Pàrlamaid na h-Alba air prògram nan Ceannardan a’ Tighinn am Bàrr a chur air bhog a chuireas ri eugsamhlachd mhion-chinneadail am measg luchd-obrach Thaigh an Ròid

30.08.2021

Tha Pàrlamaid na h-Alba an-diugh a’ cur prògram nan Ceannardan a’ Tighinn am Bàrr aice air bhog a chuireas ri eugsamhlachd is ìrean mhion-chinneadail am measg luchd-obrach Thaigh an Ròid.

Le modh-gabhail dùbailte, tha e mar amas aig an tionnsgnadh tàlant mion-chinneadail a tha sa bhuidhinn an-dràsta a leasachadh agus e ag iarraidh luchd-obrach a thàladh bho raon nas fharsainge de dh’àiteachan san àm ri teachd.

Ged a mheudaich eugsamhlachd nam Ball aig Taghadh na h-Alba 2021, nochd  dearcnachadh air mion-chinnidhean am broinn na Pàrlamaid nach robh luchd-obrach mhion-chinnidhean gan riochdachadh gu h-iomlan nam buidheann luchd-obrach an taca ris a’ phoball nàiseanta, agus beàrn ann am pàigheadh do mhion-chinnidhean.

Cuidichidh an sgeama ùr gus sgilean-ceannais an luchd-obrach tha ann an-dràsta a leasachadh, agus tha e mar amas aig a’ phrògram mu inntearnas le pàigheadh don fheadhainn aig aois 18 gu 29 ìomhaigh na Pàrlamaid mar fhastaidhear dhaoine bho choimhearsnachdan dubha is mion-chinneadail a chur air adhart.  

Thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba Alison NicIain BPA:

“Tha Pàrlamaid BPA againn a-nis a bheir dealbh nas fheàrr air eugsamhlachd na h-Alba. Ach tha e cudromach dha-rìribh gun nochd an luchd-obrach ealanta a chuireas Pàrlamaid na h-Alba ag obrachadh eugsamhlachd na dùthcha againn cuideachd, agus feumar barrachd adhartais a dhèanamh a thaobh sin.  

“Tha mi a’ fàilte chridheil air prògram nan Ceannardan a’ Tighinn am Bàrr agus na ceuman a thathar a’ gabhail gus leasachadh a thoirt air eugsamhlachd chinneadail aig gach ìre ann am Pàrlamaid na h-Alba.”

Cùl-fhiosrachadh

Sruth 1 – luchd-obrach an-dràsta

Agus e ga chumail ann an co-bhann ri Colaiste Dhùn Èideann agus Comann Albannach Luchd-foghlaim Mhion-chinneadail (SAMEE), cuiridh prògram nan Ceannardan a’ Tighinn am Bàrr taic ris an luchd-obrach phàrlamaideach a th’ ann an-dràsta na sgilean a thaobh ceannais aca a leasachadh. Thèid am prògram air adhart gu toiseach 2022, agus bidh 12 neach-pàirteachaidh an sàs ann.

Sruth 2 – inntearnasan le pàigheadh don fheadhainn aig aois 18 gu 29

Agus e ga chumail ann an co-bhann ri Ionad Iain Mhic a’ Ghobhainn, thèid inntearnasan le pàigheadh a thabhann aig Taigh an Ròid do dhaoine mion-chinneadail eadar 18 is 29 bliadhna dh’aois gus na sgilean luchd-pàirteachaidh aca a leasachadh agus bidh e gan nochdadh ri cothroman a bhith ag obair san roinn phoblaich ann an Alba. Gabhaidh a’ Phàrlamaid ceathrar neach-inntearnais fad naoi mìosan an urra, eadar an-dràsta agus an t-Samhain 2022.

Faigh a-mach tuilleadh mu sgeama nan inntearnasan ga chumail aig Ionad Iain Mhic a’ Ghobhainn agus luchd-fastaidh eile a tha an sàs ann an seo: https://www.johnsmithcentre.com/our-work/meelp/

Tha an aithisg as ùire le Pàrlamaid na h-Alba air Dearcnachadh Eugsamhlachd agus Beàrnan ann am Pàigheadh ri faotainn air-loidhne an seo: https://www.parliament.scot/-/media/files/human-resources/diversity-and-inclusion/final_diversity-monitoring-and-pay-gaps-report-201920.pdf

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.