04.08.2014
Thathar cleachdte ri dràma ann an seòmar deasbaid Thaigh an Ròid, ach ’s e dràma de sheòrsa eile a bhios ann agus dealbh-chluich Joe Corrie, mu choimhearsnachd mhèinnearan ri linn Stailc 1926, air chois ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Mar phàirt de dh’Fhèis Phoilitigs aig Taigh an Ròid, cuiridh Tèatair Nàiseanta na h-Alba ‘taisbeanadh sònraichte’ den dealbh-chluich In Time o’ Strife, air a chur ri chèile gu h-às ùr is a stiùireadh le Graham McLaren, an làthair ann an seòmar na Pàrlamaid.
Air a sgrìobhadh le Corrie sna 1920an, tha In Time o’ Strife a’ toirt sùil, air dòigh tharraingeach, air beatha bhrùideil aona teaghlaich a tha acras is call an dàn dhaibh. An dèidh cur an làthair an dràma bidh seisean deasbaid air chois le Graham McLaren is an t-Oifigear Riaghlaidh, Tricia Marwick, mun tèama ‘coimhearsnachd is dearbh-aithne’.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA:
“Agus e beò, chaidh Joe Corrie a sheachnadh aig luchd an ealain a dh’aindeoin a thàlant. Mheas TS Eliot, fear den fheadhainn ainneamh a thug taic dha, gum b’ e Joe am bàrd a b’ fheàrr an dèidh Bhurns. Ach fiù’s an dèidh a bhàis ann an 1968, cha deach na chuir e ri litreachas na h-Alba aithneachadh gu ceart.
“Agus mi fada measail air Joe Corrie, bhruidhinn mi mu mo mheas air a chuid obrach sa Phàrlamaid an toiseach cho fada air ais ri 2001. Tha mi air mo dhòigh gun tèid aitheantas àraid a thoirt dha a-nis ann an teis-meadhain Pàrlamaid ar nàisein nuair a chuireas Tèatair Nàiseanta na h-Alba In Time o’ Strife air àrd-ùrlar.”
Thuirt Co-stiùiriche Tèatair Nàiseanta na h-Alba, Graham McLaren:
“Sgrìobh Joe Corrie In Time o’ Strife ann an 1926, cha b’ ann air sgàth cliù neo eile, ach gus airgead a thogail do na bancaichean-bìdh a bha mar thaic do theaghlaichean acrach nam mèinnearan sa choimhearsnachd aige.
“Tha Tèatair Nàiseanta na h-Alba gu mòr airson ’s gun tèid àrd-ùrlar a chur air dòigh, mar gum biodh, do dhaoine fa leth, do luchd-ealain is do choimhearsnachdan, iadsan a tha gun ghuth. Leis an turas seo den dealbh-chluich In Time o’ Strife, tha sinn a’ coimhead air adhart a thaobh guth Joe Corrie, cho math ris an sgeul seo às Fìobha, a thoirt gu aire luchd-coimhid ùra ann am Pàrlamaid na h-Alba, thar Alba fhèin agus san RA.”
In Time o’ Strife, Didòmhnaich 17mh Lùnastail, 16:00-17:30, £10.00 / £8.00
’S e tha anns an ‘taisbeanadh àraid’ 45 mionaid seo den dealbh-chluich In Time o’ Strife ach sàr-sgeulachd Joe Corrie mu choimhearsnachd de mhèinnearan ann am Fìobha ri linn Stailc 1926, air a chur an làthair gu làidir ’s gu h-às ùr. Agus faireachdainnean làidir lom a’ nochdadh san dealbh-chluich, thathar a’ cur feum air dannsaireachd fìor fhiosiceach agus ceòl a chaidh a chur ri chèile a dh’aona ghnothach air a chluich le sàr-luchd-ciùil Albannach. Gus airgead a thogail airson nan cidseanan-brot a chum biadh ris na mèinnearan ’s an teaghlaichean acrach, sgrìobh Corrie In Time o’ Strife agus e fhèin air stailc.
Cùl-fhiosrachadh
Bidh Fèis Phoilitigs air chois aig Pàrlamaid na h-Alba o Dhihaoine 15mh gu Didòmhnaich 17mh Lùnastail. Faodar tiogaidean do In Time o’ Strife, agus clàr-thachartasan don Fhèis gu lèir, a cheannach / fhaicinn air loidhne aig an t-seòladh: http://www.fèisphoilitigs.org.ra/.
Agus iad air dealbh-chluich Corrie a chur an làthair luchd-coimhid mìorbhaileach mòr ann an teis-meadhain coimhearsnachd mèinnearan Fhìobha bliadhna air ais, tha Tèatair Nàiseanta na h-Alba gus In Time o’ Strife a thoirt air ais gu Fìobha, aig Ionad Loch Geallaidh o 27mh gu 30mh Lùnastail.
Cuir tiocaidean air dòigh
Fios Conaltraidh
Fios do na meadhanan:
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: