29.01.2016
Tha Comataidh an Ionmhais ann an Taigh an Ròid air gairm airson deasbad farsaing air poileasaidh chìsean an dèidh cur an gnìomh nan cumhachdan ionhmais ùra a tha ag èirigh à Coimisean Mhic a’ Ghobhainn.
Chuir a’ Chomataidh a-mach an gairm anns an aithisg aice air dreachd a’ bhuidseat aig Riaghaltas na h-Alba, a chaidh fhoillseachadh an-diugh (29 Faoilleach).
’Se seo a’ chiad bhliadhna a bhios Buill Pàrlamaid na h-Alba a’ co-dhùnadh air ìre Albannach na cìse cosnaidh (an SRIT), fo chumhachdan tiomnaichte ann an Achd na h-Alba 2012. Thuige seo, tha am fòcas ann an sgrùdadh pàrlamaideach air a bhith air na planaichean caitheimh aig Riaghaltas na h-Alba, ach tha na cumhachdan ionmhais ùra a’ ciallachadh gum bi pàirt nas motha de bhuidseat an Riaghaltais air a thogail tro chìsean.
Chuala a’ Chomataidh diofar argamaidean bho luchd-fianais airson ìre na cìse cosnaidh a bhith diofaraichte ann an Alba bho àitichean eile anns an Rìoghachd Aonaichte, ach b’ e beachd na mòr-chuid dhiubh, bhon CBI chun an STUC, gum bu chòir don SRIT a bhith aig 10 sgillinn anns a’ chiad bhliadhna, agus mar sin tha a’ Chomataidh air taic a thoirt do rùn an Riaghaltais a’ chìs a chumail aig an ìre sin. Tha seo a’ ciallachadh gum bi luchd-pàighidh cìse ann an Alba a’ pàigheadh an aon ìre ’s a bhios luchd-pàighidh cìse eile anns an Rìoghachd Aonaichte. Ach tha a’ Chomataidh a’ gairm airson “deasbad nas fharsainge air cìsean an dèidh tòiseachadh nan cumhachdan ùra a tha ag èirigh à Coimisean Mhic a’ Ghobainn.”
Mar a tha an aithisg a’ mìneachadh, a thaobh cìs fearainn is togalaichean (LBTT) tha a’ Chomataidh a’ toirt taic don cho-dhùnadh a rinn an Riaghaltas gum cumadh iad na h-ìrean agus na bannan mar a tha iad, ach tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir don Riaghaltas rannsachadh a dhèanamh air mar a tha a’ chìs air a bhith ag obrachadh na ciad bhliadhna.
Thuirt Coinneach Gibson BPA, Neach-gairm Comataidh an Ionmhais:
“Mar bu chòir, bha aire na Comataidh air a ghlacadh gu mòr le planaichean Riaghaltas na h-Alba airson chìsean anns a’ bhliadhna ri thighinn. Seo a’ chiad turus a bha againn ri beachdachadh air ìre Albannach na cìse cosnaidh agus, ged a tha sinn a’ moladh gum bu chòir don chìs a bhith aig an ìre làthaireach airson na bliadhna ri thighinn, tha na cumhachdan ionmhais a bharrachd, a thathar an dùil a thighinn tron Bhile Alba, a’ ciallachadh gum bi cìsean a’ dèanamh suas 48 sa cheud den chaitheamh a tha tiomnaichte. Tha e cudromach gu bheil cothrom aig daoine pàirt a ghabhail ann an deasbad nàiseanta air mar a bu chòir na cumhachdan ùra seo a bhith air an cleachdadh.”
Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ dèanamh nam moladh a leanas:
· Thathar faighneachd de Riaghaltas na h-Alba a bheil iad toilichte gun deach obair gu leòr a dhèanamh le HMRC gus an SRIT a thoirt do dh’aire an t-sluaigh mus tòisich e air 6 Giblean.
· Thathar a’ faighneachd de Riaghaltas na h-Alba airson fiosrachadh air na còmhraidhean aca le HMRC leis an do rinn an Riaghaltas cinnteach gum bi daoine a nì tìodhlacan fon sgeama taic thìodhlacan, no a tha a’ cur airgid a-steach ann an sgeama peinnsein, a’ faighinn faochadh cìse an dèidh don SRIT a thighinn a-steach.
· Tha an aithisg a’ mothachadh gu bheil e soilleir gun robh ‘faighinn air thoiseach’ (‘forestalling’) ann—gun robh cuid de cheannachdan air an toirt air adhart air chor ’s gum faigheadh iad às a’ chìs LBTT—mus tàinig a’ chìs LBTT a-steach anns a’ Ghiblean a chaidh. Tha a’ Chomataidh a’ moladh gu bheil e riatanach, a rèir a’ phrionnsabail ‘gun chron’, gu bheil atharrachadh ann don mheall-ghrannt gus cunntas a thoirt den bhuaidh a thig bhon leithid sin de “faighinn air thoiseach”.
· Mar mheadhan gus cunntas a thoirt den diofar reataichean de dh’fhàs ann an àireamh sluaigh ann an Alba an coimeas ri àitichean eile anns an Rìoghachd Aonaichte, bu chòir gum bithear a’ cleachdadh lùghdachadh a rèir gach pearsa san àireimh sluaigh, gus an ceartachadh don mheall-ghrannt obrachadh a-mach.
· Thathar a’ faighneachd de Riaghaltas na h-Alba a dhèanamh soillier ciamar a fhuair iad am figear de £15,800m mar ‘thuairmse air caiteachas iomlan’ airson riaghaltais ionadail.
Cùl-fhiosrachadh
Fo ìre Albannach na cìse cosnaidh (an SRIT), tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a’ toirt air falbh 10 sgillinn anns an nòta thairis air gin de na h-ìrean airson cìs cosnaidh. Tha cumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba ìre Albannach a shuidheachadh a bhios buinteannach thairis air na trì prìomh bhannan.