Am Prìomh Mhinistear gu bhith ga ceasnachadh le Luchd-gairm Thaigh an Ròid air obair Riaghaltas na h-Alba air Covid-19 agus Neoni Lom

06.12.2021

Bidh obair Riaghaltas na h-Alba air atharrachadh na gnàth-shìde agus galar COVID-19 fon phrosbaig nuair a thug Luchd-gairm Pàrlamaid na h-Alba còmhla air a’ mhìos seo gu am Prìomh Mhinistear a cheasnachadh.  

Don chiad uair ann an Seisean 6, cumaidh an Luchd-gairm seisean-fianaise poblach leis a’ Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon BPA. Thèid an seisean a chumail 15 Dùbhlachd. 

Aig an t-seisean cuideachd, a mhaireas fad dà uair a thìde cha mhòr, gabhaidh am Prìomh Mhinistear ri ceistean air buidseat Riaghaltas na h-Alba. 

Agus e a’ bruidhinn air thoiseach air an t-seisean, thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh agus Cathraiche an Luchd-ghairm Liam MacArtair BPA: 

“Tha àite deatamach aig Comataidhean Pàrlamaid na h-Alba san deamocrasaidh againn le bhith a’ sgrùdadh Riaghaltas na h-Alba agus a’ dearbhadh gu bheil an fheadhainn an ceannas air ruith na dùthcha ga ceasnachadh. 

“Leigidh an seisean seo leis an Luchd-ghairm còmhla cùisean is ceistean coitcheann leithid atharrachadh na gnàth-shìde agus galar COVID-19 a thogail le Nicola Sturgeon. Mar sin is e leudachadh air na dòighean diofraichte san dèan a’ Phàrlamaid a cuid obrach air a bheilear a’ cur fàilte a th’ ann.   

“Tha mi an dùil gum bi ceasnachadh làidir agus deasbad brìoghmhor ann. Mar chathraiche ùr an Luchd-ghairm, tha mi a’ dèanamh fiughair ris gu mòr.”

Faodar sealltainn air a’ choinneimh BEÒ air SPTV. 

Cùl-fhiosrachadh 

Thèid a’ choinneamh a chumail Diciadain 15 Dùbhlachd.

Thèid a’ choinneamh a shruthadh beò air Telebhisean is Facebook Pàrlamaid na h-Alba. Bu chòir do luchd nam meadhanan a tha ag iarraidh sealltainn air an t-seisean a leithid a dhèanamh tro SPTV. 

Fiosrachadh nam meadhanan 

Warren Hardie: 07870 361440

Conaltradh Text Relay di-beathte [email protected]

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.