Tha Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair a' toirt seachad fiosrachadh bunaiteach mun Phàrlamaid agus a h-obair. Anns a' bhileig, tha earrannan ann mu mar a thèid BPA a thaghadh, mar a bhios comataidhean ag obair, agus mar a nì a' Phàrlamaid laghan.
Seo tionndadh den bhileig Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair a tha sgrìobhte ann an Gàidhlig shimplidh gun seantansan fada. Tha i a' mìneachadh dè nì Pàrlamaid na h-Alba agus mar a tha i ag obair.
Tha a' bhileag Dè bhios a' tachairt ann an Seòmar Deasbaid Pàrlamaid na h-Alba a' mìneachadh dè bhios a' tachairt anns an t-seòmar. Tha fiosrachadh ann cuideachd mu chruth an t-Seòmair.
Tha an leabhran Comataidhean Pàrlamaid na h-Alba - dè a th' annta agus dè bhios iad a' dèanamh? a' mìneachadh nan dòighean-obrach aig comataidhean an obair aca: rannsachaidhean, a' sgrùdadh reachdas agus a' cumail Riaghaltas na h-Alba cunntachail.
'S e an Aithisg Oifigeil an clàr oifigeil den a h-uile rud a thèid a ràdh aig coinneamhan poblach aig Pàrlamaid na h-Alba agus a comataidhaen. Tha a' bhileag seo a' mìneachadh dè th' anns an Aithisg Oifgeil agus a' mineachadh mar a thèid a dhèanamh.