24.04.2013
Feumar dèiligeadh ris a’ chùis san RA gu lèir gus dèanamh cinnteach gun tèid luchd-naidheachd a riaghladh gu ceart, a rèir litir a chuireadh a-mach an-diugh (24 Giblean) aig Comataidh Foghlaim is Cultair Phàrlamaid na h-Alba.
Air a cur gu Rùnaire a’ Chaibineit airson Cultair is Ghnothaichean Taobh-a-Muigh, leanaidh an litir dhà sheisean fhianais dhìrichte far an do dh’ èist a’ Chomataidh ri grunn neach-fianaise – nam measg, riochdairean o ghnìomhachas nam pàipearan-naidheachd – mu na dh’fhaodadh a bhith an dàn do dh’Alba a thaobh Cairt-lagha Rìoghail Fèin-riaghlaidh Luchd-naidheachd.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stewart Maxwell BPA:
“Tha gnìomhachas nam pàipearan-naidheachd ann an Alba pròiseil as an ròl aca taobh a-staigh beatha phoblach na h-Alba, rud iomchaidh dhaibh. Ach far am bi saorsa aig luchd-naidheachd, bu chòir cuideachd gum bithear ciallach cothromach a thaobh na dh’aithrisear.
“Taobh a-staigh na sgèile-tìme ghoirid a th’ ann dhuinn, tha a’ Chomataidh air feart a thoirt air beachdan luchd-fianaise a bha deimhinne gum bu chòir aon chothrom mu dheireadh a thoirt do luchd-naidheachd atharrachadh. ’S e ar beachd gun leig Cairt-lagha Rìoghail san RA gu lèir leis a’ ghnìomhachas ann an Alba, agus gu dearbh fada thairis air Alba, an dearbh rud sin a dhèanamh.
“Airson ’s gun obraich a leithid seo de shiostam, feumaidh luchd-naidheachd pàirt a ghabhail sa chùis, agus sin gu deònach. Gun a leithid, fàiligidh an t-siostam. Nan tachradh sin, tha fhios nach biodh aon dol-às eile ann ach dol gu reachdas. Bhiodh dùil aig a’ mhòr-shluagh ri sin on Phàrlamaid aca aig a’ char as lugha.”
Cuideachd, chuir a’ Chomataidh fàilte air an obair a thathar a’ dèanamh le Riaghaltas na h-Alba gus dèanamh cinnteach gum bi mar a chuirear an cèill meas iomchaidh air daoine a chaochail o chionn ghoirid air a thoirt a-steach don Chairt-lagha Rìoghail.
Cùl-sgeul
Gabhaidh lethbhreac de litir na Comataidh a lorg tron cheangal a leanas:
http://scottish.parliament.uk/S4_EducationandCultureCommittee/General%20Documents/
Letter_from_Stewart_Maxwell_to_Cabinet_Secretary_Fiona_Hyslop_24_April_2013.pdf
A chor ’s gum faigheadh a’ Chairt-lagha Rìoghail aonta ann an Alba, dh’fheumadh grunn atharrachaidhean a dhèanamh. Tha Riaghaltas na h-Alba an ceartuair a’ cumail deasbaid ri Riaghaltas na RA a thaobh seo.
Chaidh a’ Chairt-lagha Rìoghail air Fèin-riaghlaidh Luchd-naidheachd ainmeachadh leis a’ Phrìomh Mhinistear air Diluain 18 Màrt 2013. Lean seo rannsachadh le Morair a’ Cheartais Leveson air ròl luchd-naidheachd.
Chum a’ Chomataidh dhà sheisean fhianais far an do dh’èist iad ri fianais on Mhorair Fhìor Urramach McCluskey, a bha mar chathraiche air Buidheann nan Eòlaichean ri linn rannsachadh Leveson. Cuideachd, chuala a’ Chomataidh fianais o luchd-naidheachd agus luchd-deasachaidh, cho math ri neach-lagha san raon agus cuideachd o neach a dh’fhulaing ri linn mì-aire luchd-naidheachd.
Gheibhear làn fhiosrachadh mu chnuasachadh na Comataidh tron cheangal a leanas:
http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/62114.aspx
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Fiosrachadh comataidh
Public information
- Fòn: 0800 092 7500
- Fòn teacsa 0800 092 7100
- Fàilte ro Text Relay
- Teacs: 07786 209888
- [email protected]
Lean air Twitter sinn @ParlAlba
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: