Pàrlamaid na h-Alba dol a chumail àm Cheistean Bhiortail nan Ceannard Pàrtaidh

08.04.2020

Bidh a’ chiad Àm Cheistean Bhiortail a’ tachairt a-màireach, Diardaoin 9 Giblean, aig 12:30, le rèiteachaidhean air an innse ann an teachdaireachd a thèid a chur chun a h-uile BPA bho Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, am Fìor Urr Ken Mac an Tòisich BPA, an-diugh.

Chaidh an seisean a chur air dòigh mar fhreagairt ri suidheachadh Corònabhìoras Covid-19 nach fhacas riamh roimhe. Gheibhear teacsa iomlan na litreach gu h-ìosal: a’ toirt a-steach mar a chithear e air-loidhne:

A cho-obraichean còire

A bharrachd air a’ phost-d agam na bu thràithe an-diugh, tha mi a-nis toilichte rèiteachadh a dhearbhadh airson a’ chiad Àm Cheistean Bhiortail Cheannardan aig Pàrlamaid na h-Alba, far am faigh ceannardan pàrtaidh cothrom ceist a chur air a’ Phrìomh Mhinistear mu fhreagairt leantainneach Riaghaltas na h-Alba ri tinneas Covid-19. Tha fios agam gu bheil Buill ag aontachadh gu bheil e nas cudromaiche na bha e a-riamh gum bi a’ phàrlamaid againn ag obair tron ​​èiginn slàinte phoblaich seo agus gum bi sinn a’ cruthachadh chothroman gus sin a dhèanamh air astar, gu h-àraidh gus nach cuir sinn daoine eile ann an cus cunnairt. Tha mi airson taing a thoirt do stiùirichean pàrtaidh, manaidsearan gnìomhachais agus oifigearan pàrlamaid airson a bhith ag obair cho luath agus cho èifeachdach gus an seisean sgrùdaidh cudromach seo a chumail a-màireach.

Thathar an dùil gun tòisich an seisean, a bhios mise a’ stiùireadh, aig 12.30f a-màireach le aithris fosglaidh ghoirid leis a’ Phrìomh Mhinistear air na leasachaidhean as ùire, mus fosgail e do cheistean bho ceannardan phàrtaidhean dùbhlanach: Jackson Carlaw, Richard Leonard, Patrick Harvie, agus Willie Rennie. Tha sinn an dùil gum mair an t-àm cheistean suas ri 25 mionaidean, agus thèid a ghearradh dheth aig 30 mionaid.  Tha sinn air rèiteachaidhean a chur an sàs airson gum faigh buill eile, luchd-obrach, agus muinntir a’ phobaill cothrom fhaicinn beò air TBh Pàrlamaid na h-Alba aig a’ cheangal a leanas:

https://www.scottishparliament.tv/channel/virtual-meeting Tha sinn cuideachd a’ tuigsinn gun tèid an seisean cheistean a chraoladh beò leis a’ BhBC agus is dòcha craoladairean eile.

Leanaidh Biùro na Pàrlamaid a’ toirt sùil air leasachaidhean leantainneach agus, ag ionnsachadh bho agus a’ togail air na thachras a-màireach, beachdaichidh iad am bu chòir tuilleadh ullachaidhean sgrùdaidh bhiortail a chur an sàs le Buill eile airson an ath sheachdain. Tha mi glè mhothachail gum biodh mòran Bhall a’ cur fàilte air a leithid de chothrom agus cumaidh mi fios thugaibh mu cho-dhùnaidhean a’ Bhiùro, na h-ath cheumannan agus planaichean san àm ri teachd.

Tapadh leibh airson na tha sibh a’ dèanamh às leth an fheadhainn a tha sibh a’ riochdachadh aig an àm dhuilich seo.

Gach dùrachd,

Ken

Am Fìor Urr Ken Mac an Tòisich BPA

Oifigear Riaghlaidh

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.