05.06.2019
Tha BPAan air Comataidh
na h-Eaconamaidh, Lùth agus Obair Chothromach aig Taigh an Ròid air
moladh an-diugh Bile Comataidh a thoirt a-steach a chuingealaicheadh cothrom
tràth (PRA) do Mhinistearan is oifigich Riaghaltas na h-Alba air prìomh dhàta
eaconamach.
Is e PRA an dòigh air staitistig oifigeil, agus an aithris
sgrìobhte a tha na chois, a shealltainn do dhaoine sònraichte nach robh air a
bhith ag obair gan toirt gu buil,mus tèid am foillseachadh. Anns a’ mhòr-chuid
de chùisean tha seo a’ toirt a-steach Ministearan an Riaghaltais agus na h-oifigich
a bhios gan comhairleachadh.
Thàinig a’ Chomataidh gu beachd na mòr-chuid gum bu chòir stad
a chur air a’ chleachdadh a bhith a’ faighinn cothrom tràth air staitistigean
eaconamach, is e sin GDP agus Clàr Reic Bhùithtean na h-Alba.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Gòrdan
Lindhurst BPA:
“Tha staitistigean nan stòras poblach agus b’ e
raon-dleastanais an rannsachaidh thùsail againn sgrùdadh a dhèanamh air pongalachd,
feumalachd agus tuigse dàta eaconamach.
“Bhon seo rinn sinn 29 moladh a bha ag amas air dàta
eaconamach na h-Alba a leasachadh agus chaidh gabhail ris a’ mhòr-chuid.
“Tha còrr is bliadhna air a bhith ann bho dh’fhoillsich
sinn a’ chiad aithisg againn agus chan eil Riaghaltas na h-Alba air a bheachd
atharrachadh air PRA. Mar sin, tha a’ Chomataidh air co-dhùnadh a dhol air
adhart agus dèiligeadh ri PRA.”
Thuirt Mgr Lindhurst cuideachd:
“Is e ruigsinneachd co-ionann agus sgaoileadh as tràithe na
prionnsapalan a tha aig cridhe a’ Bhile seo a chaidh a mholadh.
“Faodar coimhead air cruinneachadh dàta, ann an aon dòigh,
mar bheag-chùis ach tha e na chnag bunaiteach ann an co-dhùnaidhean riaghaltais
agas gnothachais, ann am poileasaidh sòisealta, anns na meadhanan, agus ann an
inntinn a’ phobaill agus sin an t-adhbhar a tha a’ Chomataidh air tighinn chun a’
cho-dhùnaidh seo.”
An dèidh tighinn chun a’ cho-dhùnaidh seo, mhol a’
Chomataidh trì iallan ann am Bile na Comataidh gus crìoch a chur air a’ chleachdadh
PRA a tha ann an-dràsta.
Nam measg tha:
• toirt air falbh PRA gu h-iomlan airson dà roinn
shònraichte (GDP agus Reic Bhùithtean) de staitistig eaconamach;
• Dòigh-obrach mean air mhean, agus ath-bhreithneachadh
neo-eisimeileach, air buaidh toirt air falbh PRA.
• A’ lùghdachadh bho chòig làithean-obrach gu aon
latha-obrach am PRA airson nan staitistig eaconamach sin far as e còig làithean-obrach
an ìre as àirde.
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear an aithisg fhoillsichte a tha a’ moladh Bile
Comataidh an
seo.
An-dràsta fo Òrdugh Cothrom Ro-Sgaoilidh air Staitistig
Oifigeil (Alba) 2008, tha e a’ toirt cead do PRA staitistig a dh’fhaodadh
buaidh a thoirt air a’ mhargaidh aon latha-obrach aig a’ char as fhaide mus
tèid fhoillseachadh, agus airson staitistig eile còig làithean-obrach aig a’
char as fhaide mus tèid fhoillseachadh.
Cha robh Angela
Constance BPA, Gòrdan
Dòmhnallach BPA, Iain
Mason BPA no Cailean
Beattie BPA airson dol air adhart le Bile Comataidh/ bha iad an aghaidh
a’ mholaidh airson a’ Bhile Comataidh.
Cha bhi
am Bile:
• a’ toirt dad air falbh bho Riaghaltas na h-Alba no a ministearan a tha
aig Riaghaltas na RA agus roinnean sònraichte ann an Whitehall;
• a’ cur chumhachan sam bith air seata sam bith de dhàta seach na roinnean
sin de staitistig eaconamach a tha air an sònrachadh. Cha toir e, mar
eisimpleir, aghaidh air staitistig slàinte no foghlaim, agus;
• a’
ceasnachadh ionracas no proifeiseantachd luchd-staitistig Riaghaltas na h-Alba
no seirbheisich chatharra eile a tha ag obair ann an raon dàta eaconamach no raon
dàta eile.
Contact information
Media Information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: