03.07.2015
Thathar a’ sireadh bheachdan an-diugh bho dhaoine air feadh na h-Alba air reachdas a bheir a-steach bacaidhean a thaobh mar a dh’fhaodar toitean-e a reic agus a stèidhicheas àiteachan san àrainn taobh a-muigh ospadalan far nach fhaodar smocadh.
Tha BPAan air a’ Chomataidh Slàinte is Spòrs an-dràsta a’ sgrùdadh Bile na Slàinte (Tombaca, Nicotin msaa, agus Cùram) (Alba).
Ma thèid aontachadh ris a’ Bhile, bidh e a’ fàgail dleastanas laghail air buidhnean slàinte is cùraim shòisealta far am feum iad innse do dhaoine mu dheidhinn ma thèid cron a dhèanamh orra ri linn cùram no leigheas a fhuair iad.
Ma thèid na molaidhean a chur an sàs, stèidhicheadh iad eucoir ùr, droch-dhìol no dearmad a dh’aona-ghnothach air inbheach, a ghabhadh a thogail an aghaidh luchd-obrach, manaidsearan agus luchd-stiùiridh a tha ag obair ann an roinn na slàinte is a’ chùraim shòisealta.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Donnchadh MacNèill BPA:
“Tha molaidhean farsaing an cois a’ Bhile seo agus ma thèid aontachadh ris, bheir e buaidh air grunn thaobhan de bheatha dhaoine.
“Tha a bhith cleachdadh thoitean-e air a bhith connspaideach bho nochd iad an toiseach, agus tha a’ Chomataidh seo mu thràth air beachdachadh air am bu chòir mar a thèid an cleachdadh a bhith air a riaghladh, agus nam bu chòir, ciamar.
“Tha e cudromach gum bi cothromachadh ceart ann eadar a bhith riaghladh mar a thèid toitean-e a chleachdadh agus a bhith toirt taic do na daoine a tha gan cleachdadh an àite stuthan tombaca eile a nì barrachd cron orra.
“Tha a’ Chomataidh a’ coimhead air adhart ri farsaingeachd bheachdan a chluinntinn air na cùisean seo.”
Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh Bob Doris BPA:
“Bidh am Bile seo a’ fàgail dleastanas air buidhnean slàinte is cùraim shòisealta an fhìrinn innse do dh’euslaintich ma tha dad air a dhol ceàrr leis an leigheas aca – dleastanas a bhith fosgarra.
“Ged a tha e follaiseach gun aontaicheadh a’ mhòr-chuid de dhaoine gur e beachd math a tha seo, tha e cudromach gum faigh sinne mar Chomataidh a-mach dè thachras an-dràsta nuair a thèid rudeigin ceàrr. Tha e cuideachd cudromach gum bi tuigse againn air mar tha na molaidhean a th’ anns a’ Bhile a’ dol a dhèanamh cùisean nas fhosgailte agus a’ dol a thoirt barrachd taice do dh’euslaintich a dh’fhuiling cron no dearmad nuair a bha iad a’ faighinn leigheas.
“Chuireamaid fàilte air beachdan bho dhaoine aig a bheil eòlas air ar siostam slàinte is cùraim shòisealta feuch a bheil taic ann do na molaidhean seo agus feuch an gabh na molaidhean a dhèanamh nas fheàrr.”
Tha a’ Chomataidh ag iarraidh beachdan air:
Bathar le Deataichean Nicotin is a’ smocadh san àrainn taobh a-muigh ospadalan
- A bheil thu a’ toirt taic do mholaidhean a’ Bhile a thaobh Bathar le Deataichean Nicotin?
- A bheil thu a’ toirt taic don mholadh gus casg a chur smocadh san àrainn taobh a-muigh ospadalan?
- A bheil thu airson dad eile atharrachadh sa Bhile no dad a thoirt às no a chur ris a’ Bhile, a thaobh Bathar le Deataichean Nicotin no smocadh san àrainn taobh a-muigh ospadalan?
Dleastanas a bhith fosgarra agus dearmad a dh’aona-ghnothach
- A bheil thu a’ toirt taic don mholadh airson dleastanas a bhith fosgarra?
- A bheil thu a’ toirt taic don mholadh gus eucoir a stèidheachadh airson a bhith dèanamh dearmad a dh’aona-ghnothach no droch-dhìol air euslaintich?
- A bheil thu airson dad eile atharrachadh sa Bhile no dad a thoirt às no a chur ris a’ Bhile a thaobh nam moladh seo?