22.11.2021
Tha Comataidh a’ Cheartais aig Pàrlamaid na h-Alba ag
iarraidh gun tèid leasachaidhean cuimseach a thoirt air siostam a’ cheartais, a
bharrachd air barrachd airgid a bhith ri fhaotainn don roinn, air thoiseach
air buidseat Riaghaltas na h-Alba an ath mhìos.
An dèidh dhi beachd a ghabhail air suidheachadh an
ionmhais airson na roinne, thàinig a’ Chomataidh chun a’ cho-dhùnaidh gu bheil
mòran de na dùbhlain a thaobh buidseit ann an siostam a’ cheartais nan
comharraidhean air duilgheadasan nas fharsainge air nach deach aghaidh gu leòr
a chur thairis air mòran bhliadhnaichean.
Ged a tha i den bheachd gu bheil feum air barrachd
tasgaidh, feumar aghaidh a chur air duilgheadasan ceangailte, leithid càrn nan cùisean
air dheireadh sna cùirtean, àireamhan mòra de phrìosanaich ann an grèim, agus
prìosanan a tha tuilleadh is dùmhlaichte is aosta le ‘dorsan-cuairteachaidh’
agus ceistean mu bhàs le drugaichean a bharrachd air fuasglaidhean a rèir
poileasaidh, cho math ri maoineachadh gu leòr.
Tha a’ Chomataidh ag iarraidh planaichean ceangailte, san
ùine fhada, gan stiùireadh le Riaghaltas na h-Alba, agus a’ toirt leotha prìomh
chom-pàirtichean uile a’ cheartais a dh’iarraidh aghaidh a chur air ceistean,
nam measg:
• An càrn-obrach mòr mòr sna cùirtean de mu 50,000
de chùisean air a dhèanamh nas miosa leis a’ ghalar;
• Meud nan daoine sna prìosanan, ìre nam boireannach sa phrìosan agus prìosanaich
ann an grèim nam measg;
• Leasachadh a thoirt air seilbh nam prìosan;
• Ceistean sa phrìosan leithid mì-ghnàthachadh dhrugaichean, leas
phrìosanach is luchd-obrach, agus rianachd air buidhnean-eucorach
trom-chùiseach air an taobh a-staigh;
• Am feum air tàladh ann an seirbheisean a’ phoileis agus smàlaidh;
• Ceistean ann an siostam a’ chuideachaidh-laghail;
• Taic ri luchd-fulaing agus siostaman-ceartais anns na coimhearsnachdan.
Tha a’ Chomataidh air beachd a nochdadh gur dòcha gun
cuidicheadh a bhith a’ cosg airgead ann an raointean leithid:
• fiaradh èifeachdach bho dhìteadh no fiaradh bho
sgeamaichean-gainntireachaidh airson cùisean nuair a tha iadsan iomchaidh,
• taighean-bidhe gus slànachadh bho dhrugaichean ann am prìosanan;
• Cùram leantainneach don fheadhainn a’ fàgail a’ phrìosain,
gus bruthadh anns an t-siostam a lasachadh, agus ri tìde
na dùbhlain mu bhuidseat anns an fharsaingeachd airson roinn a’ cheartais a
lùghdachadh.
Agus i a’ bruidhinn nuair a chaidh an aithisg a chur air
bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Audrey Nicoll BPA:
“Tha sinn den bheachd gu bheil argamaid ann airson
barrachd caiteachais gus taic a chur ri siostam a’ cheartais gus aghaidh a chur
air na dùbhlain gu lèir a tha mu coinneimh.
“Tha sinn mothachail, ge-tà, nach eil airgead gun
chrìochan, agus nach tèid feadhainn de na ceistean nach gabh fuasgladh a rèir
choltais a thig air na cùirtean, na prìosanan agus com-pàirtichean eile a’
cheartais fhuasgladh dìreach bhith a’ fosgladh an sporain.
“Tha sinn den bheachd gum faodadh gnìomhan ceangailte,
coileanadh amasan san ùine fhada leithid lùghdachadh air ath-chiontachadh,
atharrachaidhean bunaiteach a chruthachadh. Bheireadh seo leasachadh air toraidhean
don phoball agus don bhuidseat airson na roinne cho math.”
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear an aithisg iomlan an seo: Pre-budget
scrutiny: priorities in 2022-23 for the Scottish Government's budget in the
justice sector
Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd
dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus am bi e air chomas dhaibh aithisg a
thoirt mu obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir nam feumalachdan a tha ann
an-dràsta mu dhìon dàta. Tha de chòir agad tarraing a-mach às aig àm sam bith.
Airson barrachd fiosrachaidh, seallaibh an
Sanas mu Phrìobhaideachd againn.
Fiosrachadh nam Meadhanan
Greg Black: 07920 296 862
Conaltradh Text Relay di-beathte
[email protected]
Fiosrachadh poblach
·
Loidhne nan ceist: 0131 348 5395 (Gàidhlig) no 0800 092
7500 (Beurla)
·
[email protected]
·
Teacsa 07786 209 888
·
Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh
beò
·
Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’
cleachdadh seirbheis Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.
Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @scotparl.
agus cumail suas ris a’ Chomataidh, @SP_Justice.
Thoir meas dhuinn air Facebook airson
ùrachaidhean air naidheachdan is tachartasan
No faigh a-mach barrachd air YouTube