09.01.2018
Chan eil Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd ann an Taigh an Ròid ann an suidheachadh far am faodadh iad cead reachdail a thoirt do Bhile Aonadh Eòrpach (Às-tharraing), a rèir aithisg phàrlamaideach a chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Is e beachd aon-ghuthach na Comataidh gu bheil Clàsa 11 den Bhile, mar a tha e air dhreachdadh an-dràsta, neo-chòrdail ris an rèite fèin-riaghlaidh ann an Alba.
Tha a’ Chomataidh cuideachd ag ràdh gu bheil Clàsa 11, fiù ’s ma chaidh a dhealbhadh mar ullachadh eadar-amail, a’ fàilligeadh meas a thoirt air an rèite fèin-riaghlaidh.
Mar sin, cho-dhùin a’ chomataidh thar-phàrtaidh de BhPA nach bi iad ann an suidheachadh far am faod iad cead reachdail a mholadh don Bhile mura tèid Clàsa 11 a chur às no ullachadh eile a chur na àite.
Thuirt Brus Crawford BPA, Neach-gairm Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd: “Tha a’ Chomataidh aon-ghuthach nam beachd nach eil iad ann an suidheachadh far am faod iad Cead Reachdail a mholadh don Bhile Às-tharraing bhon EU.
“Tha a’ Chomataidh iomlan den bheachd gu bheil Clàsa 11, mar a tha e air dhreachdadh an-dràsta, neo-chòrdail ris an rèite fèin-riaghlaidh ann an Alba.
“Bha am beachd seo air a cho-phàirteachadh leis a’ gharbh-chuid de fhianais eòlaichean a fhuair sinn air Clàsa 11, a chionn ’s gu bheil e a’ riochdachadh gluasad bunachasach ann an structar fèin-riaghlaidh na h-Alba.
“Tha a’ Chomataidh cuideachd den bheachd gu bheil rèiteachadh a dhìth air Clàsa 11, gun umhail ris a’ cheist am faighear dòigh air adhart air Frèamaichean Cumanta.”
A thaobh ‘frèamaichean cumanta’ mar dhòigh airson co-aomadh riaghailteach agus co-chòrdadh poileasaidh air feadh na Rìoghachd Aonaichte a thoirt gu teachd, thuirt Mgr Crawford:
“Tha sinn a’ cur fàilte air a’ ghealltanas bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach bi frèamaichean cumanta air an sparradh oirnn. Tha a’ Chomataidh againn làidir den bheachd gum feum gach cuid am pròiseas a thaobh aontachadh air frèamaichean cumanta agus an susbaint a tha annta air an ruigsinn tro cho-rèiteachadh an àite a bhith air am sparradh. Tha sinn cuideachd a’ creidsinn nach eil am pròiseas airson nan riaghaltasan a-mhàin agus gum feum e a bhith trìd-shoilleir agus ion-ghabhaltach.”
Thuirt an Leas-neach-gairm Adam Tomkins BPA:
“Tha a’ Chomataidh uile a’ cur fàilte air an adhartas a chaidh a dhèanamh eadar Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus na riaghaltasan tiomnaichte gus dòigh-obrach a leasachadh a dh’ionnsaigh aontachadh ri frèamaichean cumanta airson na Rìoghachd Aonaichte, agus tha sinn a’ toirt fa-near gu bheil an obair seo fhathast a’ dol air adhart.
“Gu h-àraidh, tha buill a’ cur fàilte air a’ ghealltanas a thug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun toireadh iad urram don rèite fèin-riaghlaidh.”
Cùl-fhiosrachadh
Tha am Bile air Ìre Comataidh a choileanadh ann an Taigh nan Cumantan, agus tòisichidh Ìre na h-Aithisge air 16 agus 17 Faoilleach 2018. An dèidh sin, beachdaichidh Taigh nam Morairean air a’ Bhile.
Ged a dh’aontaicheadh ri cuid de na h-atharrachaidhean aig Ìre Comataidh a dh’fhaodadh a bhith buntainneach ri beachdachadh na Comataidh air an LCM, cha d’fhuair a’ Chomataidh cothrom fhathast a bhith a’ beachdachadh orra. Tha an aithisg eadar-amail seo a’ toirt fiosrachaidh air beachd na Comataidh air a’ Bhile mar a chaidh a thoirt a-steach.
Cha deach atharrachaidhean a dhèanamh gu Clàsa 11 den Bhile rè Ìre Comataidh.
Tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd a’ toirt fa-near, ge-tà, gun do chomharraich Rùnaire na Stàite airson Alba gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dùil atharrachaidhean a chur sìos gu Clàsa 11.
Foillsichidh a’ Chomataidh aithisg dheireannach air a’ Bhile mus tèid e tron ìre atharrachaidh mu dheireadh ann an Taigh nam Morairean.
Gheibhear an làn aithisg an seo.