22.03.2021
Tha galar COVID-19
na chothrom air leth ath-leasachadh is ùrachadh air seirbheis na slàinte, a tha
air a bhith a dhìth o chionn fhada, a thoirt gu bith, a rèir Comataidh aig
Pàrlamaid na h-Alba.
Tha Comataidh
Slàinte agus Spòrs air a ràdh gun tàinig barrachd atharrachaidhean gu grad air
seirbheis na slàinte o chionn beagan mhìosan seach o chionn bhliadhnaichean ach
gun fheum an fheadhainn ris a bheilear an urra an cothrom a ghabhail
ath-leasachadh air a bheil cruaidh-fheum a thoirt gu buil.
Tha na toraidhean
mar phàirt de dh’aithisg dhìleabach Comataidh Slàinte agus Spòrs a nochdas
obair na Comataidh ann an seisean 5 agus a dh’fheuchas ris an obair aig
comataidhean pàrlamaideach san àm ri teachd a chuideachadh. Anns an aithisg,
tha iad a’ moladh gum bu chòir gum biodh cùram sòisealta air a chumail fa leth
agus gun tèid Comataidh Phàrlamaideach thiomnaichte a thoirt dhi.
Ged a tha iad a’
moladh an luchd-obrach a tha teòma is dìcheallach a bheir cùram-slàinte seachad
ann an Alba, tha a’ Chomataidh ag ràdh gu bheil an cion adhartais ann an
ùrachadh NHS na h-Alba air milleadh-dùil a chur orra.
Tha an aithisg ag ràdh gu bheil an t-amalachadh eadar cùram-slàinte is cùram
sòisealta air a bhith slaodach agus gun a bhith air an aon rèir le mòran den
fheadhainn ris a bheil lìbhrigeadh atharrachaidhean an urra car gann de
chabhaig no de dhealas mu ath-leasachadh buan is bunaiteach.
Tha an aithisg
cuideachd a’ comharrachadh mar a tha ‘cha mhòr cion iomlan dàta le brìgh‘ ga
ghlacadh tro shiostam na slàinte agus a’ chùraim shòisealta gu lèir.
Tha iad ag ràdh gu bheil mòran shiostaman IT eadar-dhealaichte air feadh na
roinne, agus gun ach beagan dhiubh ann an conaltradh ri chèile, ga fhàgail
do-dhèanta toraidhean a mheas ann am fìrinn agus atharrachadh deimhinneach a
thoirt do dh’euslaintich.
Thuirt Leòdhas
Dòmhnallach BPA, Neach-gairm Comataidh Slàinte agus Spòrs:
“Tha an galar seo na chothrom air leth ath-leasachadh is ùrachadh air seirbheis
na slàinte agus feumar a ghabhail.
“Chunnaic sinn
barrachd atharrachaidhean gu grad o chionn beagan mhìosan seach o chionn iomadh
bliadhna, ach tha uimhir a bharrachd ri dhèanamh fhathast. Thar na roinne, tha
a h-uile duine ag aontachadh gur h-e amalachadh eadar slàinte is cùram an
t-slighe air adhart ach tha adhartas air a bhith cianail fhèin slaodach.
“Tha
milleadh-dùil air a’ Chomataidh againn a dh’aindeoin nan geallaidhean uair is
uair sna 5 bliadhna a chaidh seachad gu siostaman IT ùrachadh is a leasachadh,
a chuireadh roinneadh nas fheàrr de dh’fhios agus seirbheis air leasachadh ann
an seirbheis na slàinte gu lèir air chomas, nach eilear air dad a tha feumail
do luchd-cleachdaidh a lìbhrigeadh.
“Tha sinn air
toirt fa-near ann an àireamhan de na rannsachaidhean againn do chion ceannais
san roinn phoblaich gu lèir, a-mach air suidheachadh no dhà air leth agus is e
ceannas dha-rìribh a tha a dhìth oirnn uile ma tha sinn gus an t-atharrachadh
siostamach a tha a dhìth fhaicinn.”
Thuirt e cuideachd:
“Bu mhath leinn ar taing a chur an cèill don iomadh neach-obrach teòma is
dealasach ann an seirbheisean-slàinte is seirbheisean-cùraim airson gach rud a
bhios iad a’ dèanamh, agus airson obair nan gaisgeach aca ri linn a’ ghalair
seo.
“Tha sinn ag
gairm air an fheadhainn ris a bheilear an urra gun an cothrom dha-rìribh NHS ùr
iomchaidh a lìbhrigeadh a chall, rud a bheir a-steach nuadhachas agus a nì an
gnothach air na dùbhlanan san 21mh linn. Is e sin an rud air a bheil an fheadhainn
a bhios a’ lìbhrigeadh agus a’ faighinn cùram airidh.”
CRÌOCH
Cùl-fhiosrachadh
Tha an aithisg dhìleabach
an
cois seo.
Tha an aithisg dhìleabach aig Comataidh Slàinte agus Spòrs a’ cur cuideam air
an dòigh-dhèiligidh a ghabh a’ Chomataidh ri linn Seisean 5 den Phàrlamaid agus
a’ mìneachadh nam beachdan mun
dòigh-dhèiligidh aca, agus meòrachadh air cho soirbheachail agus a bha i.
Faodaidh tu
barrachd ionnsachadh mun obair aig Comataidh Slàinte agus Spòrs air làrach-lìn
Pàrlamaid na h-Alba.
Fiosrachadh nam Meadhanan
Nick Connelly: 0131 348
5453 / 07866 125623
Conaltradh Text Relay
di-beathte
[email protected]
Fiosrachadh mun chomataidh
Airson barrachd
fiosrachaidh mun rannsachadh seo, cuiribh fios gu David Cullum, Clàrc Comataidh
Slàinte agus Spòrs
[email protected]
Fiosrachadh poblach
·
Loidhne nan ceist: 0131 348 5395 (Gàidhlig) no 0800 092 7500 (Beurla)
·
[email protected]
·
Teacsa 07786 209 888
·
Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh beò
·
Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’ cleachdadh seirbheis
Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.
Seanailean
sòisealta
Faodaidh tu ar leantainn cuideachd
air twitter @scotparl. agus cumail suas
ris a’ Chomataidh, @SP_LocalGovt
Thoir meas dhuinn air Facebook airson
ùrachaidhean air naidheachdan is tachartasan
No faigh a-mach barrachd air YouTube