01.07.2017
Tha Comataidh a’ Cheartais ann an Taigh an Ròid a’ sireadh bheachdan bhon phoball air molaidhean a chuireadh às do dh’Achd Giùlan Oilbheumach aig Ball-coise is Conaltradh Maoidheach (Alba) 2012.
Chaidh Bile Buill a thoirt a-steach le Seumas Ó Ceallaigh BPA. Bhiodh am Bile a’ cur às don Achd 2012 gu tur, oir tha Mgr Ó Ceallaigh den bheachd gu bheil an lagh an-dràsta “neo-libearalach”, nach eil e a’ cur aghaidh air gràin-chreideimh agus gu bheil laghan eile ann a-cheana a tha a’ dèiligeadh ris na h-eucoirean.
Tha feadhainn eile den bheachd gum bu chòir don Achd a mhairsinn. Tha iadsan a’ cumail nach eil cnap mòr den ghiùlan oilbheumach a thachras aig maidsichean ball-coise air a ghlacadh leis an lagh an-dràsta, agus chan eil bagairtean eile a nithear leis an rùn gu bhith a’ brosnachadh gràin-chreideimh air an glacadh nas motha. Tha beachd ann cuideachd gu bheil èifeachd bacaidh air thighinn bhon Achd 2012.
Thuirt Neach-gairm Comataidh a’ Cheartais, Mairead Mitchell BPA:
“Tha an Achd air beachdan a dhùsgadh, a tha calg-dhìreach an aghaidh a chèile, air dè cho feumail agus dè cho èifeachdach ’s a tha i.
“Tha Comataidh a’ Cheartais airson raon glè fharsaing de bheachdan a chluinntinn mu dheidhinn a’ mholaidh chudromaich seo, a bhiodh a’ gluasad lagh bho leabhar nan reachd.”
Ris a’ cho-chomhairleachadh a rinneadh mus deach am Bile a thoirt a-steach, bha barrachd air 3,200 freagairtean sgrìobhte, le mòr-chuid de luchd-freagairt fàbharach do chur às don Achd.
A-nis ’s gun deach am Bile a thoirt a-steach, tha Comataidh a’ Cheartais togarrach air beachdan daoine a chluinntinn mu dheidhinn a’ mhion-fhiosrachaidh a bharrachd air prionnsabalan a’ Bhile. Faodar freagairtean a chur gu [email protected].
Am measg nam prìomh cheistean a tha a’ Chomataidh a’ faighneachd, tha na leanas:
- A bheil thu ag aontachadh le cur às don Achd 2012? Agus carson a thàinig thu don bheachd sin?
- Am biodh beàrn anns na laghan againn air a cruthachadh tro chur às don Achd, no a bheil reachdas eile ann a nì an gnothach?
- An do chuidich an Achd 2012 aghaidh a chur air gràin-chreideimh?
- Ma thathar a’ cur às don Achd 2012, a bheil thu ag aontachadh leis na molaidhean anns a’ Bhile a bhiodh a’ casg dhìtidhean a bharrachd fon Achd sin?
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air a’ Bhile air làrach-lìn na Pàrlamaid: http://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/105514.aspx