14.01.2013
Chuala sinn uile cho cudromach agus a tha ath-ùrachadh agus mar sin tha Comataidh Riaghaltais Ionadail agus Ath-ùrachaidh air rannsachadh a chur air bhog an-diugh (14 Faoilleach) gus sgrùdadh a dhèanamh air gu dè tha e a’ ciallachadh ann an gnìomh agus tha i ag iarraidh beachdan a chluinntinn bho air feadh na h-Alba.
An-uiridh, dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an ro-innleachd aige mu ath-ùrachadh, leis an amas an crìonadh eaconamach, corporra agus sòisealta ann an ceàrnaidhean air feadh na h-Alba a thionndadh. Tha a’ Chomataidh ag iarraidh na tha air obrachadh gu math gus coimhearsnachdan ath-ùrachadh agus na bacaidhean a tha ann fhathast a chomharrachadh.
Gus a’ bhuaidh a bheir ath-ùrachadh air coimhearsnachd fhaicinn, tadhlaidh a’ Chomataidh an-diugh air Tèarmann-nàdair Ghleann Chomar nan Allt. Agus e na iomairt-glèidhteachais a tha stèidhichte sa choimhearsnachd, tha an Tèarmann cuideachd na dhachaigh do shlighe Rothaireachd-beinne Mìle a’ Ghlinne, goireas a tha ga chleachdadh gu farsaing leis a' choimhearsnachd agus leis na sgoiltean ionadail.
A’ bruidhinn ron turas, thuirt Neach-gairm na Comataidh Caoimhin Stiùbhart BPA:
“Chuala sinn uile cho cudromach agus a tha ath-ùrachadh gus beatha às ùr a thoirt do na bailtean agus do na coimhearsnachdan, ach tha a’ Chomataidh againn ag iarraidh faighinn a-mach dè a’ bhuaidh a bhios ath-ùrachadh a’ toirt ann an gnìomh ann an da-rìribh.
“Bidh sealltainn air mar a dh’fhaodar cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan gus an cuideachadh fhèin gu math àrd am measg nan amasan againn agus taobh cudromach air seo is e sealltainn air na dòighean-maoineachaidh a tha ann agus dèanamh cinnteach gu bheil iad seo soilleir do na h-uile agus gum bi cothrom aca orra.
“Ach cha bhi sinn dìreach a’ coimhead air poileasaidh mu ath-ùrachadh leis fhèin. Bidh sinn a’ coinneachadh ri buidhnean-coimhearsnachd a tha an sàs ann an ath-ùrachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a bhios seo ag obair ann an gnìomh. Tha sinn cuideachd ag iarraidh cluinntinn mu na buannachdan a bheir ath-ùrachadh agus mar a ghabhas iad seo cumail airson nan glùintean nar dèidh.”
Ri linn dhi beachd a ghabhail air an dreachd de bhuidseat 2013-14, chuala a’ Chomataidh fianais gun robh dragh ann mun ìre dham bi ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba mu ath-ùrachadh ag obair le poileasaidhean eile leithid an Fhrèama Nàiseanta mu Dhealbhadh agus a’ Phlana Fo-structair agus Tasgaidh. Seo cuspair a bhios a’ Chomataidh cuideachd a’ sgrùdadh ri linn an ransachaidh aice.
Am measg nan cuspairean eile a bhios a’ Chomataidh a’ sgrùdadh tha:
An gabh ath-ùrachadh corporra, sòisealta agus eaconamach sgaradh bho chèile?
A bheil gu leòr de mhaoineachadh ri fhaotainn airson obraichean ath-ùrachaidh?
Ciamar a gheibh a h-uile pàirt den choimhearsnachd cothrom air a’ mhaoineachadh seo?
Gu dè an ìre dham bheil tionnsgnaidhean ath-ùrachaidh a tha ann an-dràsta seasmhach?
Dè na dòighean sam faodar coimhearsnachdan a bhrosnachadh a dhol an sàs aig a h-uile ìre de dh’iomairtean ath-ùrachaidh?
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu ghairm na Comataidh airson fianais air duilleag-dachaigh na Comataidh.
Is e an ceann-latha mu dheireadh a tha ann gus beachdan a chur a-steach Dihaoine 15 Màrt 2013.
Cùl-fhiosrachadh
Tadhlaidh a’ Chomataidh air Tèarmann-nàdair Ghleann Chomar nan Allt gus an rannsachadh a chur air bhog.
Ann a bhith a’ gabhail beachd air an dreachd de bhuidseat 2013-14, sheall a’ Chomataidh gu sònraichte air a’ phoileasaidh mu ath-ùrachadh. Gheibhear lethbhreac de dh’aithisg na Comataidh mar Leasachan E ris an Aithisg le Comataidh an Ionmhais air an Dreachd de Bhuidseat 2013-14.
Chaidh ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba mu ath-ùrachadh – ‘Achieving a Sustainable Future’ – fhoillseachadh 12 Dùbhlachd 2012. Dh’fheuch an ro-innleachd ri freagairt a thoirt air cuspairean bunaiteach bho na beachdan air a’ Phàipear-dheasbaid. Tha an ro-innleachd mu ath-ùrachadh a’ comharrachadh ath-ùrachaidh mar:
“….am modh farsaing gus an crìonadh eaconamach, corporra agus sòisealta air àiteachan a thionndadh nuair nach dèan obair a’ mhargaidh an gnothach air leatha fhèin. Tha cuspair seo na farsaingeachd ri fhaotainn tron Ro-innleachd seo agus tha e mar bhunait ris na molaidhean is na co-dhùnaidhean.”
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone: 0800 092 7500
- Textphone users can contact us on 0800 092 7100
- We also welcome calls using the Text Relay service
- Text message: 07786 209888
- [email protected]
You can also follow us on twitter @scotparl