Bidh an t-Oifigear Riaghlaidh a’ mìneachadh atharrachaidhean ann an cuibhreann a’ Phàrtaidh Uaine aig FMQs, deasbadan agus Airgid Taice

31.08.2021

Tha an t-Oifigear Riaghlaidh, Alison Johnstone BPA, air atharrachaidhean a ghairm air cuibhreann cheistean a’ Phàrtaidh Uaine aig Ceistean don Phrìomh Mhinistear. 

Tha seo a’ leantainn aonta co-obrachaidh a’ Phàrtaidh Uaine le PNA agus dithis Mhinistearan ùra bhon Phàrtaidh Uaine air an ainmeachadh.

Tha an co-dhùnadh a’ ciallachadh nach bi am Pàrtaidh Uaine airidh tuilleadh air ceist ceannaird aig FMQs. Tha an t-Oifigear Riaghlaidh cuideachd ag ràdh nach bi e tuilleadh na chleachdadh cunbhalach dhi a bhith a’ gairm a’ phàrtaidh gus bruidhinn aig toiseach is deireadh dheasbadan.

Thèid airgead Taice a’ phàrtaidh – airgead poblach air a phàigheadh do phàrtaidhean poilitigeach airson BPA a chuideachadh gus an dleastanasan pàrlamaideach a choileanadh – cuideachd a’ dol sìos £15,687.61 air sgàth dithis Bhall a bhith nam Ministearan.

Ann an teachdaireachd chun a h-uile BPA feasgar, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh gu robh i an dòchas gun aontaicheadh a h-uile Ball gu robh na h-atharrachaidhean “ag aithneachadh” nàdar an Aonta Co-obrachaidh agus gum biodh e cothromach do na pàrtaidhean uile air feadh an t-Seòmair.

Làn theacs na teachdaireachd

Tha làn teacsa teachdaireachd an Oifigeir Riaghlaidh gu gach BPA mar a leanas:

A cho-oibrichean còire,

Tha mi an dòchas gu bheil sibh a’ tilleadh a Thaigh an Ròid an t-seachdain seo às dèidh deagh fhois agus deiseil airson teirm thrang eile.

Tha mi a’ sgrìobhadh gus fiosrachadh a thoirt dhuibh mu atharrachaidhean air riaghladh cuid de nithean cudromach ann an gnothach na Pàrlamaid mar thoradh air an Aonta Co-obrachaidh a chaidh a dhèanamh eadar PNA agus Pàrtaidh Uaine na h-Alba as t-samhradh agus a chaidh a dhearbhadh Disathairne 28 Lùnastal. Tha mi air bruidhinn air na h-atharrachaidhean seo le mo Leas-oifigearan Riaghlaidh agus le co-obraichean air Biùro na Pàrlamaid an-diugh.

Tha an t-aonta poilitigeach seo gun samhail ann an Alba agus gu dearbh san RA. Ged a tha raointean mòra de aonta agus co-obrachadh ann thar raon farsaing de chùraman agus phoileasaidhean riaghaltais, chan e riaghaltas co-bhanntachd a th’ ann mar a bh’ againn ann an Seiseanan 1 agus 2. Ach, tha farsaingeachd an Aonta (agus am prògram poileasaidh co-roinnte na chois) còmhla ris an dòigh-obrach “fosgarrachd” a thaobh ghnothaichean pàrlamaideach a’ stèidheachadh dàimh eadar Riaghaltas na h-Alba agus a’ Bhuidheann Uaine a tha eadar-dhealaichte ris dàimh eadar pàrtaidhean sam bith eile, agus tha e air suidheachadh Pàrtaidh Uaine na h-Alba, mar an treas pàrtaidh dùbhlain as motha sa Phàrlamaid, atharrachadh gu tur. Mar sin tha an t-Aonta ag iarraidh freagairt shònraichte an seo aig Taigh an Ròid, fear a tha a’ tarraing air ro-eisimpleirean is cleachdaidhean, a tha cothromach do na pàrtaidhean uile a tha air an riochdachadh sa Phàrlamaid, agus a tha a rèir riatanasan sgrùdadh pàrlamaideach làidir.

Bidh fios aig buill gur e mise, mar an t-Oifigear Riaghlaidh, a cho-dhùineas air cuid de chùisean gnothach pàrlamaideach, a’ toirt a-steach gairm luchd-labhairt. Tha cùisean eile, a tha air an innse anns na Gnàth-riaghailtean, air an co-dhùnadh le Biùro na Pàrlamaid no air an stèidheachadh le gnàthachas no cleachdadh.

Ceistean don Phrìomh Mhinistear

Bidh fios aig buill gu bheil pàrtaidhean de chòignear bhall no barrachd a’ faighinn ceistean ceannardan aig FMQs. Thug a’ chuairt cheistean airson FMQs a chuir mi an sàs aig toiseach an t-seisein ceist ceannaird don Phàrtaidh Uaine aig ceist 3, ceithir seachdainean a-mach à sia, agus ceist being-chùil air aon de na seachdainean eile.

Nam bheachd-sa, tha nàdar an Aonta Co-obrachaidh, sam bi dithis co-cheannard a’ Phàrtaidh Uaine air an cur an dreuchd mar Fho-mhinistearan na h-Alba, a’ toirt air falbh an làn-chòir air ceist ceannaird aig FMQs. An àite sin, tha mi air co-dhùnadh ceist being-chùil a riarachadh don Phàrtaidh Uaine ann an trì seachdainean a-mach à sia, agus cuideachd, an gairm aig ceist 3 ann an dhà de na sia seachdainean sin.

San dol seachad, a thaobh FMQs, bhon t-seachdain seo air adhart tha mi an dùil tilleadh gu bhith a’ gairm ceistean sgìre-taghaidh a-bharrachd às dèidh ceist 2 agus ceistean coitcheann a-bharrachd às dèidh ceistean ceannardan pàrtaidh sam bith eile a thèid fhaighneachd. An t-seachdain seo thèid ceistean coitcheann a-bharrachd a ghairm às dèidh ceist 3. Bu mhath leam an cothrom seo a ghabhail a-rithist gus iarraidh air buill air feadh an t-Seòmair ceistean agus freagairtean nas giorra a lìbhrigeadh. Tha mi an dòchas, le bhith a’ gabhail cheistean a bharrachd air feadh na h-ùine cheistean seach aig an deireadh, agus le daoine a’ bruidhinn airson ùine nas giorra, gun gluais cùisean nas luaithe agus gum faigh mi cothrom barrachd Bhall a ghairm air barrachd chùisean a tha cudromach don luchd-taghaidh agaibh.

Aithrisean Ministreil:

An-dràsta thèid luchd-ceasnachaidh bho na h-Uainich agus na Libearalaich Dheamocratach a ghabhail ro cheistean being-chùil sam bith eile air aithrisean Ministreil cudromach. A-nis, san t-suidheachadh seo, is ann dìreach air ceistean nach buin ri cuspair air a chòmhdach le raon co-obrachaidh san Aonta a bhios na Leas-oifigearan Riaghlaidh agam agus mi fhìn a’ gairm buill a’ Phàrtaidh Uaine.

Deasbadan

Air sgàth farsaingeachd an Aonta agus an dòigh-obrach “fosgarrachd” aige a thaobh gnothach pàrlamaideach, chan eil mi an dùil ùine labhairt fosglaidh is dùnaidh a thoirt do na h-Uainich mura h-eil atharrachadh leis a’ Phàrtaidh Uaine air a’ ghluasad airson deasbad air a thaghadh. Thèid na slatan-tomhais taghaidh atharrachadh gus sùim a ghabhail de raon an Aonta. Tha mi a-nis an dùil aon ùine labhairt a thoirt don Phàrtaidh Uaine rè gach deasbaid san aon dòigh a tha air a riarachadh do na Libearalaich Dheamocratach. Far nach eil atharrachadh leis na h-Uainich air a thaghadh, tha mi a-nis an dùil aon ùine labhairt fhosgailte a thoirt don Phàrtaidh Uaine rè gach deasbaid. Is e a’ bhuil gum bi barrachd ùine ann airson luchd-labhairt bho na pàrtaidhean eile agus barrachd sùbailteachd gus eadar-theachdan a bhrosnachadh.

Deasbadan dùbhlain

Feumaidh Biùro na Pàrlamaid dèanamh cinnteach gu bheil 16 leth-latha suidhe gach bliadhna Pàrlamaideach air an cur an dara taobh gus beachdachadh air gnothach a thaghas pàrtaidhean poilitigeach nach eil air an riochdachadh ann an Riaghaltas na h-Alba. Leis gu bheil an t-Aonta Co-obrachaidh a’ solarachadh airson dithis bhall Pàrtaidh Uaine na h-Alba a bhith air an ainmeachadh mar Fho-mhinistearan na h-Alba, tha Biùro na Pàrlamaid air co-dhùnadh nach riaraich iad gin de na leth-làithean suidhe sin do Phàrtaidh Uaine na h-Alba.

Ceistean a thuilleadh air FMQs

Tha còir fhathast aig BPA being-chùil Uaine an ainmean a chur a-steach don chrannchur airson Ceistean Portfolio is Coitcheann, agus tha còir aca ceistean Cuspaireil, Èiginneach agus SPCB iarraidh. Tha e na chleachdadh stèidhichte nach bi Ministearan a’ cur cheistean a-steach. Is e mo bheachd nach leigeadh an t-Aonta Co-obrachaidh le Ministearan bho na h-Uainich ceistean a chur a-steach ach air cùisean far nach eil iad fo dhleastanas coitcheann, no air cuspairean nach eil umhail don Aonta agus a’ phrògram poileasaidh cho-roinnte, agus bhithinn an dùil gun toireadh iad urram don chleachdadh seo. A bharrachd air sin, dh’iarrainn nach cuireadh na Ministearan sin Ceistean Coitcheann a-steach oir tha mi airson suidheachadh a sheachnadh far am faodadh Ministear a bhith a’ faighneachd agus a’ freagairt cheistean air an aon ghnothach.

Comataidhean

Tha e na chleachdadh o chionn fhada nach bi Ministearan a’ suidhe air comataidhean Pàrlamaid na h-Alba agus bu chòir do Lorna Slater BPA agus Pàdraig Harvie BPA a’ bhallrachd comataidh aca a leigeil seachad ma thèid an cur an dreuchd mar Mhinistearan feasgar. Tha còir a’ Phàrtaidh Uaine air àite Neach-gairm agus Leas-neach-gairm fhathast mar a bha. An dèidh sùil a thoirt air buaidh ath-riarachaidh a rèir cunntadh d'Hondt, chan eil mi a’ faicinn cron sam bith air pàrtaidhean eile an coimeas ris an riarachadh a chaidh a stèidheachadh san Ògmhios.

Airgead Taice

Bu mhath leam cuideachd fiosrachadh a thoirt do Bhuill mun t-suidheachadh a thaobh ‘Airgead Taice’ – airgead poblach air a phàigheadh do phàrtaidhean poilitigeach airson taic a thoirt do Bhuill-Phàrlamaid aig a bheil ceangal ris a’ phàrtaidh bhuntainneach gus an dleastanasan pàrlamaideach a choileanadh.

Tha an SPCB air beachdachadh air an fhrèam-obrach reachdail agus air a thoirt fa-near gu bheil e a’ solarachadh airson pàighidhean do phàrtaidhean aig a bheil nas lugha na 20% den sgioba ministreil agus gu bheil a’ bhuidheann Uaine mar sin airidh air taic fhathast. Tha an SPCB, ge-tà, air atharrachaidhean a cheadachadh air pàighidhean do na h-Uainich a rèir an Òrduigh, le ùmhlachd don Phàrlamaid a bhith a’ ceadachadh dà Bhall Uaine a chur an dreuchd mar Mhinistearan. Thèid an t-iomadair tha a’ suidheachadh na tha de dh’airgead ri phàigheadh do Phàrtaidh Uaine na h-Alba air a lùghdachadh leis an àireamh de Mhinistearan Uaine na h-Alba. Thèid seo a chur an gnìomh bhon cheann-latha air an tèid dreuchdan Ministreil a dhèanamh gu foirmeil agus lùghdaichidh e cuibhreann maoineachaidh Pàrtaidh Uaine na h-Alba £15,687.61.

Tha mi an dòchas gun aontaich co-obraichean gu bheil an dòigh-obrach seo a thaobh gnothach pàrlamaideach ag aithneachadh nàdar an Aonta Co-obrachaidh, a’ toirt taic do sgrùdadh pàrlamaideach làidir, a’ toirt urram do dhreuchd riochdachail nam Ball uile agus gu bheil e cothromach don h-uile pàrtaidh air feadh an t-Seòmair. Tha mi an dùil na cùisean a tha air am mìneachadh gu h-àrd a chumail fo sgrùdadh leantaileach.

Leis gach deagh dhùrachd

Alison

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.