06.10.2015
Tha Comataidh Tiomnadh Cumhachd (Cumhachdan a Bharrachd) ag iarraidh sgrùdadh nas fheàrr air dàimhean eadar Riaghaltasan na h-Alba agus na RA.
Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh air ‘dàimhean eadar riaghaltasan’, tha BPAan ag ràdh gum bu chòir prionnsapalan follaiseachd agus cunntachalachd a chur ann an reachdas ann am Bile na h-Alba, gus am bi na riatanasan air stèidh laghail.
A thuilleadh air sin, tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil frèam-obrach fioscalach riatanach airson obrachadh nan cumhachdan a tha gam moladh airson tiomnadh cumhachd. Air an adhbhar seo, tha a’ Chomataidh an dùil gun tèid co-chomhairle a dhèanamh leotha air an fhrèam-obrach fioscalach mus faigh e aonta foirmeil.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Tiomnadh Cumhachd, Brus Crawford BPA:
“Dh’iarr Coimisean Mhic a’ Ghobhainn, anns an aithisg dheireannaich aca, air Riaghaltasan na h-Alba agus na RA obair nas dlùithe ri chèile gus dàimh nas làidire, tarbhaiche, soilleire agus follaiseach a chruthachadh. Tha a’ chomataidh againne den bheachd gu bheil am prionnsapal mu dheireadh sin, follaiseachd, agus cunntachalachd air leth cudromach.
“A dh’aindeoin cho cudromach ’s a tha dàimhean eadar riaghaltasan (DER), chan eil pàirt cho mòr ’s a dh’fhaodadh a bhith aig Pàrlamaid na h-Alba ann an sgrùdadh ciamar a tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèiligeadh ri riaghaltasan eile san RA agus ciamar as fheàrr a nithear cinnteach gu bheil iad cunntachalach airson seo.
“Tha an rannsachadh eadar-nàiseanta againne air sealltainn ged a tha dàimhean eadar riaghaltasan ann an siostaman feadaraileach agus pàirt feadaraileach mar as tric gu mòr fo smachd riaghaltais, tha àite na pàrlamaid a thaobh DER anns cha mhòr a h-uile dùthaich ris an do sheall sinn nas motha na àite pàrlamaidean na RA ann an sgrùdadh DER anns an RA.
“Gus an suidheachadh seo a leasachadh, tha a’ chomataidh againn air grunn mholaidhean a dhèanamh, a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur phrionnsapalan follaiseachd agus cunntachalachd ann am Bile na h-Alba.
“Cuideachd, tha sinn an dùil gun gabhar suim ris na molaidhean againn anns na còmhraidhean agus an rèiteachadh a tha a’ dol air adhart eadar Riaghaltasan na h-Alba agus na RA.”
Cùl-fhiosrachadh
- Tha làn aithisg na comataidh: Changing Relationships - Parliamentary Scrutiny of Intergovernmental Relations, ri fhaighinn air-loidhne.
- Tha dàimhean eadar riaghaltasan (DER) a’ ciallachadh nan dòighean sam bi riaghaltasan eadar-dhealaichte a’ conaltradh ri chèile agus a’ co-obrachadh gus dèiligeadh ri cùisean far a bheil cuid de na h-aon dhleastanasan aca, duilgheadasan poileasaidh sa chumantas, agus airson còmhstri a rèiteach no a sheachnadh. Mar a thuirt a’ Chomataidh roimhe, anns an aithisg eadar-amail aca ‘New Powers for Scotland’, tha dàimhean eadar riaghaltasan anns an RA mar as tric neo-fhoirmeil agus feumach air deagh chonaltradh, deagh ghean agus earbsa eadar luchd-compàirt. Ach, tha an aithisg seo a’ cuimseachadh air structaran agus pròiseasan foirmeil a tha a’ riaghladh DER san RA agus a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig na molaidhean a th’ ann an-dràsta a thaobh barrachd tiomnadh cumhachd, air na structaran is pròiseasan seo.
- Tha an aithisg seo gu h-àraidh a’ beachdachadh air àite Pàrlamaid na h-Alba, cho math ri Pàrlamaidean san fharsaingeachd, ann a bhith a’ sgrùdadh dhàimhean eadar riaghaltasan. Ann a bhith a’ dèanamh seo, tha an aithisg a’ gabhail beachd air na dòighean-obrach a’ buntainn ri sgrùdadh pàrlamaideach air DER ann an dùthchannan eile gus eisimpleirean agus cleachdaidhean a lorg a bheir fiosrachadh do leasachadh DER na RA agus àite nan reachdadaireachdan ann a bhith ga sgrùdadh.
- Tha a’ Chomataidh taingeil do Oilthigh Dhùn Èideann airson an rannsachaidh a rinn iad air coimeasan eadar-nàiseanta a thug cùl-fhiosrachadh don aithisg aca. Lorgar rannsachadh an Oilthigh ann am Pàipear-taice B ann an aithisg na Comataidh.