06.11.2019
Tha Comataidh Eaconomaidh, Lùtha is
Obair Chudromaich air an aithiisg
aice na sgrùdadh air a’ bhuidseat mu chuideachadh roinneil roghainneil, maoin a
bheir taic-ionmhais do ghnìomhachasan ionadail air feadh na h-Alba,
fhoillseachadh an-diugh.
Eadar an Giblean 2009 agus an Cèitean 2019
chaidh còrr is £337 millean a thairgse do ghnìomhachasan ann an Alba, rud a
chuidich an uair sin a rèir aithris gus còrr is 20,000 post a chruthachadh air
feadh na h-Alba. Chaidh aithris cuideachd, ge-tà, gun d’fhuair meadhan na
h-Alba a’ chuid as motha den mhaoineachadh le ceàrnaidhean mar a’
Ghàidhealtachd gun a bhith a’ faighinn dad de mhaoineachadh bho RSA o chionn
trì bliadhna.
Nochd fianais a bharrachd nach robh
fèill shusbainteach air ‘Sgeama poblach Fàis na h-Alba’ air a bheil luach £500
millean a nochd as t-samhradh 2016.
Gu 31 Lùnastal 2019, thathar air £39.8
millean a chosg bhon mhaoin phoblaich agus thàinig £109.7 millean bho thasgadh
prìobhaideach. Tha a’ Chomataidh den bheachd gum bu chòir gum biodh na
buidhnean-iomairt gam maoineachadh gu ceart gus fèill air a’ mhaoin seo is air
cothroman ag èirigh à Banca Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a tha air fàire a
bhrosnachadh.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Gordon
Lindhurst BPA:
“Tha taic ri gnìomhachasan air feadh
na h-Alba deatamach fhèin gus puist a chruthachadh agus fàs a thoirt air an
eaconomaidh agus bha e mar amas ris an sgrùdadh a rinn sinn air a’ bhuidseat
dèanamh cinnteach gum faigheadh gnìomhachasan an taic cheart far am motha a
bheil feum oirre.
“Thug a’ Chomataidh fa-near dhan
bheàrn mhòr eadar duaisean RSA o chionn còig bliadhna agus tha i ag iarraidh
dèanamh cinnteach gun tèid fios bho na roinnean fhoillseachadh gu cunbhalach
agus gu bheil taic a’ dol chun nan àiteachan far a bheil am feum as motha
oirre.”
“Cuideachd, tha a’ Chomataidh a’
comharrachadh an àite chudromaich a tha aig Business Gateway, ga obrachadh leis
na h-ùghdarrasan ionadail is COSLA, gus fèill air maoin leithid an Sgeama Fhàis
nach deach a chleachdadh gu ceart le iomairtean a bhrosnachadh.”
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear
an aithisg an seo