Guthan dhaoine òga gus prìomh phàirt a ghabhail ann am Pàrlamaid na h-Alba

01.12.2021

Chaidh dealas ùr airson dhaoine òga a bhith a' gabhail prìomh phàirt ann am poilitigs na h-Alba a ghairm an-diugh le Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid Òigridh na h-Alba.

Chuir Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Alison Johnstone BPA, agus Cathraiche Pàrlamaid Òigridh na h-Alba (POA), Josh Kennedy BPOA, an ainmean ris an aonta Ag Obair ann an Com-pàirteachas. Chì seo an dà bhuidheann ag obair nas dlùithe le chèile air grunn chùisean gus riochdachadh agus com-pàirteachadh dhaoine òga ann an obair na Pàrlamaid a chur am meud, le còraichean dhaoine òga aig cridhe na h-obrach a thathar a’ dèanamh.  

Bidh seo a’ toirt a-steach Pàrlamaid na h-Alba a’ cumail suidhe de Phàrlamaid Òigridh na h-Alba uair gach dàrna bliadhna; leasachadh dhàimhean eadar Buill an dà Phàrlamaid; dèanamh cinnteach gum faod daoine òga cur ri rannsachaidhean comataidh agus chothroman a thoirt don dà sgioba luchd-obrach ceangal ri chèile gus cothroman airson co-obrachadh a chomharrachadh.

Thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Alison Johnstone BPA:

“Tha daoine òga air feadh an t-saoghail air sealltainn nas urrainn do ghnìomh agus guth làidir a dhèanamh. Tha sinn airson an dealas seo a chur gu feum gus dèanamh cinnteach gum bi beachdan dhaoine òga air an nochdadh nas fheàrr ann an obair na Pàrlamaid.”

Thuirt Josh Kennedy BPOA, Cathraiche Pàrlamaid Òigridh na h-Alba:

“An t-seachdain sa chaidh chuir Pàrlamaid Òigridh na h-Alba fàilte air 150 Ball ùr às dèidh nan taghaidhean againn ann an 2021. Air feadh nan taghaidhean sin thog daoine òga na cùisean a tha iad airson atharrachadh bho slàinte inntinn, gu foghlam, gu èiginn gnàth-thìde.

“Le bhith a’ cur ainm ris a’ chom-pàirteachas seo, tha Pàrlamaid na h-Alba agus POA ag ath-dhearbhadh ar dealais airson dàimh a thogail eadar BPOA, BPA agus a’ Phàrlamaid. Le bhith a’ toirt taic do BPOA agus BPA a bhith ag obair còmhla nì sinn cinnteach gum bi guthan dhaoine òga aig cridhe cho-dhùnaidhean.”

Tha an t-aonta, Ag Obair ann an Com-pàirteachas, a chaidh a soighneadh an-diugh a’ leantainn air adhart leis an obair a thòisich ann an 2018, a thug a-steach suidhe de Phàrlamaid Òigridh na h-Alba san Dàmhair 2019; obair nas dlùithe eadar comataidhean Pàrlamaid na h-Alba agus an POA; agus prògram trèanaidh is taice leantainneach do bhuill POA a dhol an sàs gu brìoghmhor ann am pròiseasan na Pàrlamaid.

Fiosrachadh Mheadhanan

Pàrlamaid na h-Alba
Kirsty Rimmer
Fàilte ro ghairmean Text Relay
[email protected]

Pàrlamaid Òigridh na h-Alba Is e Pàrlamaid Òigridh na h-Alba guth deamocratach daoine òga na h-Alba. Tha Pàrlamaid Òigridh na h-Alba na bhuidheann charthannach clàraichte ann an Alba Àir: SC 032662. Tadhail air an làrach-lìn againn airson barrachd fiosrachaidh: https://syp.org.uk/ agus ar Seòmar Mheadhanan airson ar suaicheantais agus ìomhaighean eile: https://syp.org.uk/media-room/
Fios gu: Matt Dòmhnallach, Oifigear Conaltraidh, Pàrlamaid Òigridh na h-Alba – 07729487627 - [email protected] 

Fiosrachadh poblach
• Loidhne-fòn airson cheistean: 0800 092 7500 no 0131 348 5395 (Gàidhlig)
• [email protected]
• Teacsa 07786 209 888
• Cuir ceist tro live chat
• Cuiridh sinn cuideachd fàilte ro ghairmean tron t-seirbheis Text Relay no ann an Cànan Soighnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL

Faodar ar leantainn air cuideachd air Twitter  @scotparl.

Dèan like oirnn air Facebook airson na naidheachd agus nan tachartasan as ùire

No faigh a-mach tuilleadh air YouTube  

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.