29.05.2015
Thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA a tha na Ball airson Fìobh Mheadhanach agus Gleann Rathais, gum bi i a’ leigeil dhith a dreuchd mar Bhall Pàrlamaid aig na taghaidhean Albannach an ath-bhliadhna.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh:
“Tha mi air a bhith an sàs ann am poilitigs bho mheadhan nan 80an, agus rè an ama sin bha mi uaireannan a’ dèanamh obair làn-thìde cuideachd agus a’ togail mo chuid chloinne, a bharrachd air a bhith an sàs ann an iomairtean poilitigeach. Is dòcha gum mair an ath sheisean pàrlamaideach còig bliadhna agus, ma mhaireas, bhithinn 67 bliadhna a dh’aois nuair a thig an seisean sin gu crìch. An dèidh a bhith nam Bhall Pàrlamaid bho 1999, tha fios agam gur e seo an t-àm ceart a bhith a’ fàgail na Pàrlamaid agus poilitigs aig an ìre as àirde.
“Nuair a chaidh innse dhomh ann an 2013 gun robh aillse innidh orm, thuig mi an uair sin nach b’ urrainn dhomh a bhith a’ cumail orm gu bràth. Tha sinn air ceithir Buill Pàrlamaid a chall a thàinig a-steach ann an 1999, agus tha sin air bualadh orm gu domhain. Tha mi ann an deagh shlàinte agus tha na deuchainnean a’ sealltainn nach eil an aillse air tilleadh. Ach tha an teaghlach agam air iomadh ìobairt a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean, agus tha mi airson gum faod mi a bhith a’ caitheimh ùine còmhla riutha, gu h-àraidh ris an dithis oghaichean agam.
“A thaobh an ama ri teachd, chan eil mi an dùil a bhith a’ leigeil dhiom a h-uile nì, agus tha mi an dòchas gum faod mi a bhith a’ cur ri beatha phoblach na h-Alba.
“B’ e urram mòr a bhith a’ riochdachadh na sgìre-phàrlamaid anns a bheil mi a’ fuireach agus far an do thog mi mo theaghlach. Tha mi airson taing a thoirt do luchd-bhòtaidh na sgìre-phàrlamaid agam agus do na càirdean agam a thug taic gun stad dhomh thairis air na bliadhnaichean. Tha mi moiteil às na rinn sinn ri chèile agus gun deach agam a bhith a’ cuideachadh mìltean de dhaoine. Faodaidh iad a bhith cinnteach gun cum mi orm gan riochdachadh airson an ath 11 mìosan.
“ ’Se urram mòr a bhith nam Oifigear Riaghlaidh ann am Pàrlamaid na h-Alba. Cha do shaoil mi riamh gum bithinn riamh anns an dreuchd sin nuair a thàinig mi a-steach mar BhPA. Mar a’ chiad Oifigear Riaghlaidh boireann, tha mi an dòchas gu bheil mi air misneachadh a thoirt do bhoireannaich eile a bhith gam leantainn anns an dreuchd.
“Bha e inntinneach agus dùbhlanach a bhith nam Oifigear Riaghlaidh rè iomairt an reifrinn, agus cha robh mi riamh cho pròiseil ’s a bha mi nuair a thàinig poball na h-Alba a-mach nam milleanan gus am binn aca a thoirt air bun-reachd na dùthcha againn.
“Is toigh leam a bhith nam Oifigear Riaghlaidh agus tha mi uasal às na h-ath-leasachaidhean a rinn mi, leithid cheistean co-aimsireil, na h-atharrachaidhean ris an t-seachdain phàrlamaideach againn agus a’ toirt na Pàrlamaid a-mach à Dùn Èideann agus a-steach do bhailtean fad is farsaing air feadh Alba. Feumar barrachd a dhèanamh, ach tha mi toilichte gun do thòisich mi an deasbad air taghadh luchd-gairm agus air an ath-leasachadh nan comataidhean agus na Pàrlamaid a tha, na mo bheachd sa, deatamach.
“Cumaidh mi orm a bhith a’ dèanamh mo dhìcheall airson na Pàrlamaid agus airson na sgìre-phàrlamaid agam gus an leig mi dhiom an dreuchd an ath-bhliadhna.”
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh Tricia Marwick a thaghadh mar Oifigear Riaghlaidh air 11 Cèitean 2011.
A chionn ’s gum mair an seisean pàrlamaideach seo còig bliadhnaichean (2011-2016) an àite nan ceithir bliadhnaichean àbhaisteach, tha Tricia Marwick cheana air a bhith anns an dreuchd mar Oifigear Riaghlaidh ann an Taigh an Ròid nas fhaide na neach sam bith eile roimhpe. Mairidh i anns an dreuchd gus an tèid an ath Oifigear Riaghlaidh a thaghadh anns a’ Chèitean 2016.