12.11.2014
Bidh an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon BPA, a’ nochdadh air beulaibh BPAan bhon Chomataidh Bun-structair is Tasgadh Calpa gus ceistean a fhreagairt mu na planaichean a th’ aig Riaghaltas na h-Alba airson Port-adhair Phreastabhaig.
Bidh a’ Chomataidh a’ cluinntinn bho Leas-Phrìomh Mhinistear, a tha cuideachd na Rùnaire a’ Chaibineit airson Bun-structair, Tasgadh agus Bailtean-mòra, mu dheidhinn nam planaichean a chaidh fhoillseachadh o chionn goirid airson airgead a chur an seilbh sa phort-adhair agus airson gnothachas a leudachadh ann às dèidh do Riaghaltas na h-Alba am port-adhair a cheannach san t-Samhain 2013.
Cuideachd, gabhaidh a’ Chomataidh fianais bho Rùnaire a’ Chaibineit air an dreachd den bhuidseat aig Riaghaltas na h-Alba airson 2015-16.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Maureen Watt BPA:
“Mar Chomataidh, tha e fìor chudromach gun dèan sinn sgrùdadh air na planaichean agus an sealladh a th’ aig Riaghaltas na h-Alba airson a’ phuirt-adhair.
“Ged a tha sinn a’ tuigsinn nach eil fuasgladh furasta ann, a chuireas gach nì ceart san spot, tha sinn gu mòr airson cluinntinn mu na planaichean a th’ aig Riaghaltas na h-Alba airson ath-nuadhachadh a thoirt air a’ phort-adhair agus gus dèanamh cinnteach gun soirbhich leis san ùine ri thighinn.”
Cùl-fhiosrachadh
Tòisichidh coinneamh na Comataidh Bun-structair is Tasgadh Calpa aig 10m le fianais air an dreachd den bhuidseat, agus thathar an dùil gun tòisich an seisean air Port-adhair Phreastabhaig mu 11.30m.
Thèid a chraoladh beò air TBh na Pàrlamaid.