07.02.2019
Tha Comataidh Pàrlamaid na h-Alba air droch easbhaidh a lorg anns an dòigh a chaidh co-chomhairleachadh a dhèanamh mu atharrachaidhean a chaidh a phlanadh air cunntas-sluaigh 2021. Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha iad a’ moladh co-chomhairle nas fharsainge agus a’ moladh atharrachaidhean gus an coltas a sheachnadh gu bheil ‘cineal’ agus ‘dearbh-aithne ghnèitheach’ a’ ciallachadh an aon rud.
Tha a’ Chomataidh Cultair, Turasachd, Roinn Eòrpa agus Chùisean Taobh a-muigh air a bhith a’ sgrùdadh Bile a’ Chunntas-sluaigh (Atharrachadh) (Alba) mar ullachadh airson an ath chunntais a thèid a chumail ann an 2021. Tha am bile a’ moladh gum bu chòir ceistean ùra mu chomhair ghnèitheach agus dearbh-aithne thar-ghnèitheach a bhith saor-thoileach. San stiùireadh aca airson a’ bhile, mhol Clàran Nàiseanta na h-Alba gum bu chòir don cheist cineil àithnteil a bhith a’ gabhail a-steach na roghainn freagairt ‘neo-bhìnearaidh’ a thuilleadh air na freagairtean ‘fireann’ agus ‘boireann’.
Anns an aithisg ìre a h-aon aca, fhuair BPA gu robh an cion co-chomhairleachaidh le raon de bhuidhnean, a’ gabhail a-steach raon farsaing de bhuidhnean bhoireannach, na dhroch easbhaidh anns a’ phròiseas nuair a bha iad a’ beachdachadh air cùisean cineil agus inbhe thar-ghnèitheach. Cho-dhùin a’ Chomataidh gum faoidte mòran de na duilgheadasan sin a sheachnadh, gu h-àraid an coltas gu robh iad a’ measgachadh ciall an fhacail ‘cineal’ le ciall ‘dearbh-aithne ghnèitheach’, nan robh pròiseas co-chomhairleachaidh iomchaidh air a bhith ann.
Mhol a’ Chomataidh cuideachd le mòr-chuid gum bu chòir don ath chunntas a bhith fhathast a’ tairgse ceist le dìreach dà roghainn freagairt – fireann/boireann – gus ìrean freagairt a chur an-àirde agus a bhith cunbhalach ri cunntasan a chaidh roimhe.
Fon reachdas làithreach, feumar a h-uile ceist a fhreagairt seach ceistean mu chreideamh. Dh’aontaich a’ Chomataidh gum biodh e iomchaidh nam biodh ceistean ùra air comhair feisealachd agus dearbh-aithne ghnèitheach/inbhe thar-ghnèitheach saor-thoileach.
Thuirt Seonag NicAilpein BPA, Neach-gairm na Comataidh:
“Is e adhbhar a’ chunntais a bhith a’ nochdadh ar comann-sòisealta gu mionaideach agus a’ cruinneachadh fiosrachadh deatamach airson solarachadh sheirbheisean poblach agus leasachadh poileasaidh. Ach, tha dìth co-chomhairle air a bhith ann le raon de bhuidhnean bhoireannach, agus ’s e a’ bhuil gun deach reachdas fhoillseachadh nach eil freagarrach. Nam bithear air co-chomhairle cheart, làidir a dhèanamh sa chiad àite, dh’fhaoidte tòrr de na cùisean sin a sheachnadh.
“Fhuair a’ Chomataidh cuideachd gu bheil cuid den chànan san reachdas air daoine a chur troimh-a-chèile agus beachd a thoirt seachad gu bheil am Bile a’ meas cineal agus dearbh-aithne ghnèitheach mar gur e an aon rud a th’ annta. Tha sinn air moladh gun dèilig Riaghaltas na h-Alba ris a’ chùis seo le raon cheumannan a’ gabhail a-steach atharrachadh air a’ Bhile aig ìre a dhà.
“Gus an t-uiread fhreagairtean a chur am meud agus dèanamh cinnteach às cunbhalachd, cho-dhùin a’ mhòr-chuid den Chomataidh gum bu chòir dìreach dà fhreagairt a thabhann mar roghainn freagairt na ceiste air cineal. Bidh ceist a bharrachd air dearbh-aithne aig daoine le dearbh-aithne thar-ghnèitheach no neo-bhìnearaidh agus dh’aontaich a’ Chomataidh gum bu chòir seo a bhith saor-thoileach.”
Cùl-fhiosrachadh
Is e adhbhar Bile a’ Chunntas-sluaigh (Atharrachadh) (Alba) freagairtean saor-thoileach a cheadachadh ri ceistean air dearbh-aithne ghnèitheach agus comhair feisealachd sa chunntas-sluaigh.
Thèid beachdachadh air na fìor cheistean a thèid fhaighneachd ann an Cunntas 2021 tro iar-reachdas ann an òrdugh Cunntais, a thèid a sgrùdadh leis a’ Phàrlamaid nas fhaide air adhart.
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: