24.01.2017
Bidh obair a’ phoileis
nach eil ga h-adhbhrachadh le eucoir mar chuspair do Chomataidh a’ Cheartais aig Taigh an Ròid an-diugh.
Ged a tha dìon agus lorg eucorach mar ghnìomh bunaiteach aig a’ phoileas, tha an inbhe a tha aca mar sheirbheis mar a’ chiad innleachd agus an innleachd mu dheireadh a’ fàgail gum bi oifigearan a’ cur seachad ùine nach beag a’ dèiligeadh ri daoine a tha so-leònte, air a bheil ciorram a’ cur no a tha air chall.
Tha Comann Leigheis na h-Alba (BMA) ag ràdh gum bi buidhnean-slàinte a’ co-obrachadh gu cunbhalach ris a’ phoileas le daoine air a bheil seargadh-inntinn, iadsan a tha a’ fulang fo chomharraidhean troma galar-inntinn, mì-rian pearsantachd agus cuideachd an fheadhainn a tha air mhisg le drogaichean agus/no deoch-làidir.
Bidh a’ chomataidh a’ meòrachadh air ìre na h-obrach seo a bharrachd, mar a bhios am poileas a’ co-obrachadh ri buidhnean poblach agus mar a dh’fhaodte leasachadh a thoirt air poileasaidhean no cleachdaidhean a bheireadh toraidhean na b’ fheàrr do chomann sòisealta agus don phoileas le chèile.
Thuirt Mairead Mitchell BPA, Neach-gairm Chomataidh a’ Cheartais:
“Tha ùine a’ phoileis na goireas luachmhor, agus tha an dleastanas a tha orra a bhith a’ cumail daoine slàn deatamach fhèin.
Feumar aithneachadh, ge-tà, gu bheil crìochan ris an ìre ris am faodar a bhith an dùil gun dèan iad.
“Tha luchd-ceartais den bheachd anns an fharsaingeachd gun gabh mar a bhios buidhnean poblach agus eagrachaidhean saor-thoileach ag obrachadh leis a’ phoileas leasachadh.
“An-diugh, tha a’ chomataidh airson an suidheachadh a tha ann an-dràsta a sgrùdadh.
“Ann a bhith ga dhèanamh, thèid a’ cheist an e seo taobh de dh’obair a’ phoileis a tha a’ leudachadh a sgrùdadh.
“Thèid a’ bhuaidh a bheir obair nach eil ga h-adhbhrachadh le eucoir a dheasbad agus gabhar beachd air mar a dh’fhaodadh an siostam fàs na b’ fheàrr san àm ri teachd.”
Am measg nam buidhnean a nochdas air beulaibh na comataidh an-diugh tha Poileas Alba, Alzheimer Alba, BMA, Fòram Drogaichean Alba, Obair Shòisealta Alba agus Caidreachas Poileas Alba.
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear pàipearan na comataidh an seo.