03.08.2012
Antje Stubenrauch, càiriche (restorer) bho Thasglannan Lübeck, a’ toirt sùil air an litir Lübeck còmhla ri Linda Ramsay, Ceannard Glèidhteachas aig Clàran Nàiseanta na h-Alba, agus i air a toirt air ais do dh’Alba airson taisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba.
Bha an litir air a cur a-mach le Uilleam Uallas agus Anndra Moireach ann an 1297 do dh’àrd-bhàillidh Lübeck agus àrd-bhàillidh Hamburg gus dàimhean malairt a bhrosnachadh eadar Alba agus an dà chathair-bhaile an dèidh Cath Drochaid Sruighlea.
Tha an litir Lübeck air iasad bho thasglannan Chathair-bhaile Lübeck, le aonta an Àrd-bhàillidh agus na Comhairle. Bidh i na pàirt de thaisbeanadh Litrichean Uallais a bhios ann ’s ri fhaicinn aig Taigh an Ròid bho 10 Lùnastal.