21.05.2020
Tha a’ bhuaidh a
bheir Covid 19 air seirbheisean-còmhdhail agus air eaconamaidh dhùthchail na
h-Alba gu bhith gan sgrùdadh le Buill.
Tha Comataidh Còmhdhail, Bun-structair agus
Comas-ceangail Pàrlamaid na h-Alba air gairm airson fianais a chur a-mach mu
fhreagairt Riaghaltas na h-Alba don ghalar mhòr-sgaoilte.
Thathar ag iarraidh bheachdan air a’ bhuaidh a bheir an
èiginn air còmhdhail phoblach le bhith a’ lasachadh glasadh an t-sluaigh sna
seachdainean is sna mìosan romhainn.
Nì a’ Chomataidh rannsachadh cuideachd air mar a tha an
èiginn air bualadh air àiteachas is iasgach ann an Alba agus an d’fhuair na
roinnean seo taic gu leòr gus dèiligeadh ris na dùbhlanan nach robh an leithid
ann riamh roimhe air an adhbharachadh le Covid-19.
Tha cuireadh do dhaoine fa leth, do ghnìomhachasan agus
do luchd-ùidhe eile cuideam a chur air ceistean sònraichte a tha iad airson gun
gabh a’ Chomataidh beachd orra.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Edward Mountain BPA:
“Tha galar Covid-19 air ar beatha againn atharrachadh
thar tomhais ann an ùine car goirid, ach tha a’ bhuaidh air coimhearsnachdan
dùthchail agus eileanach air a bhith geur dha-rìribh.
“Tha buaidh eaconamach ceuman glasadh an t-sluaigh ann an
èiginn a chaidh a thoirt a-steach gus aghaidh a chur air sgaoileadh a’
choròna-bhìorais air dùbhlanan nach beag a chur air luchd-àiteachais,
luchd-coilltearachd agus luchd-iasgaich.
“Tha coimhearsnachd iomallach a tha a’ fulang cheana le
cion bun-structar còmhdhail agus didseatach air a bhith an ìre mhath air an
dealachadh bho na teaghlaichean aca agus bho chothrom air seirbheisean
deatamach. Bidh atharrachaidhean mòr a dhìth nar cuid sheirbheisean còmhdhail
phoblach mar a thèid an glasadh a lasachadh sna seachdainean is sna mìosan a
tha romhainn agus tha sàbhailteachd a’ phobaill a’ siubhal cianail fhèin cudromach.
“Tha a’ Chomataidh ag iarraidh cluinntinn mu na
dh’fhiosraich daoine fa leth agus gnìomhachasan agus a bheil iad a’
faireachdainn gun d’fhuair iad an taic a tha a dhìth orra gus tighinn beò agus
tighinn tron èiginn seo.
“Tha sinn cuideachd ag iarraidh ionnsachadh mu
eisimpleirean de dheagh-chleachdadh agus sinn a’ gabhail beachd air na leasanan
a ghabhas ionnsachadh mun fhreagairt air a’ ghalar agus a dh’fhaodadh gun fheum
cleachdaidhean a tha ann an-dràsta atharrachadh agus sinn a’ dol air adhart.”
Cùl-fhiosrachadh
Fhuair a’ Chomataidh fianais bh Rùnaire a’ Chaibineit
airson Còmhdhail, Bun-structar agus Comas-ceangail mu spionnadh
sheirbheisean-còmhdhail is lìonraidhean-còmhdhail ann an Alba ri linn a’
ghalair COVID-19 a tha ann an-dràsta aig a’ choinneimh aice air 18 Màrt 2020.
Fhuair a’ Chomataidh fianais an dèidh sin bho Rùnaire a’
Chaibineit airson Còmhdhail, Bun-structar agus Comas-ceangail agus bho Rùnaire
a’ Chaibineit airson Eaconamaidh Dhùthchail agus Turasachd mu bhuaidh COVID-19
aig coinneamh mas fhìor aig a’ Chomataidh air 13 Cèitean 2020.
Tha e san amharc aig
Comataidh CBC barrachd sheiseanan-fianaise a chumail le ministearan aig
coinneamhan san ùine romhainn agus freagairt Riaghaltas na h-Alba air èiginn
COVID-19 a tha ann an-dràsta agus na buaidhean sònraichte air eaconamaidh is
comas-ceangail dùthchail na h-Alba a’ dol air adhart fhathast.