20.01.2020
Tha buill Comataidh Ceartais Phàrlamaid na h-Alba dol a
thadhal air goireasan fianais ùra mar a tha an Achd Luchd-fianais So-leònte a’
tighinn ann an èifeachd an-diugh. Tha na seòmraichean
ùra, a dh’fhosgail faisg air deireadh na bliadhna an-uiridh, airson
suidheachadh nach eil cho eagallach ri cùirt a thoirt do luchd-fianais agus
luchd-gearain so-leònte gus fianais a thoirt seachad. Bidh seo na phàirt
chudromach de choileanadh amas na h-Achd, a tha airson cleachdadh air fianais
ro-chlàraichte bho chlann agus luchd-fianais so-leònte eile a chur am meud.
Rinn a’ Chomataidh sgrùdadh air na molaidhean airson nan atharrachaidhean,
a chaidh a thoirt air adhart le Riaghaltas na h-Alba, aig deireadh 2018 agus
tràth ann an 2019. Aig an àm sin, dh’iarr a’ Chomataidh air an Riaghaltas a
dhol nas fhaide na bha iad a’ moladh, agus prionnsapalan a’ Bharnahus (no Taigh
na Cloinne) Lochlannaich a thoirt a-steach uile gu lèir do lagh na h-Alba, ga
atharrachadh a rèir suidheachadh na h-Alba. Thàinig seo às dèidh turas don Bharnahus
ann an Oslo, agus mòran fianais a chruinneachadh air a’ chuspair.
Tha prionnsapalan Barnahus a’ toirt a-steach lùghdachadh
nan agallamhan a dh’fheumas pàiste a dhol troimhe ma tha iad nan luchd-fianais
no nan luchd-gearain ann an cùis – ma ghabhas a dhèanamh cha bu chòir ach aon
agallamh foireansach a dhèanamh; agus bu chòir fianais a ghabhail ann an suidheachadh a tha cho freagarrach do chlann
’s a ghabhas. Tha seo a’ toirt a-steach, chan e a-mhàin an sgeadachadh agus na
tha mun cuairt, ach cuideachd a bhith a’ toirt seachad taic iomadh-fhillte bho
dhiofar bhuidhnean uile ann an aon àite gus leanabh a chuideachadh a’ dèiligeadh
ri èiginn no cùisean slàinte co-cheangailte sam bith, fhad ’s a gheibh iad
cuideachadh gus an fhianais as fheàrr a thoirt seachad.
Tro shlighe a’ Bhile, gheall Riaghaltas na h-Alba dreach
Albannach den Bharnahus a thoirt a-steach mar an ‘ceann-uidhe ris an robh
dùil’, leis an lagh ùr seo na cheum cudromach a dh’ionnsaigh sin.
Le bhith a’ tighinn an èifeachd an-diugh, leudaichidh an
Achd Luchd-fianais So-leònte an àireamh de dhaoine a gheibh buannachd bhon taic
a tha ri fhaighinn do luchd-fianais so-leònte, a’ gabhail a-steach na seòmraichean fianais ùra ann an
Glaschu.
A’ bruidhinn ron turas, thuirt Neach-gairm na Comataidh,
Mairead Mitchell BPA:
“Tha na goireasan seo mar chiad cheum cudromach a dh’ionnsaigh
lèirsinn na Comataidh de dhreach Albannach de mhodail Barnahus, agus tha Buill a’
coimhead air adhart ri bhith gam faicinn dhaibh fhèin.
“Tha sinn ag aithneachadh an uallaich a dh’fhaodadh tighinn
an lùib a bhith a’ toirt seachad fianais, agus tha sinn airson dèanamh
cinnteach gun tèid ceuman a ghabhail gus nach cuir pròiseasan na cùirte uallach
as ùr air clann.
“Air ar turas gu Oslo, chuir e iongnadh oirnn mar a thug
am Barnahus seachad taic ioma-taobhach. Mar sin tha buill a’ cur fàilte air
obair leantainneach Riaghaltas na h-Alba gus dòigh-obrach coltach ris a thoirt
a-steach airson luchd-fulaing agus luchd-fianais òg ann an Alba.
“Tha an latha an-diugh na chlach-mhìle anns a’ ghluasad a
dh’ionnsaigh dòigh ùr gus taic a thoirt do luchd-fulaing agus luchd-fianais a
tha a’ toirt seachad fianais. Tha a’ Chomataidh toilichte a bhith an seo aig na
goireasan ùra seo ann an Glaschu gus an tachartas cudromach seo a
chomharrachadh.”
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear cùl-fhiosrachadh mu obair Comataidh a’ Cheartais
air a’ Bhile seo air na duilleagan-lìn aca an
seo, cho math ri ceangal dìreach chun Aithisg
Ìre 1 agus fiosrachadh mun turas
gu Oslo.