23.03.2016
Chaidh a chur an cèill
gum bi A Mòrachd A’ Bhanrigh a’ toirt
seachad òraid do sheisean ùr Pàrlamaid na h-Alba air
Disathairne 2 Iuchar.
Bithear a’ comharrachadh a’
Chòigeimh Sheisein de Phàrlamaid na h-Alba (2016-2021) ann an deas-ghnàth agus
ann an latha de thachartasan a bhios a’ leantainn air tradisean dùthchasach na h-Alba, agus an sluagh, a’ Phàrlamaid
agus A Mòrachd A’
Bhanrigh air an toirt ri chèile.
Tòisichidh an latha le caismeachd le
Crùn na h-Alba sìos am Mìle Rìoghail gu Taigh an Ròid.
An dèidh sin, bheir A Mòrachd A’ Bhanrigh òraid seachad do Bhuill
Pàrlamaid na h-Alba agus do dh’aoighean fiathaichte anns an t-Seòmar Deasbaid.
Agus bithear “marcachd” sìos am Mìle
Rìoghail gu Taigh an Ròid, a’ leantainn air tradisean Albannach bho na linn a
dh’fhalbh, far an robh a’ mhuinntir a’ marcachd don Phàrlamaid. Ann am Marcachd
a’ Chòigeimh Sheisein, bidh mu 2,000 neach an sàs, a chaidh an roghnachadh gus euchdan
bho gach sgìre-phàrlamaid is gach roinn-phàrlamaid a chomharrachadh.
Anns an fheasgar, thèid dorsan na
Pàrlamaid fhosgladh ri
aoighean agus ris a’ phoball le feasgar fosgailte de chultar Albannach, le
ceòl, dannsa is dràma.
Thuirt An t-Oifigear Riaghlaidh am
Fìor Urr. Tricia Marwick:
“A’ coimhead seach an taghadh ri
thighinn agus gu toiseach a’ Chòigeimh Sheisein de Phàrlamaid na h-Alba, tha e
cothromach gu bheil muinntir na h-Alba air an suidheachadh aon uair eile ann an teas-mheadhan nan
tachartas againn.
Mar Phàrlamaid ùr is nua-aimsireil,
tha sinn fortanach gum faod sinn tarraing air linntean de chultar is tradisean
agus sinn a’ toirt ri chèile an
sluagh, a’ Phàrlamaid agus A Mòrachd A’
Bhanrigh.
Cùl-fhiosrachadh
Thèid barrachd fiosrachaidh air a’ phrògram a chur an cèill anns a’
Chèitean an dèidh an taghaidh.
Clàr-ama na Pàrlamaid
Thig an seisean pàrlamaideach
làithreach, a mhair còig bliadhnachan, gu crìch aig meadhan-oidhche 23 Màrt,
agus tòisichidh “sgaoileadh na Pàrlamaid” sa bhad an dèidh sin air Diardaoin 24
Màrt 2016.
Fo Ghnàth-riaghailtean na Pàrlamaid,
agus an dèidh dhi conaltradh a dhèanamh le ceannardan nam pàrtaidhean, tha an
t-Oifigear Riaghlaidh air Diciadain 11 Cèitean 2016 ainmeachadh mar latha na
ciad choinneimh den t-seisean phàrlamaideach ùr.
Mar a thachair ann an seiseanan
eile, bidh ‘Eaglaiseachadh
na Pàrlamaid’ (Kirking of the Parliament) a’
gabhail àite air an oidhche ron chiad choinneimh den Phàrlamaid ùir. Thèid
Eaglaiseachadh a’ Chòigeimh Sheisein a chumail air Dimàirt 10 Cèitean ann an
Cathair-eaglais Naoimh Giles.
Bidh A Mòrachd A’ Bhanrigh a’ toirt seachad òraid don
Chòigeamh Sheisean de Phàrlamaid na h-Alba air Disathairne 2 Iuchar, mar phàirt
de Sheachdain Rìoghail ann an Alba.
Thèid fiosrachadh air ruigsinneachd
nam meadhanan a chur an cèill an dèidh an taghaidh.