01.12.2014
Tha a’ Chomataidh Inbhean, Dòighean-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach air rannsachadh ùr fhoillseachadh an-diugh (1 Dùbhlachd) agus iad gu bhith sgrùdadh mholaidhean ùra gus Luchd-gairm Chomataidhean Pàrlamaid na h-Alba a thaghadh.
30.11.2014
The Scottish Parliament’s Rural Affairs, Climate Change and Environment Committee (RACCE) is calling for urgent steps be taken to ensure future ambitious climate change targets are not missed.
19.11.2014
Bidh Comataidh Ionmhais Pàrlamaid na h-Alba a’ cuimseachadh air Eilean Arainn agus a’ Chomataidh a’ leantainn leis an sgrùdadh bhliadhnail air buidseat Riaghaltas na h-Alba.
18.11.2014
Tha an ath shreath de Làithean na Pàrlamaid gu bhith a' tachairt ann an trì àiteachan a bharrachd air feadh Alba, chaidh ainmeachadh. Bidh na h-àiteachan seo a' toirt fàilte do Phàrlamaid na h-Alba thairis air na mìosan ri teachd.
14.11.2014
Dh’aontaich a’ Phàrlamaid air 13 Samhain gun rachadh am pròiseas, gus tagraichean ainmeachadh airson dreuchd a’ Phrìomh Mhinisteir, a chumail air 19 Samhain 2014.
14.11.2014
Thèid bruidhinn air obair Pàrlamaid na h-Eòrpa agus air dreuchdan Choimisean na h-Eòrpa Diardaoin 20 Samhain nuair a nochdas BPE à Alba air beulaibh na Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh A-muigh airson a’ chiad uair bho chaidh an taghadh.
14.11.2014
Tha Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha air a taic a nochdadh do reachdas a bheir a-steach modhan nas fhasa agus nas èifeachdaiche gus cùmhnantan a dhealbh fo lagh na h-Alba.
12.11.2014
Feumaidh am poball a bhith làn fhiosraichte is ullaichte fa chòir lùghdachadh às na dh’òlas iad ‘s iad a’ dràibheadh, reachdas a tha ri thighinn gu bith an ath-mhìos, thuirt Neach-gairm Comataidh a’ Cheartais, Cairistìona Ghreumach, an-diugh.
12.11.2014
Bidh an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon BPA, a’ nochdadh air beulaibh BPAan bhon Chomataidh Bun-structair is Tasgadh Calpa gus ceistean a fhreagairt mu na planaichean a th’ aig Riaghaltas na h-Alba airson Port-adhair Phreastabhaig.
10.11.2014
Thig a h-uile gnothach pàrlamaideach gu stad aig Taigh an Ròid aig 11m air Dimàirt 11 Samhain gus tost dhà-mhionaid a chumail air Latha an Fhosaidh.
07.11.2014
Bheir Àrd-oifigear Virgin Money, Jayne-Anne Gadhia, prìomh-òraid seachad an-diugh aig co-labhairt gnìomhachas bliadhnail Pàrlamaid na h-Alba.
06.11.2014
Bidh Pàrlamaid na h-Alba anns a’ Ghearasdan airson Latha na Pàrlamaid a chumail an sin air Diluain 24 Samhain.
05.11.2014
Chaidh sgeama phreantasachdan fhoillseachadh an-diugh, leis an Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick, a bheir cosnadh do dh’fhichead duine òg ann am Pàrlamaid na h-Alba thairis air an ath cheithir bliadhna.