09.10.2014
Chaidh am mion-fhiosrachadh as ùire mu chosgaisean pàrlamaideach nam BPAan uile fhoillseachadh an-diugh air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.
Tha cosgaisean Ceathramh 4 o bhliadhna an ionmhais 2013/14 a-nis ri fhaotainn air-loidhne tro ghoireas so-lorg stòr-dàta na Pàrlamaid.
Cuideachd, chaidh paipear-ullachaidh a chuireas an cèill àireamhan caiteachas iomlan deireadh na bliadhna fhoillseachadh an-diugh.
Tha iomlan deireadh na bliadhna - £12,523,959 – a’ riochdachadh àrdachadh de 2.14% air na bh’ ann sa bhliadhna roimhe.
Thuirt neach-labhairt o Phàrlamaid na h-Alba: “Tha an àrdachadh de 2.14% air cosgaisean nam Ball an-uiridh san fharsaingeachd a’ cur an cèill buaidh na h-atmhorachd air cosgaisean oifisean is tuarastail luchd-obrach.”
· Pàipear-ullachaidh a chuireas an cèill àireamhan caiteachas iomlan deireadh na bliadhna (156KB pdf)