06.10.2020
Tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd aig Taigh an Ròid
air moladh nach bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba aonta a chur ri Bile Margadh
A-staigh na RA.
Ann an toraidhean air am foillseachadh an-diugh, tha a’ Chomataidh ag ràdh gu
bheil Bile a’ Mhargaidh A-staigh – agus a chuid phrionnsapalan mu chothrom air
margadh gu sònraichte – a’ lagachadh bunait uile sgaoileadh-cumhachd.
Tha a’ chomataidh ag ràdh gu bheil an dòigh-dèiligidh “rangach” aig Riaghaltas
na RA a chuireas barrachd cuibhreachaidh air sgaoileadh-cumhachd a tha a’ dol “fada
seachad” air a’ chuibhreachadh an lùib ballrachd an AE roimhe seo na “briseadh dùil”.
Tha Pàrlamaid na h-Alba ri deasbad a chumail air Bile
Margadh A-staigh na RA ann an nas lugha de 24 uairean a thìde. Tha a’
Chomataidh ag ràdh gu bheil e na adhbhar dragh gu bheil Riaghaltas na RA air
clàr-ama reachdail air a luathachadh iarraidh airson Bile a’ Mhargaidh A-staigh
a tha “uabhasach toinnte is dùbhlanach”.
Ann an litir a chuireadh gu Riaghaltas na RA agus na h-Alba le chèile
an-diugh, thuirt Neach-gairm Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd Brus
MacCreamhain BPA:
“Mhol a’ Chomataidh roimhe gu bheil dleastanasan air na ceithir riaghaltasan is
reachdaireachdan gu lèir air feadh na RA a bhith ag obair gu taiceil còmhla gus
fuasgladh fhaighinn air a’ cheist seo a tha cho toinnte is dùbhlanach. Tha a’
Chomataidh a’ moladh cuideachd gun fheumar seo a thoirt gu buil tro earbsa à càch-a-chèile
agus urram do na h-ullachaidhean bun-reachdail a tha san RA an-dràsta.
“Tha a’ Chomataidh ag ràdh san dealachadh gu bheil e
cianail fhèin leamh nach eil seo air tachairt. Tha e na bhriseadh-dùil don Chomataidh gu bheil Riaghaltas na RA an taca ri sin air gabhail ri
dòigh-dèiligidh rangach aig a bheil mar bhunait cuibhreachadh às ùr a chur air
sgaoileadh-cumhachd a tha a’ dol fada seachad air a’ chuibhreachadh an lùib
ballrachd an AE roimhe.
“...Is e beachd na Comataidh gu bheil Bile a’ Mhargaidh A-staigh agus na
prionnsapalan mu chothrom air margadh gu sònraichte a’ lagachadh bunait uile
sgaoileadh-cumhachd. Is e beachd na Comataidh nach obraich sgaoileadh-cumhachd
stèidhichte air Riaghaltas na RA a’ sparradh a bheachd air mar a bu chòir do
dh’ullachaidhean bun-reachdail na RA tighinn gu bith an dèidh Brexit mar a
thathar a’ leigeil fhaicinn an dà chuid tro shusbaint is lìbhrigeadh Bile a’
Mhargaidh A-staigh.
“Tha a’ Chomataidh a’ moladh uime sin nach cuir a’ Phàrlamaid a h-aonta ri Bile
Margadh A-staigh na RA.”
Dh’eas-aontaich Murchadh Friseal BPA, Dean Lockhart BPA
agus Alasdair Burnett BPA ri toraidhean na comataidh.
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear teacsa iomlan na litreach a’ giorrachadh sgrùdadh Comataidh Ionmhais
agus Bun-reachd air Bile Margadh A-staigh na RA agus Meòrachan Riaghaltas na
h-Alba mu Aonta Reachdail an
seo.
Tha an gluasad ri dheasbad anns am Pàrlamaid na h-Alba
Diciadain 7 Dàmhair ag ràdh:
Bile a’ Mhargaidh A-staigh – Reachdas RA
Gu bheil a’ Phàrlamaid ag aontachadh gun aonta a chur ri Bile Margadh A-staigh
na Rìoghachd Aonaichte, seachd gu bheil e a’ lùghdachadh is a’ cuingeachadh
comas Pàrlamaid na h-Alba agus a’ briseadh an lagha eadar-nàiseanta.
Neach nam meadhanan
Eric MacLeòid