24.01.2019
Tha
Comataidh a’ Cheartais ann an Taigh an Ròid air aonta a chur ri planaichean
airson barrachd cleachdadh de fhianais a chaidh a chlàradh ro làimh ann an
cùisean eucoir.
Tha na
h-atharrachaidhean ag amas air lùghdachadh na h-ìre de strèan is
ciùrradh-inntinn a tha luchd-fulaing is luchd-fianais so-leònte a’
faireachdainn anns an t-siostam laghail. Bidh am fòcas an toiseach air clann gu
h-àraid.Ach tha a’
Chomataidh ag iarraidh air an Riaghaltas a dhol nas fhaide na tha e air a bhith
a’ moladh gu ruige seo, le bhith a’ gabhail gu h-iomlan ri prionnsabalan a’
mhodail Lochlannaich ‘Barnahus’ – no Taigh na Cloinne. Tha clàradh na fianaise
ro làimh le agallamhaichean speisealaichte na phàirt chudromach den mhodail seo
a tha am Bile a’ cur an gnìomh mar-thà, ach bu chòir cur an gnìomh eilemaidean
eile, leithid dealbhadh a tha ‘freagarrach do chlann’ agus sochairean sòisealta
is taic cùraim a tha uile ‘fon aon mhaide-droma’. San fhad-ùine, tha a’
Chomataidh a’ creidsinn gum bu chòir gabhail ris an dòigh-obrach far a bheil
‘aon agallamh foireansach’ ann. Tha a’ Chomataidh den bheachd gum b’ urrainn
dha seo a bhith a’ lùghdachadh na h-ìre de chiùrradh-inntinn a bhios clann a’
fulang rè rannsachadh agus gum biodh e a chum leas na cloinne.
Fhuair a’
Chomataidh cuideachd gum bu chòir don Bhile a bhith:
·
air a leudachadh
gus clann a ghabhail a-steach, far a bheil iad nan luchd-fianais ann an cùisean
san Àrd-chùirt no cùirt an t-siorraidh no ann an cùisean dochann san dachaigh,
anns a’ chiad deannan dhiubhsan a tha ion-roghnach airson nan ceumannan ùra;
·
a’ dèanamh
cinnteach gu bheil na proifeiseantaich a tha an sàs ann an ceasnachadh
luchd-fianais a tha nan clann no a tha so-leònte a’ faighinn trèanadh
freagarrach a tha a’ dèiligeadh ri ciùrradh-inntinn;
·
ag amas air fianais
a chlàradh ro làimh cho faisg ’s a b’ urrainnear don chasaid eucoir, nì a
dh’fhaodadh ath-chuimhneachadh air na thachair a leasachadh agus a dh’fhaodadh
leigeil leis an luchd-fianais no luchd-fulaing a bhith a’ togail orra nas
luaithe.
A’
bruidhinn nuair a chaidh an aithisg a chur an cèill, thuirt Neach-gairm
Comataidh a’ Cheartais, Mairead Mitchell BPA:
“Is dòcha
gun robh na thachair a dh’adhbharaich pàiste a bhith na neach-fianais no na
neach-fulaing ann an cùis eucoir sa chùirt glè charraideach mar-thà.
“Mar sin,
tha a’ Chomataidh a’ toirt ar làn thaic ri oidhirpean a lùghdaicheas an strèan
is an ciùrradh-inntinn a thig nan dèidh, a dh’fhaodadh a bhith air an dèanamh
nas miosa leis a’ phròiseas laghail.
“Ach tha
sinn cuideachd a’ creidsinn gum faodadh na h-atharrachaidhean a bhith nas
àrd-mhiannaich. Tha a’ Chomataidh ag iarraidh air a’ phrionnsabal Barnahus a
bhith air a ghabhail ris, air chor ’s gum bi òigridh a’ faighinn taic ‘air
phasgadh umpa’ rè a’ phròiseis laghail agus fhad ’s a tha iad ag
ath-shlànachadh.”
Chuala a’
Chomataidh cuideachd iomagainean bho Riaghaltas na h-Alba a thaobh a’
phrionnsabail Barnahus a thoirt a-steach do shiostam laghail na h-Alba ri linn modh-obrach
còmhragail an siostaim laghail againn. Ach chaidh Barnahus a fhreagarrachadh ri
grunn dhùthchannan le siostaman laghail air leth, nam measg dùthchannan le
traidiseanan còmhragail, agus cha robh a’ Chomataidh den bheachd gum biodh an
dùbhlan seo na chnap-starra nach gabhadh fhuasgladh.
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear
cùl-fhiosrachadh air an sgrùdadh a rinn a’ Chomataidh air a’ Bhile, a’ gabhail
a-steach an turas a rinn iad gu Oslo far an do rinn iad tadhal air Barnahus, anns a’
bhrath naidheachd seo air an turas aca gu Nirribhidh agus anns a’ bhrath
naidheachd seo bhon Chomataidh air a’ ghairm airson fianais.
Chithear na
tagraidhean is stuthan uile eile air sgrùdadh na Comataidh air-loidhne an
seo.
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: