Chaidh Bile Deoch-làidir (Ceadachdan, Slàinte a’ Phobaill agus Ceartas Eucoireach) (Alba) a thoirt a-steach leis an Dr Ridseard Simpson BPA agus na chois tha na cumhachan a leanas:
· A’ cur cuingealachdan an sàs a thaobh mar a thèid deoch-làidir a reic agus a shanasachd, a’ gabhail a-steach cuingealachdan airson deochan-làidir sa bheil caifein;
· Atharraichean air na laghan ceadachd;
· Uallaichean air Ministearan na h-Alba gus poileasaidh foghlaim a thaobh deoch-làidir fhoillseachadh, ath-sgrùdadh agus aithris a dhèanamh air; agus
· A’ toirt stiùireadh do chuid de dhaoine, a tha air a bhith ri eucoir no gan giùlan fhèin ann an dòigh mì-shòisealta fo bhuaidh deoch-làidir, feuch am faigh iad taic no cuideachadh no a’ cuingealachadh na tha na daoine sin ag òl.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Donnchadh MacNèill BPA:
“Tha farsaingeachd de chumhachan sa Bhile seo, nam measg tha modhan-reachdail gus dèiligeadh ri daoine fon aois laghail a tha ag òl, cuingealachdan air mar a thèid deoch-làidir a shanasachd agus tha cudrom ga chur air oideachadh a nì daoine nas mothachail air na cunnartan bho dheoch-làidir.
“Tha mì-chleachdadh deoch-làidir a’ dèanamh sgrios air coimhearsnachdan agus beatha dhaoine air feadh Alba. Ge-tà, tha dleastanas air a’ Chomataidh seo coimhead gu mionaideach air na thathar a’ moladh feuch an toireadh an reachdas seo deagh bhuaidh air an t-suidheachadh.”
Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Bob Doris BPA:
“Tha a’ Chomataidh againn airson cluinntinn bho iomadh buidheann is neach agus na beachdan aca air an reachdas seo.
“Eadar dotairean is am Poileas, Ùghdarrasan Ionadail agus Riaghaltas na h-Alba, tha tòrr chumhachan san reachdas seo a bheir buaidh air na buidhnean sin.
“Tha BPAan cuideachd airson cluinntinn bho dhaoine fa leth aig a bheil eòlas pearsanta air cuid de na cùisean ris a bheil am bile seo a’ feuchainn ri dèiligeadh.”
Tha a’ Chomataidh airson freagairtean fhaighinn do na ceistean a leanas:
· A bheil thu ag aontachadh ris a’ Bhile san fharsaingeachd?
· A bheil ag aontachadh ris na cumhachan sònraichte sa Bhile?
· A bheil draghan agad mu chuid de na cumhachan sa Bhile?
· Ciamar a fhreagras cuid de chumhachan sa Bhile air an obair agad, no air obair na buidhne agad?
· An toir am Bile buaidh ortsa no air a’ bhuidhinn agad a thaobh ghoireasan is ionmhas?
· A bheil beachdan no molaidhean iomchaidh eile agad mun Bhile?
Cùl-fhiosrachadh
Tha gairm na Comataidh airson beachdan fosgailte gu 24 Ògmhios.