Boireannaich ann an Sealtainn, Siorrachd Obar Dheathain, sna h-Eileanan Siar agus ann an Earra-Ghàidheal is Bòd gam brosnachadh a dhol an sàs ann am poilitigs

30.07.2019

Tha cuireadh do bhoireannaich ann an Sealtainn, Siorrachd Obar Dheathain, sna h-Eileanan Siar agus ann an Earra-Ghàidheal is Bòd frithealadh air tachartas saor an-asgaidh gus sealltainn air slighean gu dreuchdan air an taghadh Disathairne 7 Sultain. Tha seo mar aonan de chaochladh ionadan roinneil ‘Boireannaich na h-Alba a’ Seasamh’, a nì ceangal ri coinneamh sa mheadhan ga cumail le 400 boireannach ann an Seòmar-deasbaid Pàrlamaid na h-Alba.

Is e a tha ann am ‘Boireannaich na h-Alba a’ Seasamh’ iomairt airson barrachd riochdachaidh ann an seagh poilitigeach do bhoireannaich a tha ga ruith le Pròiseact na Pàrlamaid agus an YMCA – Gluasad nam Boireannach Òga, leis h-ionadan roinneil gan cuideachadh agus gan ruith leis na h-ùghdarrasan ionadail anns gach sgìre. 

Faodaidh boireannaich aig an ionad sealltainn agus pàirt iomlan a ghabhail ann an tachartasan mar a dh’èireas iad aig Pàrlamaid na h-Alba agus ceistean a chur air an luchd-labhairt. An dèidh seo bidh bùth-obrach ann a’ rannsachadh shlighean gus dreuchdan air an taghadh, agus sàrachadh bhacaidhean. 

Tha na tachartasan fosgailte do bhoireannaich aig gach aois, às gach àite agus gach claonadh poilitigeach. Bidh an là na chothrom barrachd èisteachd mun chomas do bhoireannaich guth a bhith aca ann an saoghal poilitigeach na h-Alba agus cluinntinn bho dhaoine cliùiteach is brosnachail a tha an sàs ann an dreuchdan bunaiteach mar-thà. .

Thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh, Linda Fabiani BPA, a bhios sa chathair aig an tachartas:

“Tha e cudromach gum bi boireannaich ann am poilitigs air an taghadh aig gach ìre. Tha a’ Phàrlamaid mothachail air seo agus tha sinn cho riaraichte fàilte a chur air Boireannaich na h-Alba a’ Seasamh a-steach don t-Seòmar againn. Tha sinn cuideachd cianail toilichte gun tèid againn air ceangal a dhèanamh ri boireannaich aig na h-iomadh-ionadan seo.

“Tha mi mothachail gum faodadh a bhith a’ seasamh a bhith na chùis-eagail, agus mar sin tha mi an dòchas gum brosnaich an tachartas boireannaich agus gun toir e rud beag den dìomhaireachd a-mach à poilitigs. Bu mhòr an toradh e air an fhicheadamh ceann-bliadhna againn nan robh riochdachadh poilitigeach bhoireannach air a dhol am feabhas aig an ath  cheann-bhliadhna mar chlach-mhìle againn. 

Thuirt Lee Chalmers, a stèidhich Pròiseact na Pàrlamaid:

“Tha Boireannaich na h-Alba a’ Seasamh mu bhoireannaich às gach ceàrnaidh den dùthaich againn a’ rannsachadh nan ceann-crìche poilitigeach aca, biodh iad nam boireannaich às a’ bhaile-mhòr no air an dùthaich, air tìr-mòr no às na h-eileanan. Tha sinn cho riaraichte a bhith ag obair leis na 4 Comhairlean Ionadail seo gus an là seo a dhèanamh ruigsinneach do bharrachd bhoireannach”. 

Cùl-fhiosrachadh

Airson fios mu chlàradh gus frithealadh air an tachartas seo, nach rach sibh gu www.scotwomenstand.org 

Tha Boireannaich na h-Alba a’ Seasamh gam maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.

Is iad ionadan nam bùthan-obrach sna Comhairle an sàs:
• Steòrnabhagh, Uibhist agus Barraigh (Comhairle nan Eilean Siar)
• Liùrabhaig (Sealtainn)
• Ceann Loch Gilb (Earra-Ghàidheal is Bòd)
• Obar Dheathain (Siorrachd Obar Dheathain).

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.