Tha
BPA airson barrachd fhaighinn a-mach mu ciamar a tha am poileas a’ cleachdadh
an inneil ùr seo a tha a’ sìor fhàs cumanta, agus planaichean air a shon anns
an àm ri teachd.
Faodaidh
teicneòlas aithneachadh-aodainn a bhith ‘beò’ no na ‘iar-shealladh’. Thathas a’
tuigsinn gu bheil Poileas Alba an-dràsta a’ cleachdadh teicneòlas
aithneachadh-aodainn iar-sheallaidh bho chlàraidhean CCTV, a tha a’ dèanamh
coimeas ri aghaidhean ann an Stòr-dàta Nàiseanta a’ Phoileis. Chan eil e
soilleir an-dràsta a bheil buidhnean poileis eile, leithid Poileas Còmhdhalach
Bhreatainn no a’ Bhuidheann Eucoir Nàiseanta a’ cleachdadh teicneòlas
aithneachadh-aodainn ann an Alba.
Tha
adhartasan ann an teicneòlas a’ ciallachadh gu faodadh ìomhaighean a bharrachd
air ìomhaighean bho CCTV a chleachdadh airson aodann aithneachadh, leithid
ìomhaighean bho chamarathan bodhaige agus fònaichean-làimhe.
A’ bruidhinn nuair a chaidh a’ ghairm bheachdan a-mach, thuirt Neach-gairm
na Fo-chomataidh, Iain Finnie BPA:
“Dh’fhaodadh
aithneachadh-aodainn a bhith na inneal feumail do na poileis ann a bhith a’
sabaid an aghaidh eucoir agus a’ cumail choimhearsnachdan sàbhailte.
“Ach,
cha bu chòir dìochuimhneachadh gu bheil an teicneòlas seo a’ bagairt air
prìobhaideachd dhaoine. Feumar tuigsinn na buaidh a bhios aig cleachdadh
aithneachadh-aodainn a thaobh chòraichean daonna agus an lagh.
“Tha
an Fho-chomataidh airson a bhith cinnteach gu bheil seirbheis a’ phoileis a’
lorg cothromachadh ceart nuair a tha iad a’ cleachdadh an teicneòlais seo. Tha
grunn draghan againn a tha sinn airson sgrùdadh anns na mìosan a tha
romhainn.”
Cùl-fhiosrachadh
Tha
Comataidh a’ Cheartais an-dràsta a’ beachdachadh air Bile
Coimiseanair Beò-meatrachd na h-Alba,
a tha a’ coimhead ri Coimiseanair Beò-meatrachd na h-Alba a thoirt a-steach.
Tha Poileas Alba air innse gu bheil iad a’ feitheamh ris a’ Choimiseanair seo
mus dèan iad deuchainn air aithneachadh-aodainn beò.
Tha timcheall air 13
millean aghaidh ann an Stòr-dàta Nàiseanta Poileas na RA (PND). An-dràsta tha
ìomhaighean ann cuideachd de dhaoine a fhuaras neoichiontach de dh’eucoir sam
bith. Cho-dhùin cùirt ann an 2012 gun robh e an-aghaidh an lagh a bhith a’
cumail ìomhaighean den leithid. Tha na h-ìomhaighean “mì-laghail” fhathast air
an cumail air a’ PhND, agus tha an riaghaltas fhathast a’ sgrùdadh dhòighean
gus an glanadh bhon t-siostam.