Fàilte ga cur aig Taigh an Ròid air mar a chuir an sluagh stic ri pròiseact a’ Ghrèis-bhrat Mhòir

09.03.2016

Tha Grèis-bhrat Mòr na h-Alba a’ faighinn pannal ùr, a tha a’ comharrachadh a’ cheangail leantainnich eadar Pàrlamaid na h-Alba agus Grèis-bhrat a tha am measg nam pròiseactan-ealain as misneachaile ann an Alba. Chaidh am pannal ùr a nochdadh aig Taigh an Ròid.

Bha am pannal grèiste air fhuaigheal le 10,000 duine, a rèir thuairmsean, a tha bho choimhearsnachdan bho air feadh Alba. Tha e a’ comharrachadh a’ phàirt a chluich Pàrlamaid na h-Alba, a chuidich an Grèis-bhrat nuair a chaidh a chur air bhog ann an 2013.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA:

“Le com-pàirteachadh muinntir nan coimhearsnachdan bho Ghleann Rathais gu Glaschu is bho Lerwick gu an Leargaidh Ghallda, tha an Grèis-bhrat Mòr na chomharradh fìor-ruigsinneach de dh’eachdraidh, cultar is poilitigs na h-Alba. Fanaidh Pannal an t-Sluaigh mar chuimhneachan leantainneach de chom-pàirteachadh na Pàrlamaid is a’ phobaill bho air feadh na h-Alba ann an cruthachadh na grèiseadaireachd seo.

“Is fhada gum bi cuimhne agam air na ciudhachan de dhaoine agus dòmhlachadh an t-sluaigh a bha airson an Grèis-bhrat Mòr fhaicinn air an dà thuras a bha an Grèis-bhrat air a thaisbeanadh an seo. Tha Pannal an t-Sluaigh a’ comharrachadh chan ann a-mhàin na prìomh thachartasan ann an sgeul na h-Alba ach an dàimh gun samhail eadar an Grèis-bhrat, am poball agus a’ Phàrlamaid.”

Airson an nochdaidh, bha an neach-ealain Anndra Crummy agus an eachdraiche Alastair Moffat an làthair còmhla ri Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Tricia Marwick BPA. Cuideachd an làthair bha feadhainn den mhòran dhaoine - 10,000 a rèir thuairmsean - a chuir iad fhèin stic ri ‘Pannal an t-Sluaigh’.

Chuir Taigh an Ròid fàilte air a' Ghrèis-bhrat Mhòr nuair a chaidh a thaisbeanadh don chiad turas ann 2013, agus fhuair e furan mòr nuair a thàinig e air ais an ath bhliadhna an dèidh don taisbeanadh dol mun cuairt Alba. Uile gu lèir, tharraing taisbeanadh a' ghrèis-bhrat còrr is 100,000 luchd-tadhail fhad ’s a bha e ann an Taigh an Ròid. Nuair a chaidh a thaisbeanadh don dara turas, bhathar a’ toirt fiathachadh do luchd-tadhail stic a chur ri ‘Pannal an t-Sluaigh’.

Ann am ‘Pannal an t-Sluaigh’ tha dealbhan den ‘luchd-fuaigheil’ a bharrachd air dealbhan de dh’ailtireachd togalach na Pàrlamaid, leithid mullach nan seòmraichean comataidh, a tha ann an cruth bàta bun-os-cionn, agus solais lobaidh a’ ghàraidh a tha ann an cruth dhuilleagan.

Thuirt Anndra Crummy:

“B’ e onair mhòr dhomh am pannal a dhealbhachadh agus b’ e aoibhneas mòr a bhith a’ faicinn nam mìltean de dhaoine a chuir stic ris. Thachair mi air mòran dhaoine a bha air an dòigh gun robh iad air stic a chur ris agus gun robh an cothrom air a bhith aca a chur ri crioman de dh’eachdraidh.”

Thuirt Alastair Moffat:

“Tha Grèis-bhrat Mòr na h-Alba gun samhail - eachdraidh na h-Alba air a dèanamh le mìle Albannach. Thug an luchd-fuaigheil còrr is 100,000 uairean a thìde seachad gus na 162 pannail a chruthachadh, agus chan eil e ach iomchaidh gum bi an cothrom aig daoine bho air feadh an t-saoghail, iadsan a tha air an grèis-bhrat fhaicinn, a bhith a’ cur ris le bhith a’ fuaigheal stic eile anns an sgeul againn.”

Cùl-fhiosrachadh

Aig 143 meatair a dh’fhaid, agus dèante de 160 earranan air leth, b’ e Grèis-bhrat Mòr na h-Alba an obair-ghrèis as fhaide anns an t-saoghal nuair a chaidh a choileanadh ann an 2013.

Tha Pannal an t-Sluaigh air shuidheachadh ann am Prìomh Thalla na Pàrlamaid—àite a bhios ruigsinneach don a h-uile neach-tadhail saor is an-asgaidh.

Bidh Grèis-bhrat Mòr na h-Alba fhèin air a thaisbeanadh aig Verdant Works, taigh-tasgaidh a’ phàipeir ann an Alba, ann an Dùn Dèagh bho 19 Màrt gu 1 Cèitean 2016. 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.