Tha Comataidh aig Taigh an Ròid a’ cur aonta ri Bile Dìon Co-ionann bho Ionnsaigh

16.05.2019

Tha a’ mhòr-chuid de BhPA air Comataidh Co-ionannachd is Còraichean Daonna aig Taigh an Ròid air aonta a chur ri prionnsapalan coitcheann Bile na Cloinne (Dìon Co-ionann bho Ionnsaigh) anns an aithisg aca aig Ìre 1.

Chuireadh am Bile, a thug Iain Finnie BPA a-steach, às don dìon “smachd reusanta” ann an Lagh na h-Alba agus tha e ag amas air stad a chuir ar peanas corporra chloinne.

Tha aithisg na Comataidh air co-dhùnadh gum biodh atharrachadh anns an lagh a’ ciallachadh gum bi Alba a rèir a dhleastanasan eadar-nàiseanta air Còraichean Daonna, gum biodh e a’ leasachadh dìon chloinne, agus na inneal brosnachaidh airson atharrachadh adhartach ann an cleachdaidhean.

Thug a’ Chomataidh fa-near na draghan a chuala iad mun Bhile, gu h-àraid mu dheidhinn a bhith ‘a’ dèanamh eucoirich de phàrantan’ agus còraichean phàrant gus an cuid cloinne a thogail a rèir am miann fhèin. Ach chan eil a’ Chomataidh a’ creidsinn gum biodh atharrachadh air an lagh ag adhbharachadh àrdachadh mòr anns an àireimh theaghlaichean a thig fo bhuaidh an t-siostam ceartas eucorach. Cha mhotha a shaoil iad gu bheil còir air beatha teaghlaich a’ toirt a-steach còir air clann a bhualadh.

An-dràsta, faodar an dìon ‘smachd reusanta’ a chleachdadh ann an cùisean ionnsaigh far a bheil pàrant no neach-cùraim air buille no deiseag a thoirt do leanabh no a pheanasachadh gu corporra ann an dòigh eile. Mar thoradh air sin, chan eil uiread dìon laghail aig clann bho ionnsaigh ’s a tha aig inbhich, agus chan eil cùisean far am b’ urrainnear an dìon seo a chleachdadh air am beachdachadh gu cunbhalach leis an t-siostam ceartais.

A’ labhairt mar a chaidh an aithisg fhoillseachadh, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Rut NicGuaire BPA:

“Tha dèanamh às don dìon laghail a tha a’ dearbhadh gu faod pàrant an leanabh aca a bhualadh na fhìor chruth-atharrachadh ann an lagh na h-Alba agus cultar na h-Alba.

Thuirt B.Uas. NicGuaire cuideachd:

“Tha còrr is trì deicheadan bho chaidh stad a chur air a h-uile peanas corporra ann an seòmraichean-teagaisg, agus tha làn thìde a-nis crìoch a chur air aig an taigh cuideachd. Nì an lagh seo cinnteach gum bi ar cuid chloinne air an dìon gu laghail bho ionnsaigh anns an aon dòigh ri inbhich.

“Tha earail gu math soilleir aig a’ Bhile seo mu na tha freagarrach do phàrantan, seirbheisean poblach agus clann.

“Tha a’ mhòr-chuid de Bhuill na Comataidh den bheachd gun atharraich an gluasad seo Alba ann an dòigh nas fheàrr.”

Thug eòlas dhùthchannan mar Èirinn agus Sealainn Nuadh, far an deach atharrachaidhean den leithid a thoirt a-steach gu soirbheachail, gun meudachadh mòr ann an casaidean, cuideachd buaidh air a’ chomataidh.

Fhad ’s a bha iad a’ gabhail fianais, chuala a’ Chomataidh bho raon cho farsaing de bhuidhnean le ùidh sa ghabhadh, gu tric taobh a-muigh suidheachadh foirmeil na Pàrlamaid. Ghabh an obair com-pàirteachaidh seo a-steach:

• Coinneachadh ri daoine òga, pàrantan, seanairean is seanmhairean, agus luchd-cùraim aig buidhnean coimhearsnachd ann an Dùn Èideann, Cathair Challdainn, Glaschu, Meadhan Lodainn agus an t-Eilean Sgitheanach.

• A’ coinneachadh ri sgoilearan anns an Eilean Sgitheanach, agus a’ faighinn bheachdan còrr is 300 sgoilear bho air feadh na h-Alba.

• Seisean Cheistean is Freagairt, a bharrachd air coinneamh fhoirmeil den Chomataidh le buidhnean creideimh ann am Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach.

Cùl-fhiosrachadh

Chuir còignear de na seachdnar BPA air a’ Chomataidh taic ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile. B’ iad: Rut NicGuaire BPA, Ailig Cole-Hamilton BPA, Màiri Fee BPA, Fulton MacGriogair BPA agus Gail Ros BPA.

B’ iad an dithis Bhall nach do dh’aontaich ris an aithisg Oliver Mundell BPA agus Anna Wells BPA. Faodar an Aithris Mion-chuid aca a leughadh ann an Leas-phàipear A den aithisg.

Faodar fiosrachadh mu sgrùdadh na Comataidh mun Bhile a leughadh an seo.

Contact information

Media information

 Committee information

 

 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • [email protected]
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.