15.11.2012
Is e ceartas as cuspair don chòrr is 150 de chlann-sgoile san t-siathamh bhliadhna aig tachartas Co-labhairt Nuadh-eòlais aig Àrd-ìre a thèid a chumail a-màireach (Dihaoine 16 Samhain) aig Taigh an Ròid. Sa chlàr tha cothrom Neach-gairm Chomataidh a’ Cheartais Cairistìona Ghreumach BPA a cheasnachadh mun àite a tha aig Comataidh a’ Cheartais ann am modh-obrachaidh reachdais.
Tha e mar amas aig a’ Cho-labhairt, aig am bi an Leas-oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA sa chathair, taic a chur ri sgoilearan a tha a’ gabhail Nuadh-eòlais aig Àrd-ìre is a’ rannsachadh thrachdasan air cuspair a’ Cheartais.
Thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a' Ghobhainn BPA a bhios sa chathair air an latha:
“Bho chionn beagan bhliadhnaichean, tha barrachd fèill air a bhith air an tachartas seo le clann-sgoile is luchd-teagaisg le chèile agus tha togail agam ri bhith a’ cur fàilte air daoine òga à Alba gu lèir gu Seòmar na Pàrlamaid. Tha a' Cho-labhairt seo na cothrom air leth do chlann-sgoile coinneachadh ri feadhainn de na daoine is na buidhnean as cudromaiche ri ceartas ann an Alba agus an ceasnachadh.
A’ bruidhinn ron tachartas, thuirt a’ Bh.ph. Ghreumach:
“Tha Comataidh a’ Cheartais air taic a chur ris an tachartas seo bho thòisich e ann an 2010 oir bidh e a' toirt tòrr lèirsinn mu bhreithneachadh dhaoine òga air cùisean laghail. Tha e na urram dhomh taic a chur a-rithist ri sgoilearan Nuadh-eòlais gus dòighean cùramach a chruthachadh mu chuspairean-ceartais. Tha e an-còmhnaidh inntinneach a bhith a’ faicinn nan seallaidhean is nam beachdan aca a' leasachadh ri linn nam buidhnean-obrach."
Am measg na bhios còmhla ri Neach-gairm Chomataidh a’ Cheartais a’ bruidhinn ris na h-oileanaich tha:
- Rùnaire a’ Chaibineit airson Ceartais, Coinneach MacAsgaill BPA – a’ bruidhinn air siostam a’ cheartais eucoraich.
- Iain Mac an t-Sagairt à Modernity Scotland – a’ bruidhinn air Siostam an Luchd-thaghaidh agus taghadh nan SA.
- Ailean Britton bho Sgoil an Fhoghlaim aig Oilthigh Ghlaschu – a’ bruidhinn air an àite aig Riaghaltas sa Mheadhan agus Riaghaltas Tiomnaichte (fèin-riaghalach).
- An Dr Elaine Webster, òraidiche aig Oilthigh Shrath Chluaidh – a’ bruidhinn air a’ chàirdeas aig Alba ri Còmhdhail na h-Eòrpa air Còraichean Daonna.
- Buill den Choimisean air Ciontaich Bhoireann.
A bharrachd air na prìomh òraidichean, bidh an cothrom aig clann-sgoile bruidhinn ri sgioba-rannsachaidh na Pàrlamaid agus riochdairean bho Phàrlamaid Òigridh na h-Alba, Young Scot, Coimisean na h-Alba airson Cloinne agus Dhaoine Òga, Seirbheis an Fhoghlaim aig Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte, Young Scot, Comann nan Dùthchannan Aonaichte, Foghlam na h-Alba agus Modernity Scotland.
Cùl-fhiosrachadh
Tha Seirbheis an Fhoghlaim aig a’ Phàrlamaid air a bhith ag obair le Comataidh a’ Cheartais agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Ceartais gus buidheann-obrach a chumail do dh’oileanaich a’ gabhail Nuadh-eòlais aig Àrd-ìre bho 2010. Bha uimhir de dh’fhèill aig clann-sgoile air agus gun do chùm Seirbheis an Fhoghlaim ‘GLOW Meet’ air an lìon tro eadra-lìon nan sgoiltean ann an 2011 gus frithealadh air an fhèill. Tha an tachartas am-bliadhna a’ cur air chomas do chòrr is ceud gu leth de chlann-sgoile dol an sàs ann gu dìreach.
Am measg nan sgoiltean an sàs ann, tha:
• Àrd-sgoil Duncanrig, Cille Bhrìghde an Ear
• Acadamaidh na Cùilte, Obar Dheathain
• Àrd-sgoil Ghleann Rathais
• Sgoil-ghràmair Dhùn Barra
• Acadamaidh Arla, Obar Dheathain
• Acadamaidh Bearsden
• Acadamaidh Hazelhead, Obar Dheathain
• Àrd-sgoil Chair Chaladain
• Sgoil-ghràmair Obar Dheathain
• Sgoil Albyn, Obar Dheathain
• Acadamaidh an Naoimh Mairead, Lodainn an Iar
• Àrd-sgoil Chomar nan Allt
• Acadamaidh Bucksburn, Obar Dheathain
• Àrd-sgoil Bhearaig a Tuath
• Àrd-sgoil Greenfaulds, Comar nan Allt
• Sgoil Chlann-nighean an Naoimh Mairead, Obar Dheathain
• Acadamaidh Bhanbh
• Àrd-sgoil St Ninian, Cair Ceann Tulaich
• Àrd-sgoil Chair Ceann Tulaich
• Acadamaidh Dhrochaid Dheathain
• Àrd-sgoil Milne, Fachabair
• Àrd-sgoil Chraoibh
• Àrd-sgoil Inbhir Losaidh
Bidh dealbhan den teachartas rim faighinn saor is an-asgaidh bho dhealbhadair oifigeil na Pàrlamaid,. Cuir fios gu Anndra Cowan air 0131 348 5878 / [email protected]
Bidh dealbhan rim faighinn aig:
http://www.scottishparliamentphoto.com
Tachartas: Modern Studies Summit
Facal-faire: 16nov2012