31.01.2015
Chan eil an dreachd Plana Nàiseanta Mara airson na h-Alba, a thug Riaghaltas na h-Alba còig bliadhnaichean a’ deasachadh, fhathast math gu leòr a rèir na Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus Àrainneachd aig Pàrlamaid na h-Alba.
Tha a’ Chomataidh a’ cur an cèill anns an aithisg aca gu bheil fìor dhragh orra mun dreachd Plana Nàiseanta Mara aig Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Rob Gibson BPA:
“Tha e na bhriseadh dùil mòr don Chomataidh nach eil plana an Riaghaltais, a thug còig bliadhna ga dheasachadh, fhathast math gu leòr. Is iomadh dòigh a tha àrainneachd na mara air a cleachdadh agus nas trice a nis tha na diofar chleachdaidhean sin a’ strì an aghaidh a chèile.
“Ach, chan eil dreachd Plana Nàiseanta Mara Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad poileasaidhean soilleir, pongail a ghabhas a chur an gnìomh gu cunbhalach le daoine a tha a’ dèanamh cho-dhùnaidhean agus na tha a’ cleachdadh àrainneachd na mara.
“Tha cunnart ann gun adhbharaich am plana, mar a tha e an-dràsta, còmhstri le bhith a’ sònrachadh riaghailtean teann ann an cuid a dh’àiteachan ach dìreach a’ bruidhinn air cinn-uidhe ann an dòigh sgaoilte ann an àiteachan eile. Seach an àrainneachd mara a dhèanamh nas fhasa dèiligeadh ris dh’fhaodte gun deidheadh a dhèanamh nas duilghe. ”
Lean Rob Gibson air:
“Dh’fhaodadh plana Riaghaltais a bha freagarrach còirichean is dleastanasan a mhìneachadh gu soilleir, agus aig an aon àm, a bhith a’ dìon seasmhachd ann an Alba san àm ri teachd. Tha sinn ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba Plana Nàiseanta Mara a dheasachadh a tha soilleir, pongail agus a ghabhas a chur an gnìomh gu cunbhalach air feadh na dùthcha.”
Anns an aithisg aca air Plana Nàiseanta Mara Riaghaltas na h-Alba, shònraich Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus an Àrainneachd Pàrlamaid na h-Alba grunn chùisean, leithid:
- Tha a’ Chomataidh den bheachd gur e frèam-obrach cudromach a th’ anns na poileasaidhean farsaing a tha an dreachd plana air ainmeachadh a bhios a’ stèidheachadh seasmhachd mar tar-phrionnsapal. Ach tha ceist ann mu ciamar a bhios dealbhadh mara aig ìre roinneil a’ co-obrachadh leis a’ phlana nàiseanta, agus chan eil a’ Chomataidh den bheachd gu bheil an dreachd seo den phlana a’ toirt seachad stiùireadh gu leòr do dh’ùghdarrasan ionadail airson dòigh-obrach chunbhalach a chur an gnìomh.
· Tha ceist ann a bheil na h-ìrean freagarrach de chleachdadh, eòlas agus goireasan aig a h-uile ùghdarras ionadail airson planaichean mara roinneil a leasachadh agus a chur an gnìomh gu soirbheachail.
· Iarrtas gun tèid dearcnachadh is measadh èifeachdach a dhèanamh air a’ phlana agus gum bi an tionndadh eadar-ghnìomhach air-loidhne na shàr thùs-fiosrachaidh ùghdarrasach air raointean-mara na h-Alba.
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear aithisg Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus Àrainneachd Pàrlamaid na h-Alba air làrach-lìn na Pàrlamaid: www.scottish.parliament.uk.
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan:
Fios comataidh:
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: