27.03.2013
Tha Comataidh an Ionmhais air a taic a chur ris na prionnsapalan coitcheann ann am Bile Cìs Dìoghladh Fearainn is Thogalaichean (Alba) ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Bheir am Bile, a tha toirt a-steach na chuireas Alba an àite nan cìsean air dlighe-stampaichean, na riaghailtean is an cruth a chuireas cìs air neach sam bith a cheannaicheas, a bheir air gabhail no a bheir còraichean eile (leithid roghainn gus ceannach) air fearann is seilbh ann an Alba.
Chuir a’ Chomataidh cuideam air an taic aice, agus taic luchd-fhianaise, gus siostam-cìse “adhartach” a thoirt a-steach mar chuid den Bhile. Bidh an cruth a’ ciallachadh nach bi ach an cuibhreann den phrìs os cionn na stairsnich ri phàigheadh aig an ìre-chìseachaidh as àirde. Tha an gluasad air falbh bho chruth nan “leac” gu fear sam bi banna-ìre neoni agus co-dhiù dà bhann eile air a bhith air ainmeachadh a bhith nas cothromaiche.
Chuir a’ Chomataidh taic cuideachd ri dòigh-dèiligidh a’ Bhile a thaobh a bhith a’ bruthadh sìos air seachnadh-cìse air dìoghladh fearainn is thogalaichean ann an Alba. Bheir i dearcnachadh cuideachd air toirt-gu-buil is lìbhrigeadh a’ Bhile agus dh’iarr i ùrachadh cunbhalach bho dà eagrachadh bhunaiteach, Teachd-a-steach Alba agus Clàran a h-Alba.
Thuirt Neach-gairm Chomataidh an Ionmhais Coinneach Gibson BPA:
“Is e am Bile seo a’ chiad fhear a-mach à trì Bilean air an gabh Comataidh an Ionmhais beachd mu sgaoileadh nan cumhachdan ùra nach beag a thaobh ionmhais gu Pàrlamaid na h-Alba an dèidh Achd na h-Alba 2012.
“Tha sinn toilichte taic a chur ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile a bheir a-steach dòigh-dèiligidh nas cothromaiche is nas adhartaiche mu ‘dhlighe-stampaichean’ agus a bheir aghaidh air seachnadh-cìse air ceannach is reic fearainn is maoine ann an Alba.”
Cùl-fhiosrachadh
Is e seo a’ chiad fhear a-mach à trì Bilean a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt a-steach mar bhuil air Achd na h-Alba 2012. Thathar ri Bile Cìs Lìonadh-fearainn a thoirt a-steach anns a’ Ghiblean agus tha Bile Rianachd-cìse gu bhith ga thoirt a-steach as t-Fhoghar 2013.
Leugh an aithisg
- Stage 1 Report on the Land and Buildings Transaction Tax (Scotland) Bill
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Fiosrachadh comataidh
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: