01.07.2019
Tha a’ Chomataidh
Eaconamaidh Dhùthchail agus Ceangalachd a’ lorg bheachdan bho raon farsaing de
luchd-cleachdaidh rathaidean air èifeachdas na dòigh-obrach làithreach airson
rathaidean ann an Alba a chumail suas, agus a’ faighneachd a bheil ìrean
maoineachaidh làithreach gu leòr.
Tha lìonra rathaidean na h-Alba a’ toirt a-steach cha mhòr 56,000km de
rathaidean, a bharrachd air slighean-coise, drochaidean, solais, soidhnichean
agus loidhnichean. Tha uallach air ùghdarrasan ionadail airson 25,600km de
rathaidean clàraichte agus 26,800km de rathaidean neo-chlàraichte. Tha Còmhdhail
Alba an urra ri 3,600km de mhòr-rathaidean agus prìomh rathaidean, nach eil ach
mu 6% den lìonra rathaid ach a tha a’ giùlan trian den trafaig.
Tha Sgrùdadh Alba, ann an sreath de dh’aithisgean air cumail suas
rathaidean anns na bliadhnachan mu dheireadh, air a bhith a’ togail ceist mu
inbhe rathaidean ionadail, ann an co-theacs bhuidseatan a tha a’ crìonadh.
Thuirt
Neach-gairm na Comataidh, Eideard Mountain BPA:
“Tha na mìltean mhìltean de
rathaidean ann an lìonra rathaid na h-Alba
a tha bunaiteach ann a bhith a’ ceangal choimhearsnachdan agus a’ cumail taic
ri eaconamaidhean nàiseanta agus ionadail.
“Tha sinn airson cluinntinn bho gach neach-cleachdaidh rathaid air feadh
na h-Alba, bho luchd-obrachaidh còmhdhail mharsanta mhòr, gnothachasan beaga
ionadail, ùghdarrasan rathaid, buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa leth gus
an urrainn dhuinn tuigse dhomhainn fhaighinn air cho èifeachdach agus a tha
rathaidean na h-Alba gan cumail.”
Thathar an dùil gun tèid toradh na h-eacarsaich seo a bhiathadh a-steach
do phlanaichean buidseit Riaghaltas na h-Alba agus leasachadh poileasaidh san
àm ri teachd.
Cùl-fhiosrachadh
Bu mhath leis a’ Chomataidh beachd fhaighinn air na raointean a leanas:
• Ciamar a
thug co-dhùnaidhean mu chaitheamh airgid air obair rathaidean buaidh air
càileachd rathaidean, luchd-cleachdaidh rathaidean, gnìomhachasan, seirbheisean
poblach agus an eaconamaidh ann an Alba?
• Ma dh’fhuiricheas
cosgais air rathaidean aig na h-ìrean aig a bheil e an-dràsta, dè a’ bhuaidh a dh'fhaodadh
a bhith air na buidhnean gu h-àrd?
• Ciamar a b’
urrainnear dèiligeadh ri droch bhuaidh sam bith air lughdachadh ann an cosgais air
rathaidean?
• An e am modail
a th’ ann an-dràsta airson maoineachadh is lìbhrigeadh càradh rathaidean, a tha
air a roinn eadar Còmhdhail Alba agus ùghdarrasan ionadail, an roghainn as tarbhaiche
agus as èifeachdaiche?