02.04.2015
Is e Pàrlamaid na h-Alba a’ chiad togalach poblach air an deach duais Ruigsinn Uathachais a bhuileachadh leis a’ Chomann Uathachais Nàiseanta.
Ghabh an t-Oifigear Riaghlaidh, an Fhìor Urramach Tricia Marwick BPA, an duais às leth Pàrlamaid na h-Alba bho Jenny Paterson, Stiùiriche a’ Chomainn Uathachais Nàiseanta (Alba), ann an Taigh an Ròid.
Tha an t-ainmeachadh an-diugh air Latha Mothachaidh Uathachais na Cruinne a’ leantainn air cur an gnìomh àireamh de leasachaidhean a thaobh eòlas luchd-tadhail le uathachas a bhios a’ cleachdadh togalach Taigh an Ròid.
Mhìnich an t-Oifigear Riaghlaidh:
“Tha mi air leth toilichte gu bheil Pàrlamaid na h-Alba mar a’ chiad togalach poblach air an deach duais Ruigsinn Uathachais a bhuileachadh. Tha e cudromach nach eil neach sam bith air a bhacadh bho ghnìomhan na Pàrlamaid agus tha mi an dòchas gum misnich an duais seo buidhnean eile gus an dòighean air taic a thoirt do dh’ fheumalachdan dhaoine le uathachas ann an Alba, a leasachadh.
“Tha sinn air àireamh de dh'ùr-ghnàthachaidhean a thoirt a-steach, ag amas air eòlas an luchd-tadhail le uathachas a leasachadh agus tha mi toilichte gun d’ fhuair seo aithne bhon Chomann Uathachais Nàiseanta.”
Thuirt Jenny Paterson, Stiùiriche a’ Chomainn Uathachais Nàiseanta (Alba):
“Tha mi fìor thoilichte duais Ruigsinn Uathachais a bhuileachadh air Pàrlamaid na h-Alba. Tha e freagarrach gur h-e Pàrlamaid na h-Alba, mar dhachaigh do luchd-dèanamh poileasaidh agus lagh a dh’fhaodas piseach a thoirt air beatha iadsan le uathachas, a’ chiad togalach poblach ann an Alba a tha a’ faotainn an aithne a tha seo. Tha e air còrdadh rinn a bhith ag obair leis a’Phàrlamaid ann an cur ri bhith a’ dèanamh Alba na dùthaich le mothachadh do dh’uathachas, dùthaich far am faod iadsan leis an duilgheadas seo a bhith comasach air goireasan coimhearsnachd a chleachdadh gun eagal agus gun imcheist.”
Cùl-fhiosrachadh
· Is e inbhe ùr do thogalaichean agus do ghoireasan a th’ anns an Duais Ruigsinn Uathachais. Tha i a’ taisbeanadh dealas a thaobh toirt air falbh chnapan-starra do dhaoine le uathachas. Tha i air a buileachadh leis a’ Chomann Uathachais Nàiseanta do ghoireasan a tha air atharrachaidhean a dhèanamh gus am faod e a bhith nas fhasa do dhaoine le uathachas, an teaghlaichean agus an luchd-cùraim, tadhal.
· Tha fiosrachadh do dhaoine le uathachas a thaobh na dh’fhaodar a dhùileachadh bho thadhal air Pàrlamaid na h-Alba ri fhaotainn air an làraich-lìn agus aig doras-aghaidh na Pàrlamaid.
· Tha àireamh de bhuill luchd-obrach na Pàrlamaid air trèanadh fhaotainn ann am mothachadh do dh’uathachas, agus bidh iad a’ caitheamh bràiste le ‘Tha mi mothachail do dh’ uathachas’ gus luchd-tadhail a chuideachadh ann an aithneachadh cò iad.
· Tha seòmar sàmhach air a chur mu seach do dhaoine aig am bi feum air àite ciùin fhad ’s a bhios iad a’ tadhal.
· Is e 2 Giblean Latha Mothachaidh Uathachais. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air an làrach-lìn aca a thaobh mar a tha an Comann Uathachais Nàiseanta air a bhith a’ comharrachadh Seachdain Mothachaidh Uathachais na Cruinne.