Feumaidh sinn uile dèiligeadh ri atharrachadh clìomaid sa bhad, tha Comataidh Thaigh an Roid ag ràdh

04.03.2019

Tha Comataidh aig Taigh an Ròid air fàilte a chur air amas na h-Alba gus dèiligeadh ri atharrachadh clìomaid ach tha iad air iarraidh gum bi barrachd cabhaig sa chùis gus nach ruig teas na cruinne ìre chunnartach.

Is e seo aon de na molaidhean ann an aithisg na Comataidh Àrainneachd, Atharrachadh Clìomaid agus Ath-leasachaidh Fearainn aig Pàrlamaid na h-Alba air Bile Atharrachadh Clìomaid (Targaidean Lùghdachadh Sgaoilidhean) (Alba). 

Tha am Bile a’ suidheachadh targaid de lùghdachadh 90% anns a h-uile gas teasachaidh ro 2050 agus ga dhèanamh comasach targaid de lùghdachadh 100% ann an sgaoilidhean gas teasachaidh (ris an canar targaid neoni) bhon bhun-loidhne a chruthachadh san àm ri teachd. Tha e cuideachd a’ toirt a-steach targaidean eadar-amail nas dùbhlanaiche, a’ gabhail a-steach tuiteam 66% ro 2030 ag èirigh gu 78% ro 2040. 

Am measg molaidhean agus co-dhùnaidhean na Comataidh tha: 

-       Chaidh am Bile a dhealbhadh air thoiseach air an aithisg a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid leis a’ Phannal Eadar-riaghaltais air Atharrachadh Clìomaid (IPCC) air a bhith a’ casg àrdachadh teas na cruinne gu 1.5°C. Tha a’ Chomataidh a’ toirt taic do cho-dhùnaidhean na h-aithisge seo agus ag aontachadh gu bheil feum air targaid neoni airson gach gas teasachaidh gus a choileanadh. 

-       Tha targaid 90% dùbhlanach agus bidh targaid neoni na dhùbhlan a bharrachd ach tha e coltach gum bi cothroman mòra ann cuideachd. Tha na buannachdan agus sàbhalaidhean cosgais a thig an lùib ghnìomhan tràth nas motha na buaidh chosgaisean atharrachadh clìomaid. 

-       Bu chòir don Bhile nochdadh nan targaidean as adhartaiche a tha air an stèidheachadh anns a’ chomhairle a thig bhon Chomataidh air Atharrachadh Clìomaid (CCC). Feumaidh Riaghaltas na h-Alba mìneachadh a thoirt seachad ma tha e ag obair an aghaidh comhairle na CCC. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Àrainneachd, Atharrachadh Clìomaid agus Ath-leasachaidh Fearainn, Gillian NicMhàrtainn BPA:  

“Tha a’ Chomataidh againn a’ cur fàilte air toirt a-steach a’ Bhile Atharrachadh Clìomaid agus an cothrom sgrùdadh a dhèanamh air mar as urrainn do dh’Alba a bhith ag obair an aghaidh teasachadh cruinne. 

“Chan fhacas riamh roimhe ann an eachdraidh dhaoine astar agus meud an atharrachaidh a dh’fheumar gus dèiligeadh ri atharrachadh clìomaid agus sgaoilidhean millteach. Tha sinn airson barrachd cabhaig agus gnìomh fhaicinn anns gach pàirt den Riaghaltas, anns na roinnean poblach is prìobhaideach san fharsaingeachd agus le daoine fa leth, gus an t-atharrachadh air a bheil feum a thoirt gu buil airson ar targaidean a lìbhrigeadh. 

“Chunnaic sinn uile am milleadh eagallach a dh’adhbhraich atharrachadh clìomaid air feadh an t-saoghail, agus mar a tha seo a’ bagairt air beatha dhaoine, fiadh-bheatha agus ar n-àrainneachd nàdarra. Sin an t-adhbhar a tha sinn air iarraidh air a’ Bhile na targaidean as adhartaiche a nochdadh, gus dèanamh cinnteach gum faigh na ginealaichean ri teachd saoghal a tha fallain agus seasmhach.” 

Cùl-fhiosrachadh

Faigh a-mach barrachd mun Chomataidh Àrainneachd, Atharrachadh Clìomaid agus Ath-leasachaidh Fearainn.
This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.