08.07.2015
Thathar a’ moladh gum faod ìre de smachd a bhith aig Alba air innealan ceàrrachas le corr stèidhichte (fixed odds betting terminals no FOBTan), agus tha na molaidhean seo gu bhith a’ tighinn fon phrosbaig ann an Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh.
Mar phàirt den Bhile Alba a tha a’ dol tro Westminster an-dràsta, gheibh Riaghaltas na h-Alba cumhachd gus an àireamh de FOBTan atharrachadh airson bùithtean ceàrrachas ùra. Bidh a’ Chomataidh a’ sgrùdadh dè bhios na cumhachdan seo a’ ciallachadh agus dè a’ bhuaidh a dh’fhaodas tighinn bhuapa. Tha a’ Chomataidh airson cluinntinn bho dhaoine anns na coimhearsnachdan far a bheil na h-innealan seo ann.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Caoimhin Stiùbhart BPA:
“Is tric a chithear FOBTan ann am bùithtean ceàrrachas air feadh Alba a-nis, ach chan eil iad gun a bhith connspaideach. Chan ann ainneamh a chluinnear sgeulachdan de dh’eisimeileachd agus de chall.
“Tha am Bile Alba a’ moladh gum bu chòir cumhachdan air na h-innealan seo a bhith air an tiomnadh gu Riaghaltas na h-Alba. Bidh a’ Chomataidh againn a’ sgrùdadh dè bhios seo a’ ciallachadh da-rìribh agus dè a’ bhuaidh a bhiodh ann airson nan coimhearsnachdan far a bheil na h-innealan seo cumanta.
“Thuirt Riaghaltas na h-Alba cheana nach eil na molaidhean anns a’ Bhile Alba a’ dol fada gu leòr, agus bidh sinne a’ coimhead air dè dh’fhaodadh molaidhean eile a bhith a’ ciallachadh airson àrd-sràidean na h-Alba.”
An-diugh tha a’ Chomataidh a’ cur a-mach gairm airson fianais sgrìobhte. Tha a’ Chomataidh airson cluinntinn gu h-àraid bhuapasan a dh’fhulaing air sàilleabh FOBTan a bharrachd air bhuapasan aig a bheil na h-innealan seo anns na bùithtean aca. Tha a’ Chomataidh a’ faighneachd:
- Dè na tairbhean agus dè na mì-thairbhean a thigeadh thugad mar thoradh air na tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a’ moladh anns a’ Bhile Alba 2015-16?
- Dè na tairbhean agus dè na mì-thairbhean a thigeadh thugad mar thoradh air na tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh na àite?
- Am bu toil leat atharrachaidhean sam bith fhaicinn anns an raon-lagha seo nach eil a’ nochdadh anns na molaidhean a tha gach Riaghaltas a’ cur air adhart, agus carson?
Cùl-fhiosrachadh
Tha FOBTan nan innealan eileagtronaigeach, air an suidheachadh ann am bùithtean ceàrrachas, air am faod daoine diofar gheamaichean a chluich, roulette nam measg. Faodaidh daoine geall a chur orra—suas gu bàrr-suime air a stèidhicheadh ro làimh—agus tha an t-inneal a’ pàigheadh a-mach à rèir nan corr stèidhichte airson toradh atharraiste a’ gheama. ’Se £100 an geall singilte as motha a chuirear, agus ’se £500 an duais as motha a gheibhear.
An-dràsta, tha cumhachdan air ceàrrachas, cluiche gheamaichean agus crannchur glèidhte ri Westminster. Fo chlàsa 45 den Bhile Alba, ge-tà, thathar a’ moladh gun tiomnaichear na cumhachdan seo airson innealan geama a tha ùghdarraichte fo chead airson bùth ceàrrachas far a bheil am bàrr-suime airson aon chluich nas motha na £10.
Rachadh Achd Ceàrrachas 2005 atharrachadh air chor ’s gum faod Ministearan na h-Alba a bhith ag atharrachadh cò mheud inneal a dh’fhaodadh a bhith air a cheadachadh ann am bùithtean ceàrrachas. Thigeadh an cumhachd a-steach a-mhàin a thaobh iarrtasan airson bùithtean ùra.