17.01.2020
Tha BPA air Comataidh Ceartais Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh
bheachdan bhon phoball, buidhnean mheadhanan agus foillsichearan, companaidhean
eadar-lìn agus eòlaichean eile mu atharrachaidhean a thathas a’ moladh air an
lagh a thaobh milleadh cliù.
Chaidh iarraidh air Comataidh a’ Cheartais beachdachadh
air a’ Bhile Milleadh Cliù agus Foillseachadh Droch-rùnach, a tha ag amas air
saorsa cainnte dhaoine fa leth a chothromachadh le bhith a’ dìon cliù an
aghaidh bheachdan millteach, meallta no droch-rùnach.
Tha luchd-adhartachaidh a’ Bhile ag argamaid gu bheil
feum air na h-atharrachaidhean air sgàth mar a tha an t-eadar-lìn ag obair, a thuilleadh
air feum a bhith a’ toirt còmhla ann an aon àite na diofar phìosan reachdais
ann an lagh na h-Alba agus an lagh cumanta a thaobh milleadh cliù. Chaidh na
h-atharrachaidhean susbainteach mu dheireadh air an lagh san raon seo a
dhèanamh ann an 1996.
Tha lagh milleadh cliù a’ buntainn ris a’ mhòr-chuid de
dh’aithrisean agus de bheachdan foillsichte, a’ toirt a-steach an fheadhainn a
rinn luchd-cleachdaidh nam meadhanan sòisealta agus buill àbhaisteach den
phoball, a bharrachd air foillsichearan naidheachdan, sealbhadairean
làraich-lìn agus luchd-beachd.
Bhiodh am Bile cuideachd a’ soilleireachadh chleachdaidhean
làithreach agus a’ dèanamh beagan atharrachaidhean air an lagh mar a tha e. Ma
thèid gabhail ris a’ Bhile, bhiodh an lagh ùr a’ stèidheachadh deuchainn airson
‘droch chron’ a dhèanamh air cliù, a’ dearbhadh nach urrainn do dh’ùghdarrasan
poblach cùisean milleadh cliù a thogail, agus a’ soilleireachadh an dìon a
ghabhas cleachdadh ann an cùisean milleadh cliù. Tha iad sin air an
ath-ainmeachadh mar ‘fìrinn’, ‘beachd onarach’ agus ‘foillseachadh a chùm leas
a’ phobaill’. Bhiodh e cuideachd a’ lùghdachadh na h-ùine airson a bhith a’
togail cùis-lagha milleadh cliù bho thrì bliadhna gu aon bhliadhna.
A’ bruidhinn nuair a chaidh an gairm bheachdan a-mach,
thuirt Neach-gairm na Comataidh, Mairead Mitchell BPA:
“An dèidh atharrachaidhean iarraidh gus an lagh air milleadh
cliù ùrachadh, cuiridh Buill na Comataidh fàilte air a’ Bhile seo airson an
lagh san raon a chruinneachadh còmhla ann an aon àite, agus, bhiodh sinn an
dòchas, airson a thoirt a-steach don 21mh linn.
“Tha an fharpais a dh’fhaodas èirigh eadar saorsa cainnte
agus dìon cliù air a bhith na phrìomh dhragh don lagh airson mòran dheicheadan.
Tha teicneòlasan ùra, leithid an eadar-lìn agus na meadhanan sòisealta, a’ cruthachadh
shuidheachaidhean agus dùbhlain ùra. Mar thoradh air an sin, lorgar an lagh air
cliù-mhilleadh ann an Alba an dà chuid ann an reachdas agus lagh cùise.
“Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil an
cothromachadh ceart ann eadar gach cùis agus aig àm mòr-fhoillseachadh
didseatach mar a th’ againn an-dràsta, gu bheil na molaidhean comasach
obrachadh.
“Mar a bha e a-riamh, tha am mion-fhiosrachadh cudromach,
agus tha a’ Chomataidh an dùil sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na
molaidhean.”
Cùl-fhiosrachadh
Roimhe seo, rinn a’ Chomataidh obair air molaidhean Choimisean
Lagh na h-Alba (SLC) gus an lagh air milleadh cliù ùrachadh (tagraidhean, a’
toirt a-steach 49 molaidhean, a rinn an SLC san Dùbhlachd 2017, le coinneamhan
Comataidh air seo san Fhaoilleach agus san Ògmhios 2018). Tha tuilleadh
fiosrachaidh ri fhaighinn an
seo. Rinn a’ Chomataidh agus an SLC an obair mus deach am Bile seo a
thoirt a-steach agus chuir iad gu mòr ris a’ cho-dhùnadh gus an reachdas seo a
thoirt air adhart.
Faodar na duilleagan Bile Milleadh Cliù agus
Foillseachadh Droch-rùnach (Alba) air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba fhaighinn an seo no
aig www.parliament.scot/DMPBill.