teachd-a-steach
neach-fiach nuair a chleachd iad fuasgladh fhiachan reachdail ann an Alba. Is e
seo an t-Inneal Ionmhasail Coitcheann. Is e na trì fuasglaidhean reachdail air fiachan:
bristeachas, rann urrais fo dhìon agus an Sgeama Eagrachaidh Fhiachan.
Is e seo an dàrna turas a dh’innis a’ Chomataidh do Riaghaltas na h-Alba mu na teagamhan
sònraichte aca mun SFS a’ dol an àite an CFS mar an Inneal Ionmhasail
Coitcheann.
Chaidh na
Riaghailtean a stèidheachadh bho thùs air 15 Ògmhios agus chaidh an toirt air
ais air 10 Lùnastal 2018 às dèidh iarrtasan bhon roinn comhairle a’ sireadh ùine
ullachaidh nas fhaide ro thoiseach tòiseachaidh. Chaidh na Riaghailtean
ath-stèidheachadh air 19 Sultain agus chaidh an toirt air ais an dàrna turas
air 9 Samhain 2018 às dèidh litir bhon Chomataidh chun a’ Mhinisteir airson Gnothachais, Obair
Chothromach agus Sgilean, a bha a’ mìneachadh dhraghan sònraichte nam ball.
Contact information
Media Information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: