BPA ag iarraidh gealladh mu atharrachadh clìomaid ann am Buidseat 2020/2021

14.10.2019

Tha barantasan a dhìth gus a dhearbhadh gun cùm Riaghaltas na h-Alba ri cosg air pròiseactan le ìre ìseal de charbon. Tha seo a rèir aithisg ùr a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Àrainneachd, Atharrachadh Clìomaid agus Ath-leasachadh Fearainn aig Taigh an Ròid. 

Na cuid sgrùdaidh ron bhuidseat, thug a’ Chomataidh fa-near don ghealladh làidir bho Riaghaltas na h-Alba aghaidh a chur air an èiginn mun chliomaìd agus mu bhith-iomadachd. Ach tha ceist mhòr air a’ Chomataidh mun bhuaidh a bheir call sruthan-maoineachaidh an AE air àrainneachd na h-Alba.

Tha a’ Chomataidh cuideachd air barrachd geallaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba gus a dhèanamh cinnteach gum bi gnìomh mun chlìomaid air a neadachadh agus air a mhaoineachadh thar nan roinnean air fad ann an Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Gillian Mhàrtainn BPA:

“Thathar air èiginn mun chlìomaid a ghairm agus gheall Alba brùchdadh aig ìre neoni làn de ghas nan taighean-glainne ro 2045. 

“Gus seo a dhèanamh tha e deatamach fhèin gun toir Riaghaltas na h-Alba prìomhachas do mhaoineachadh a-nis airson gnìomh mu charbon ìseal agus ìre neoni de charbon agus gun dèanar cinnteach nach bi an cosg ‘a’ glasadh a-steach’ brùchdadh a’ charboin fad nam bliadhnaichean ri teachd.”

“Feumaidh sinn aghaidh a chur ann an da-rìribh air an èiginn mun chlìomaid agus mun èic-eòlas agus dèanamh cinnteach gun cuir sinn ris an tasgadh againn ann an gnìomhan mu chalpa nàdarra, mu bhith-iomadachd agus mu atharrachadh clìomaid. Tha cothroman mòra ann gnìomhan tràthail a ghabhail agus dh’fhaodadh cosg nach beag èirigh à cion gnìomha no dàil air gnìomh.”  

 

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.