01.10.2021
Bidh Crùn na h-Alba an làthair aig Fosgladh Siathamh Seisean Phàrlamaid na h-Alba Disathairne 2 Dàmhair 2021.
Gabhaidh Diùc Hamaltain is Bhranndain ri Crùn na h-Alba
aig Caisteal Dhùn Èideann. Thèid e air adhart an uair sin gu Pàrlamaid na
h-Alba agus na chois Pìoban is Drumaichean Fiùsalairean Rìoghail na
Gàidhealtachd.
Thèid Crùn na h-Alba a-steach ann am Pàrlamaid na h-Alba
tro Thaigh Queensberry. Agus e ga ghiùlan le Diùc Hamaltain is Bhranndain,
thèid a thoirt a-steach ann an lios Thaigh Queensberry le Morair nan Arm,
Oifigearan nan Arm, Buidheann Rìoghail nam Boghadairean agus sianar òg bho
bhuidhnean-òigridh Albannach, agus is iad:
- Lucy
McKee a’ riochdachadh Òigridh ACE, Coimhearsnachd Bheò dhaoine òga le
Cumhachd ann an Alba air a bheil ciorram a thaobh ionnsachaidh.
- Anndra
Will, a’ riochdachadh an Albannaich Òig, buidheann fiosrachaidh is
shaoranach na h-Alba
- Josh Kennedy,
BPÒ, Cathraiche Pàrlamaid nan Òg
- Sholen
MacPherson, a’ riochdachadh Prògram nan Inntearnasan Pàrlamaideach aig Ionad
Iain Mhic a’ Ghobhainn
- Mahdiya
Zubairi agus Natalie Bello, a’ riochdachadh YWCA Alba – Gluasad nam
Boireannach Òga.
An dèidh làimhe, nuair a thèid Crùn na h-Alba a
thaisbeanadh ann am meadhan Seòmar-deasbaid na h-Alba, thèid Crùn na h-Alba a
thoirt air ais gu Seòmar a’ Chrùin ann an Caisteal Dhùn Èideann.
Fios mu Chrùn na h-Alba
- Tha an
Crùn na phàirt de Shuaicheantasan Rìoghail na h-Alba. Is iad na pàirtean
eile Claidheamh na Stàite agus an t-Slat-rìoghail.
- Ag
toiseach an Fhaoillich 1540, le crùnadh na banrighe ùire aige, Marie de
Guise, air fàire, dh’òrdaich Rìgh Seumas a Còig, gun rachadh Crùn na
h-Alba, air a mhilleadh is air a bhriseadh, a dhealbhadh às ùr.
- Chaidh
an obair a thoirt do sheudaire à Dùn Èideann, Iain Mosman, aig an robh nas
lugha na sia seachdainean gus an obair aige a thoirt gu crìch.
- Ris a’
chrùn, anns a robh beagan a bharrachd air 1 phunt de chuideam, chuir
Mosman 41 unnsa de dh’òr Albannach agus 23 de chlachan prìseil ris an 22
leugan agus 68 neamhnaidean (buinidh na neamhnaidean mòra ris an àird an
ear agus thathar den bheachd gur h-e neamhnaidean à fìor-uisge ann an Alba
a tha an fheadhainn as lugha).
- Lìbhrig
Mosman an Crùn gu Lùchairt Thaigh an Ròid air 13 Gearran 1540, agus chaidh
a chaitheamh an toiseach gu poblach leis an Rìgh air 22 Gearran airson
Crùnadh na Banrighe.
- Ann an
1707, an dèidh Achd an Aonaidh, chaidh na Suaicheantasan a chur fo ghlais
ann an Seòmar a’ Chrùin aig Caisteal Dhùn Èideann agus chaidh dearmad a
dhèanamh orra gus an deach an lorg às ùr gu h-ainmeil le Sir Walter Scott
ann an 1818.
- Bho
Aiseag Theàrlaich a Dhà gu Cùmhnant an Aonaidh ann an 1707, chaidh na
Suaicheantasan a thoirt a-nuas bho Chaisteal Dhùn Èideann le tòrr
greadhnachais gu Taigh na Pàrlamaid air a’ Mhìle Rìoghail dlùth ri
Cathair-eaglais GhillÌosa airson fosgladh-stàite na Pàrlamaid. Thathar den
bheachd gun tàinig Marcachd na Pàrlamaid mar as aithne dhuinn an-diugh i
bhon chleachdadh seo, ged a bhuineas e dhan 15mh linn, no ‘s dòcha nas
fhaide air ais.
- Fhuair
a’ chaismeachd ghreadhnach seo bho Chaisteal Dhùn Èideann sìos am Mìle
Rìoghail chun na Pàrlamaid an t-ainm Marcachd na Pàrlamaid. Thathar air a
toirt air ais bho fhosgladh Pàrlamaid ùr na h-Alba ann an 1999. Bha a’
‘mharcachd’ ann an 1999 air aonan de na tachartasan suaicheantais a bu
mhotha ann an eachdraidh na h-Alba o chionn beagan linntean. Chan eil
Claidheamh na Stàite agus an t-Slat-rìoghail gu cleachdadh mar
shuaicheantasan gu cunbhalach a thuilleadh.
- Tha
Àrainneachd Eachdraidheil Alba a’ gleidheadh is a’ rianachd Caisteal Dhùn
Èideann às leth Ministearan na h-Alba. Mar chuid de na dleastanasan sin,
tha i a’ cumail suas tèarainteachd fhiosaigeach Seòmar a’ Chrùin agus na
tha na bhroinn.
- Gu
meadhan nan 1990an, rachadh na suaicheantasan a ghlanadh a h-uile bliadhna
sa Ghearran ach bha an obair sin a’ cur beag is beag ri mùthadh nan
Suaicheantasan, agus chaidh co-dhùnadh a dhèanamh seo a lùghdachadh. Chan
eilear gan glanadh a-nis ach nuair a bhios feum air – mar as trice mu uair
gach còig bliadhna.
Fiosrachadh nam Meadhanan
Tom Malone
Conaltradh Text Relay di-beathte
[email protected]
Stiùireadh do luchd-deasachaidh
Cùl-fhiosrachadh
The event to mark the Opening Ceremony of the sixth
session of the Scottish Parliament will be streamed live on the Scottish
Parliament’s Facebook channel and on our SPTV channel.
Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd
dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus am bi e air chomas dhaibh aithisg a
thoirt mu obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir nam feumalachdan a tha ann an-dràsta
mu dhìon dàta. Tha de chòir agad tarraing a-mach às aig àm sam bith. Airson
barrachd fiosrachaidh, seallaibh an
Sanas mu Phrìobhaideachd againn.
Fiosrachadh nam Meadhanan
Tom Malone
Conaltradh Text Relay di-beathte
[email protected]
Fiosrachadh poblach
·
Loidhne nan ceist: 0131 348 5395 (Gàidhlig) no 0800 092
7500 (Beurla)
·
[email protected]
·
Teacsa 07786 209 888
·
Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh
beò
·
Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’
cleachdadh seirbheis Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.
Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @scotparl.
Thoir meas dhuinn air Facebook airson
ùrachaidhean air naidheachdan is tachartasan
No faigh a-mach barrachd air YouTube