08.11.2020
Feumaidh Riaghaltas na h-Alba mapa-slighe coileanta airson
ath-bheothachadh uaine bho Covid-19, le co-leanailteachd poileasaidh agus
buidseit aig a chridhe, a chruthachadh mar àrd phrìomhachas, a rèir Comataidh
Àrainneachd, Atharrachadh Gnàth-thìde agus Ath-leasachadh Fearainn aig Taigh an
Ròid.
Anns an aithisg
Ath-bheothachadh Uaine aca a chaidh fhoillseachadh an-diugh, an cois na
h-aithisg sgrùdaidh ro-bhuidseit 2021/22 aca, tha a’ Chomataidh ag ràdh gu
bheil feum againn air dòigh-obrach amalaichte, dàna airson ath-bheothachadh a
tha stèidhichte air caidreachas coimhearsnachd, sunnd agus co-ionannachd, agus
a tha buntainneach don h-uile seòrsa roinn.
Tha a’ Chomataidh a’ moladh
mapa-slighe ath-bheothachadh uaine gus an t-slighe air adhart a stiùireadh: le
loidhnichean-tìm soilleir, dleastanasan lìbhrigidh soilleir thar gach pàirt den
roinn phoblaich, agus planaichean lìbhrigidh soilleir airson gach roinn. Tha
co-thaobhadh buidseit leis na dleastanasan deatamach, mar a tha aithris
chunbhalach (don Phàrlamaid, agus don t-sluagh) agus bu chòir don mhapa-slighe
tuigse choitcheann a sgaoileadh air ar ceann-uidhe – an lèirsinn.
Tha na h-aithisgean cuideachd
ag iarraidh barrachd dealais agus goireasan ionmhais ro-làimh airson oidhirpean
a tha ag amas air faighinn air ais bho Covid-19. Tha a’ Chomataidh a’ dol nas
fhaide, a’ moladh gum feum poileasaidhean, molaidhean agus caitheamh poblach ùr
a chur fo dheuchainnean sònraichte gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a rèir
amasan ro-innleachdail. Tha a’ Chomataidh ag ràdh gu bheil, gu ruige seo, dìth
cunbhalachd poileasaidh air a bhith ann, a tha air amasan agus lìbhrigeadh
bhuilean a lagachadh.
Air an adhbhar seo, tha na
h-aithisgean a’ mìneachadh mholaidhean susbainteach airson ghnìomhan a tha “gu
tric eadar-cheangailte agus a’ dol an lùib a chèile – agus, gus na buannachdan
aca a mheudachadh uiread ’s a ghabhas, feumar an lìbhrigeadh còmhla, agus mar
chùis èiginn”.
A’ bruidhinn mar a chaidh an aithisg a chur air
bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh Gillian
Martin BPA:
“Tha nàdar farsaing nan duilgheadasan
a tha ag èirigh bho Covid-19 agus an èiginn gnàth-thìde agus eag-eòlasach nan
dùbhlan don t-siostam gu lèir: suidheachadh nach fhacas riamh roimhe. Ach tro
Covid, tha muinntir na h-Alba air faicinn dhaibh fhèin mar a bheir mapa-slighe
ciallach, agus ceannardas làidir, an t-atharrachadh a tha a dhìth gu buil nar
poileasaidhean agus nar giùlan, agus aig an astar a tha a dhìth.
“Feumaidh Alba an spionnadh
seo a chur gu feum, agus na cothroman a tha an dà chuid ann am Buidseat 2021-22
agus ùrachadh a’ Phlana Atharrachadh Gnàth-thìde, gus eaconamaidh le sgaoilidhean
net-zero a chruthachadh.
“Feumar tòrr a dhèanamh agus
a dhèanamh sa bhad. Feumaidh sinn deagh ghiùlan a ghlacadh agus a glèidheadh,
ro-thasgadh a dhèanamh ann am fuasglaidhean beag-charboin agus seasmhachd a
thogail tro bhith a’ cur luach nas motha ann an saoghal nàdair. Feumaidh sinn
dèiligeadh ris a’ bheàrn buileachaidh, far an deach fuasglaidhean a
chomharrachadh mar-thà ach nach deach an cur an sàs, agus dèiligeadh ri
neo-sheasmhachd poileasaidh, far nach eil pàirtean den Riaghaltas, agus an
roinn phoblach san fharsaingeachd, ag obair còmhla.
“Mar bhunait ri seo, feumaidh
sinn fòcas a chur air daoine, ùr-ghnàthachadh, sgilean agus obraichean. Feumar
taic ionmhasail airson ath-bheothachadh uaine a mheudachadh gu mòr cuideachd, a
dhèanamh ro-làimhe agus a bhith an urra ri lìbhrigeadh bhuilean nàiseanta
timcheall air èiginn gnàth-thìde agus bith-iomadachd.
“Ghabh a’ Chomataidh againn
ri fianais fharsaing rè an rannsachaidh agus bu chòir do na molaidhean againn a
bhith nan deagh thoiseach tòiseachaidh airson a’ ghrad leum a dh’fheumas sinn a
dhèanamh gus ath-bheothachadh fìor uaine a thoirt gu buil ann an Alba –
ath-bheothachadh far nach tèid duine fhàgail air dheireadh.”
Am measg nam prìomh
mholaidhean aca, tha a’ Chomataidh air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba;
·
Misean
ùr a thoirt don Bhuidheann Eadar-Mhinistreil air Co-leanailteachd Poileasaidh
airson Leasachadh Seasmhach agus Fo-chomataidh a’ Chaibineit air Atharrachadh Gnàth-thìde,
mar bhuidheann ath-bheothachadh uaine gus an t-Ath-bheothachadh Uaine a
stiùireadh air feadh nan roinnean poblach is prìobhaideach – leis a’ Phrìomh
Mhinistear sa chathair.
·
Plana
conaltraidh is aithris a chur an gnìomh le fios cunbhalach ga thoirt
seachad mu dhleastanasan, dhùilean,
adhartas agus na h-ath cheumannan (don Phàrlamaid agus don Nàisean) leis a’
Phrìomh Mhinistear, co-obraichean Caibineit agus an fheadhainn a tha a’ toirt
seachad an fhianais agus a’ chomhairle.
·
Ath-bhreithneachadh
a dhèanamh air an reachdas stèidheachaidh airson a h-uile buidheann poblach gus
dèanamh cinnteach gu bheil dèiligeadh ri èiginn gnàth-thìde agus eag-eòlais aig
cridhe riatanasan reachdail a chuirear air na h-uile a gheibh maoineachadh san
roinn phoblaich.
·
Sgrùdadh
sgilean agus plana gnìomha a dhèanamh a bheir ath-sgilean agus leasachadh
sgilean don fheadhainn a tha feumach air, gus am bi daoine a’ gluasad air
adhart gu obraichean uaine carboin-ìosail, gun bheàrn ann an cosnadh.
·
Obair
còmhla ri Riaghaltas na RA gus brosnachadh tasgaidh mòr gu leòr a
cho-òrdanachadh agus a mhaoineachadh.
·
Dèanamh
cinnteach gu bheil tasgaidhean calpa carbon ìosal air an lìbhrigeadh tro
obraichean uaine gus taic a thoirt do ath-bheothachadh – le ro-chosgais Buidseit
2021-22 agus tro phlanaichean caiteachais ioma-bliadhna leithid a’ Phlana
Tasgadh Bun-structair agus an t-Ath-bhreithneachadh Caiteachas Calpa.
·
Plana
Calpa Nàdarra a dheasachadh airson na h-Alba, bun-loidhne calpa nàdarra a
stèidheachadh le aithisgean sgrùdaidh gus sùil a chumail air adhartas agus
planaichean airson obraichean a chruthachadh a cho-thaobhadh ris an fheum air
fuasglaidhean stèidhichte air nàdar/àrdachadh calpa nàdarra.
·
Ro-innleachd
tasgaidh uaine a mhìneachadh agus an ìre so-mhaoin a tha ri fhaighinn le Banca
Tasgadh Nàiseanta na h-Alba airson iasad a mheudachadh.
·
Maoin
iomairt a stèidheachadh gus taic ionmhais a thoirt seachad a’ gabhail a-steach
tabhartasan agus iasadan aig prìs ìosal, gus taic a thoirt do mhodalan gnìomhachais
a tha air nochdadh mar thoradh air ùr-ghnàthachadh aig àm bacadh gluasaid Covid.
·
Taic a
thoirt do bhith a’ togail comas ann an coimhearsnachdan agus a’ prìomhachadh
agus a’ maoineachadh cruthachadh mòr-ionadan obair coimhearsnachd a tha
ceangailte ri goireasan cùram-cloinne agus àiteachan coimhearsnachd.
Cùl-fhiosrachadh
San Ògmhios 2020 chuir a’
Chomataidh air bhog rannsachadh goirid air ‘ath-bheothachadh uaine’ gus
prionnsapalan a stèidheachadh a dh’fhaodadh a bhith mar bhunait air
ath-bheothachadh uaine, gus prìomh ghnìomhan atharrachaidh a chomharrachadh,
prìomhachasan tràtha, cnapan-starra a dh’fhaodadh a bhith ann an aghaidh
buileachadh agus na rèiteachaidhean riaghlaidh a dh’fheumar gus seo a
lìbhrigeadh. Fhuaras còrr air 100 freagairt.
Gairm
bheachdan
Freagairtean
a fhuaras
Chùm a’ Chomataidh seiseanan
fianais beòil le eòlaichean agus luchd-ùidh san t-Sultain (8, 15 agus 22
Sultain 2020) agus chuala iad bho Rùnaire a’ Chaibineit airson na
h-Àrainneachd, Atharrachadh Gnàth-thìde agus Ath-leasachadh Fearainn agus
Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhais air 6 Dàmhair 2020.
Chan eil an aithisg seo na
h-aonar, ach na pàirt de shreath aithisgean o chionn ghoirid bho bhuidhnean
leithid Coimisean Just Transition, Comataidh na RA air Atharrachadh Gnàth-thìde,
Coimisean Bun-structair na h-Alba agus a’ Bhuidheann Comhairleachaidh air
Ath-bheothachadh Eaconamach.
Tha grunn chomataidhean
pàrlamaid cuideachd a’ beachdachadh air buaidhean agus pròiseasan
ath-bheothachaidh Covid-19 airson na h-Alba agus, leis cho farsaing sa tha an
aithisg seo, tha a’ Chomataidh a’ co-obrachadh le comataidhean air feadh na
Pàrlamaid mu na co-dhùnaidhean aca.
Bidh Buidheann Chorporra
Pàrlamaid na h-Alba a’ làimhseachadh dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus
aithris air obair Pàrlamaid na h-Alba a dhèanamh comasach, a rèir riatanasan
dìon dàta làithreach. Tha a’ chòir agad dì-chlàradh aig àm sam bith. Airson
tuilleadh fiosrachaidh faic ar Sanas Prìobhaideachd.